VisitScotland Business Events Travel Trade Corporate Media Toolkit

Utilizamos cookies

Usamos cookies para mejorar su experiencia en este sitio.

Puede aceptar nuestra política de cookies o personalizar sus opciones.

Por favor, consulte nuestra Política de Cookies para más información.

Administrar la configuración de cookies
The Leaderfoot Viaduct

Chan eil dad nas fheàrr na Alba air an sgrion

Thathar a’ cleachdadh sàr fhilmichean leithid Brave aig Disney/Pixar, Andor a bhuineas ri saoghal Star Wars, Indiana Jones and the Dial of Destiny agus Avengers: Endgame aig Marvel gus taisbeanadh a dhèanamh air Alba dhan t-saoghal mhòr mar phàirt de chom-pàirteachas le sgeulachdan is meadhanan eadar VisitScotland agus National Geographic CreativeWorks.

Tha an iomairt margaidheachd a’ cleachdadh dhealbhan-camara a tha National Geographic CreativeWorks, pàirt de Chompanaidh Walt Disney, air a thoirt seachad a dh’aona-ghnothach airson na h-iomairt gus taisbeanadh a dhèanamh air tòrr àiteachan ann an Alba a tha air nochdadh ann an, no air brosnachadh a thoirt do, shàr fhilmichean is prògraman telebhisein bho Disney/Pixar, Star Wars, Lucasfilm agus Marvel.

Thèid artaigilean is ìomhaighean fhoillseachadh air-loidhne, a chaidh a dhèanamh airson na buidhne turasachd nàiseanta VisitScotland, air sianalan didseatach National Geographic agus thèid sanasachd a dhèanamh orra tro na meadhanan sòisealta aca eadar Am Faoilleach is am Màrt 2024.

Gus cuideachadh leis an iomairt seo, thèid sanas 30-diog a shealltainn air Disney+ sna Stàitean Aonaichte, thairis air an aon ùine, a bhios a’ sealltainn àiteachan ann an Alba a tha air a bhith mar bhrosnachadh do, no air nochdadh ann an, sgeulachdan Disney. Tha VisitScotland an dòchas gum bi an iomairt – a tha ag amas air margaidhean luchd-tadhail nan Stàitean agus na RA – a’ tarraing aire nan iomadh duine a tha dèidheil air Disney, Star Wars and Marvel agus nan daoine leis an toil e a bhith a’ tadhal air àiteachan far an deach filmichean is prògraman a dhèanamh (turasachd an sgrion).

Thathar an dùil gun lean buaidh turasachd an sgrion – a tha air a bhith glè shoirbheachail ann an Alba o chionn bheagan bhliadhnaichean ri linn leithid Outlander – am-bliadhna, a rèir eòlaichean-siubhail leithid Expedia is Skyscanner.

Leis an t-seòrsa turasachd seo, bidh luchd-amhairc a’ tadhal air àite às dèidh dhaibh fhaicinn air an sgrion, co-dhiù a tha iad a’ tadhal air an dearbh làrach far an deach filmeadh a dhèanamh no a tha iad air làithean-saora a ghleidheadh ann an sgìre no dùthaich mar thoradh air na chunnaic iad.

Tha rannsachadh VisitScotland a’ sealltainn gum bi suas ri 18% de dhaoine bho phrìomh mhargaidhean eadar-nàiseanta na h-Alba (Na Stàitean, An Fhraing agus a’ Ghearmailt) a’ tadhal air àite co-cheangailte ri film no TBh nuair a bhios iad air làithean-saora ann an Alba.* An-uiridh, thill figearan airson margaidh nan Stàitean Aonaichte chun na h-ìre aig an robh iad ron ghalar mhòr-sgaoilte.

A rèir Expedia, tha còrr is leth de luchd-siubhail ag ràdh gum bi prògraman TBh agus filmichean a’ toirt buaidh air na planaichean siubhail aca, agus tha cha mhòr 30% ag ràdh gu bheil iad a’ toirt barrachd buaidhe orra na thug riamh roimhe – agus fianais ann gu bheil prògraman TBh a’ tarraing barrachd dhaoine gu cinn-uidhe na Instagram, Facebook, agus TikTok.**

Tha an iomairt a’ tighinn às dèidh do Disney a bhith a’ comharrachadh a’ 100mh ceann-bliadhna aca, agus sa bhliadhna sin dh’fhoillsich iad rannsachadh a sheall gum bu toil le daoine san RA a tha measail air Disney Loch Nis agus Caisteal Dhùn Èideann fhaicinn ann am filmichean Disney san ùine air thoiseach.*

Am measg nan àiteachan a chithear ann an iomairt VisitScotland, tha:

Glaschu – a chaidh atharrachadh gu bhith coltach ri New York sna 1960an airson an t-seallaidh le caismeachd ann an Indiana Jones and the Dial of Destiny (2023). • St Abbs ann an Crìochan na h-Alba – a chaidh a chleachdadh airson Nuadh Asgard, dachaigh Thor, airson Avengers: Endgame aig Marvel (2019), agus nuair a bha filmeadh seachad, thog am baile dàimh-cèile eadar iad fhèin agus an tìr mhiotasach. • Drochaid-rèile Leaderfoot, faisg air Maolros ann an Crìochan na h-Alba – a chaidh a chleachdadh airson pàirt den tòrachd air an trèana ann an Indiana Jones and the Dial of Destiny (2023). • Caisteal Dhunnottar ann an Siorrachd Obar Dheathain agus Clachan Chalanais ann an Leòdhas – a chleachd na beòthadairean aig Disney/Pixar gus cuideachadh le bhith a’ cruthachadh a’ film, Brave (2012). • Gleann Teilt ann an Siorrachd Pheairt agus Dam Chruachain ann an Earra-Ghàidheal – a chaidh a chleachdadh mar chùl-dhealbh airson creach a thog na reubaltaich san t-sreath Star Wars air Disney+, Andor (2022). • Cuileann Ros ann am Fìobha – a chaidh a chleachdadh mar Nirribhidh mar phàirt de Captain America: The First Avenger (2011) aig Marvel a bha stèidhichte san Dàrna Cogadh. • Dùn Èideann – far an robh Avengers a’ strì an aghaidh Thanos agus a luchd-leantainn ann an Avengers: Infinity War (2018) aig Marvel, agus dachaigh do Greyfriars Bobby mun deach film Disney a dhèanamh ann an 1961 leis an aon ainm.

Thuirt Vicki Miller, Stiùiriche na Margaidheachd aig VisitScotland: “Tha tìr na h-Alba air a bhith mar chùl-dhealbh drùidhteach is tarraingeach airson cuid de na filmichean is sreathan TBH as iomraitiche a th’ ann san t-saoghal. O chionn fhada, tha luchd-turais nan seataichean air Alba – fìor rionnag nam filmichean is an TBh – a roghnachadh mar cheann-uidhe às dèidh dhaibh a faicinn air an sgrion.

“Le bhith ag obair còmhla ri National Geographic CreativeWorks agus Disney+ chan e a-mhàin gum faigh sinn cothrom sanasachd a dhèanamh air na làraich fhilmichean againn airson leithid Indiana Jones, Star Wars, Brave agus na Avengers, ach cuideachd ’s urrainn dhuinn ceangal a dhèanamh ris an liuthad dhaoine san RA agus sna Stàitean Aonaichte a tha a’ coimhead air na sianalan is meadhanan aca. Le sin, ’s urrainn dhuinn daoine a bhrosnachadh is a phiobrachadh gu bhith a’ beachdachadh air tighinn air turas a dh’Alba.

“Chan eil anns na làraich fhilmidh sin ach mar a’ chiad cheum dhuinne, mar mheadhan gus luchd-tadhail a bhrosnachadh gu bhith a’ cur eòlas air àiteachan eile air falbh bho làraich nam filmichean cuideachd agus air an iomadh cùis iongnaidh is tlachd a gheibhear nar cruthan-tìre, eachdraidh agus dualchas air feadh ar sgìrean agus air feadh na bliadhna.”

Thuirt Acacia Johnson, Dealbhair-camara aig National Geographic, a thog na dealbhan airson na h-iomairt: “Chan eil mòran àiteachan air an do thadhail mi a thug uiread buaidhe orm agus mi a’ faireachdainn gun robh mi ann an tìr nam fionn-sgeul – tìr an litreachais. Bha mi a’ faireachdainn anns gach àite air an do thadhail mi ann an Alba gun robh e mar àite far an tigeadh sgeulachd mhòr gu bith. Anns gach ceàrnaidh, dhrùidh bòidhchead nàdair orm, sin agus cruth na tìre, freumhan na h-eachdraidh, agus mar a dh’atharraicheadh an t-sìde agus an solas mar thaisbeanadh iongantach.”

Gheibhear artaigilean na h-iomairt an seo: https://www.nationalgeographic.com/travel/article/paid-content-disney-scottish-inspirations http://www.nationalgeographic.com/travel/slideshow/paid-content-spirited-scotland

DEIREADH

*Airson barrachd air Turasachd an Sgrion tadhlaibh air: Buaidh fhilmichean, TBh agus litreachais air turasachd | VisitScotland.org

** Rannsachadh Expedia air luchd-turais nan seataichean: https://www.expedia.co.uk/travel-trends-unpack-24/set-jetting-forecast/ Pàtranan siubhail aig Skyscanner: UK Travel Trends 2024 | Skyscanner UK

* Rannsachadh sònraichte, a chaidh a bharantachadh le Disney UK (tro Censuswide), a fhuair a-mach – nuair a chaidh faighneachd do luchd-freagairt san RA dè na h-àiteachan a bu toil leotha fhaicinn ann am filmichean Disney ùra – gur e an Lake District a bu mhotha a mhol iad (14%), an uair sin Loch Nis (10%) agus Caisteal Dhùn Èideann (10%) ann an Alba: https://thewaltdisneycompany.eu/disney100thelandmarks/

Chan eil dad nas fheàrr na Alba air an sgrion

Tipo de asset post
ID 398691
Recuento de palabras 1381 palabras

Licencia

Licencia Editorial A Licence to use assets for editorial purposes, which is, to illustrate an event or story in an article but not commercially such as marketing a product or print ad. An Editorial asset may show a brand, a trademarked logo or product, a public personality, or recognisable people, without a signed release or with limited releases. When you use VisitScotland Editorial content you do so to illustrate Scottish tourism in a positive way.
Vencimiento No caduca
Liberado
Añadido en

Etiquetas