Wir verwenden Cookies
Wir verwenden Cookies, um Ihre Erfahrung auf dieser Website zu verbessern.
Sie können unsere Cookie-Richtlinie akzeptieren oder Ihre Auswahl anpassen.
Bitte lesen Sie unsere Cookie-Richtlinie für weitere Informationen.
Thathar a’ cleachdadh sàr fhilmichean leithid Brave aig Disney/Pixar, Andor a bhuineas ri saoghal Star Wars, Indiana Jones and the Dial of Destiny agus Avengers: Endgame aig Marvel gus taisbeanadh a dhèanamh air Alba dhan t-saoghal mhòr mar phàirt de chom-pàirteachas le sgeulachdan is meadhanan eadar VisitScotland agus National Geographic CreativeWorks.
Tha an iomairt margaidheachd a’ cleachdadh dhealbhan-camara a tha National Geographic CreativeWorks, pàirt de Chompanaidh Walt Disney, air a thoirt seachad a dh’aona-ghnothach airson na h-iomairt gus taisbeanadh a dhèanamh air tòrr àiteachan ann an Alba a tha air nochdadh ann an, no air brosnachadh a thoirt do, shàr fhilmichean is prògraman telebhisein bho Disney/Pixar, Star Wars, Lucasfilm agus Marvel.
Thèid artaigilean is ìomhaighean fhoillseachadh air-loidhne, a chaidh a dhèanamh airson na buidhne turasachd nàiseanta VisitScotland, air sianalan didseatach National Geographic agus thèid sanasachd a dhèanamh orra tro na meadhanan sòisealta aca eadar Am Faoilleach is am Màrt 2024.
Gus cuideachadh leis an iomairt seo, thèid sanas 30-diog a shealltainn air Disney+ sna Stàitean Aonaichte, thairis air an aon ùine, a bhios a’ sealltainn àiteachan ann an Alba a tha air a bhith mar bhrosnachadh do, no air nochdadh ann an, sgeulachdan Disney. Tha VisitScotland an dòchas gum bi an iomairt – a tha ag amas air margaidhean luchd-tadhail nan Stàitean agus na RA – a’ tarraing aire nan iomadh duine a tha dèidheil air Disney, Star Wars and Marvel agus nan daoine leis an toil e a bhith a’ tadhal air àiteachan far an deach filmichean is prògraman a dhèanamh (turasachd an sgrion).
Thathar an dùil gun lean buaidh turasachd an sgrion – a tha air a bhith glè shoirbheachail ann an Alba o chionn bheagan bhliadhnaichean ri linn leithid Outlander – am-bliadhna, a rèir eòlaichean-siubhail leithid Expedia is Skyscanner.
Leis an t-seòrsa turasachd seo, bidh luchd-amhairc a’ tadhal air àite às dèidh dhaibh fhaicinn air an sgrion, co-dhiù a tha iad a’ tadhal air an dearbh làrach far an deach filmeadh a dhèanamh no a tha iad air làithean-saora a ghleidheadh ann an sgìre no dùthaich mar thoradh air na chunnaic iad.
Tha rannsachadh VisitScotland a’ sealltainn gum bi suas ri 18% de dhaoine bho phrìomh mhargaidhean eadar-nàiseanta na h-Alba (Na Stàitean, An Fhraing agus a’ Ghearmailt) a’ tadhal air àite co-cheangailte ri film no TBh nuair a bhios iad air làithean-saora ann an Alba.* An-uiridh, thill figearan airson margaidh nan Stàitean Aonaichte chun na h-ìre aig an robh iad ron ghalar mhòr-sgaoilte.
A rèir Expedia, tha còrr is leth de luchd-siubhail ag ràdh gum bi prògraman TBh agus filmichean a’ toirt buaidh air na planaichean siubhail aca, agus tha cha mhòr 30% ag ràdh gu bheil iad a’ toirt barrachd buaidhe orra na thug riamh roimhe – agus fianais ann gu bheil prògraman TBh a’ tarraing barrachd dhaoine gu cinn-uidhe na Instagram, Facebook, agus TikTok.**
Tha an iomairt a’ tighinn às dèidh do Disney a bhith a’ comharrachadh a’ 100mh ceann-bliadhna aca, agus sa bhliadhna sin dh’fhoillsich iad rannsachadh a sheall gum bu toil le daoine san RA a tha measail air Disney Loch Nis agus Caisteal Dhùn Èideann fhaicinn ann am filmichean Disney san ùine air thoiseach.*
Am measg nan àiteachan a chithear ann an iomairt VisitScotland, tha:
• Glaschu – a chaidh atharrachadh gu bhith coltach ri New York sna 1960an airson an t-seallaidh le caismeachd ann an Indiana Jones and the Dial of Destiny (2023). • St Abbs ann an Crìochan na h-Alba – a chaidh a chleachdadh airson Nuadh Asgard, dachaigh Thor, airson Avengers: Endgame aig Marvel (2019), agus nuair a bha filmeadh seachad, thog am baile dàimh-cèile eadar iad fhèin agus an tìr mhiotasach. • Drochaid-rèile Leaderfoot, faisg air Maolros ann an Crìochan na h-Alba – a chaidh a chleachdadh airson pàirt den tòrachd air an trèana ann an Indiana Jones and the Dial of Destiny (2023). • Caisteal Dhunnottar ann an Siorrachd Obar Dheathain agus Clachan Chalanais ann an Leòdhas – a chleachd na beòthadairean aig Disney/Pixar gus cuideachadh le bhith a’ cruthachadh a’ film, Brave (2012). • Gleann Teilt ann an Siorrachd Pheairt agus Dam Chruachain ann an Earra-Ghàidheal – a chaidh a chleachdadh mar chùl-dhealbh airson creach a thog na reubaltaich san t-sreath Star Wars air Disney+, Andor (2022). • Cuileann Ros ann am Fìobha – a chaidh a chleachdadh mar Nirribhidh mar phàirt de Captain America: The First Avenger (2011) aig Marvel a bha stèidhichte san Dàrna Cogadh. • Dùn Èideann – far an robh Avengers a’ strì an aghaidh Thanos agus a luchd-leantainn ann an Avengers: Infinity War (2018) aig Marvel, agus dachaigh do Greyfriars Bobby mun deach film Disney a dhèanamh ann an 1961 leis an aon ainm.
Thuirt Vicki Miller, Stiùiriche na Margaidheachd aig VisitScotland: “Tha tìr na h-Alba air a bhith mar chùl-dhealbh drùidhteach is tarraingeach airson cuid de na filmichean is sreathan TBH as iomraitiche a th’ ann san t-saoghal. O chionn fhada, tha luchd-turais nan seataichean air Alba – fìor rionnag nam filmichean is an TBh – a roghnachadh mar cheann-uidhe às dèidh dhaibh a faicinn air an sgrion.
“Le bhith ag obair còmhla ri National Geographic CreativeWorks agus Disney+ chan e a-mhàin gum faigh sinn cothrom sanasachd a dhèanamh air na làraich fhilmichean againn airson leithid Indiana Jones, Star Wars, Brave agus na Avengers, ach cuideachd ’s urrainn dhuinn ceangal a dhèanamh ris an liuthad dhaoine san RA agus sna Stàitean Aonaichte a tha a’ coimhead air na sianalan is meadhanan aca. Le sin, ’s urrainn dhuinn daoine a bhrosnachadh is a phiobrachadh gu bhith a’ beachdachadh air tighinn air turas a dh’Alba.
“Chan eil anns na làraich fhilmidh sin ach mar a’ chiad cheum dhuinne, mar mheadhan gus luchd-tadhail a bhrosnachadh gu bhith a’ cur eòlas air àiteachan eile air falbh bho làraich nam filmichean cuideachd agus air an iomadh cùis iongnaidh is tlachd a gheibhear nar cruthan-tìre, eachdraidh agus dualchas air feadh ar sgìrean agus air feadh na bliadhna.”
Thuirt Acacia Johnson, Dealbhair-camara aig National Geographic, a thog na dealbhan airson na h-iomairt: “Chan eil mòran àiteachan air an do thadhail mi a thug uiread buaidhe orm agus mi a’ faireachdainn gun robh mi ann an tìr nam fionn-sgeul – tìr an litreachais. Bha mi a’ faireachdainn anns gach àite air an do thadhail mi ann an Alba gun robh e mar àite far an tigeadh sgeulachd mhòr gu bith. Anns gach ceàrnaidh, dhrùidh bòidhchead nàdair orm, sin agus cruth na tìre, freumhan na h-eachdraidh, agus mar a dh’atharraicheadh an t-sìde agus an solas mar thaisbeanadh iongantach.”
Gheibhear artaigilean na h-iomairt an seo: https://www.nationalgeographic.com/travel/article/paid-content-disney-scottish-inspirations http://www.nationalgeographic.com/travel/slideshow/paid-content-spirited-scotland
DEIREADH
*Airson barrachd air Turasachd an Sgrion tadhlaibh air: Buaidh fhilmichean, TBh agus litreachais air turasachd | VisitScotland.org
** Rannsachadh Expedia air luchd-turais nan seataichean: https://www.expedia.co.uk/travel-trends-unpack-24/set-jetting-forecast/ Pàtranan siubhail aig Skyscanner: UK Travel Trends 2024 | Skyscanner UK
* Rannsachadh sònraichte, a chaidh a bharantachadh le Disney UK (tro Censuswide), a fhuair a-mach – nuair a chaidh faighneachd do luchd-freagairt san RA dè na h-àiteachan a bu toil leotha fhaicinn ann am filmichean Disney ùra – gur e an Lake District a bu mhotha a mhol iad (14%), an uair sin Loch Nis (10%) agus Caisteal Dhùn Èideann (10%) ann an Alba: https://thewaltdisneycompany.eu/disney100thelandmarks/