Croft 36

Film aithriseach a’ toirt sùil air croitearan

Tha film aithriseach ùr bho VisitScotland gu bhith ag innse na sgeulachd aig boireannach a ghluais dha na h-Eileanan Siar còmhla ris an duine aice agus a tha a-nis a’ reic biadh maoraich, agus an t-aran is na cèicean aice fhèin bho bhùth le ‘bogsa-earbsa’.

’S ann às dèidh do Julie Olley agus an duine aice Steve tadhal air Uibhist air làithean-saora ann an 1998 a thòisich am meas mòr a th’ aca air na h-eileanan. Agus bliadhna às dèidh sin ghluais iad dha na h-Eileanan Siar, agus iad a’ gabhail gabhaltas os làimh airson ‘Croit 36’ anns na Hearadh. Rinn iad leasachaidhean air a’ chroit, agus chuir iad glasraich a bhiodh iad a’ reic aig margaidh nan tuathanach ann an Steòrnabhagh agus ri daoine a bhiodh a’ dol seachad air a’ chroit.

A-nise, agus 25 bliadhna air a dhol seachad, tha Julie is Steve air leudachadh gu mòr air na tha iad a’ tabhainn a thaobh biadh, agus iad a’ reic cheapairean le biadh na mara air an aran aca fhèin, agus brot agus bèicearachd bho bhùth le bogsa-earbsa taobh a-muigh an taigh aca.

Tha VisitScotland air sreath de dh’fhilmichean aithriseach goirid a dhèanamh airson luchd-amhairc eadar-nàiseanta. ’S e a tha fa-near dhuinn leis na filmichean sgeulachdan innse mu dhaoine agus àiteachan inntinneach a tha a’ sealltainn mar as urrainn do luchd-tadhail ceangal a dhèanamh ri is eòlas a chur air nàdar is air a’ bhlàr a-muigh nuair a thig iad a dh’Alba.

Tha na filmichean aithriseach goirid, a chithear air sianail YouTube VisitScotland, a’ togail air raointean turasachd air a bheil fèill mhòr, leithid biadh is deochan agus am blàr a-muigh, agus tha iad a’ dèanamh taisbeanadh air na cothroman is buidhnean turasachd air leth a gheibhear air feadh Alba.

Ann an bhidiothan eile chithear Bunabhainneadar (Bun Abhainn Eadarra, an cùirt teanais as sònraichte ann an Alba, a tha cuideachd sna Hearadh); na River Dee Damsels, buidheann iasgaich do bhoireannaich bho Oir Dhè Rìoghail, a bhios a’ brosnachadh barrachd bhoireannach gu bhith ag iasgach le slat.

Thuirt Julie Olley, aig a bheil Croft 36: “Thòisich sinn ann an 2010 air biadh na mara blàth a thabhainn do luchd-tadhail agus muinntir an àite, b’ iad daoine bho thaighean làithean-saora, làraich-champachaidh, bhanaichean-campachaidh agus teantaichean a bu mhotha a bhiodh a’ ceannach bhuainn. Bha iarraidh mhòr air agus bha sinn a’ cleachdadh crùbag, muasgain-chaola, giomach agus feusgain bhon àite – a h-uile rud a gheibheamaid gu h-ionadail – agus bhitheamaid a’ dèanamh biadh le trì cùrsaichean do dhaoine.

“Na b’ fhaide air a’ bhliadhna sin thòisich sinn air crùbag ullaichte a reic bho bhùth bheag sa phàirce-chàraichean againn, agus chòrd sin ri daoine. A bharrachd air crùbag, bhitheamaid a’ reic an arain is nan cèicichean againn fhìn. Air an ath bhliadhna thog sinn bothan a tha fhathast againn an-diugh, agus chuir sinn bogsa-earbsa ann gus am b’ urrainn do dhaoine airgead fhàgail is am biadh a thoirt leotha.

“Bha seada beag againn an-toiseach, ach leis an iarrtas a bh’ ann thog sinn fear nas motha. ’S e dòigh sgoinneil a th’ ann airson a bhith a’ reic a’ bhìdh agus tha PayPal againn a-nis oir tha tòrr dhaoine ann a-nis nach bi a’ cleachdadh airgead ceart.

“Gach bliadhna bidh daoine a’ tilleadh, daoine a tha air a bhith a’ tadhal airson bhliadhnaichean, agus bidh airson faicinn a bheil na pigheannan frangipane againn fhathast no rudeigin ùr, agus tha iad daonnan toilichte gu bheil sinn fhathast an seo.

“Bidh mi fhìn is Steve ag obair còmhla, nì mise a’ bhèicearachd agus bidh Steve a’ dèanamh a’ bhìdh airson nan ceapairean, stiùbhaichean agus coiridh. Bidh sinn a’ frithealadh air a h-uile duine – muinntir an àite agus luchd-tadhail. Tha a’ chuid as motha de luchd-tadhail às an Rìoghachd Aonaichte, ach bidh sinn a’ faicinn dhaoine bho thall thairis cuideachd.

“Tha aon bhoireannach às an àite ag obair dhuinn agus tha sinn a’ cur ri cosnadh grunn iasgairean ionadail. Tha sinn an dòchas gun cuir barrachd dhaoine eòlas oirnn tron bhidio seo a rinn sinn còmhla ri VisitScotland.”

Thuirt Stuart Brunton, Àrd-mhanaidsear airson Riochdachadh is Obair Ioma-mheadhanach aig VisitScotland: “Bha sinn airson susbaint dhrùidhteach is bhrosnachail a chruthachadh a nì taisbeanadh air na cothroman is tursan mìorbhaileach a gheibhear ann an Alba, agus a bhios a’ togail air an teachdaireachd a tha sinn a’ cur air adhart, ‘Math dha d’ Aigne’.

“Tha luchd-tadhail a’ sireadh chothroman siubhail far am bi iad a’ togail dàimh ri nithean is daoine ionadail, agus ri nàdar agus ris a’ bhlàr a-muigh. Chuir sinn romhainn sgeulachdan a lorg far am bi na cothroman sin ann.

“Tha e ro fhollaiseach bhon bhidio seo gu bheil dealas mòr aig Croft36 agus Julie airson biadh-mara blasta, ionadail agus cèicichean air leth. Tha i airson taisbeanadh a dhèanamh air a’ ghnothachas shònraichte agus car eadar-dhealaichte a th’ aca do dhaoine bho air feadh an t-saoghail agus tha sinn an dòchas gu bheilear a’ dèanamh sin leis a’ bhidio seo.

“Leis na filmichean seo tha sinn airson sanasachd a dhèanamh air Alba do luchd-tadhail – co-dhiù tro bhith a’ gabhail cuairt fo sgàil ar beanntan iomraiteach no tro bhith a’ toirt sealladh dhaibh air ar tràighean eireachdail sa chiaradh.”

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu sgeulachdan VisitScotland mu ar cinn-uidhe, tadhail air: www.visitscotland.org/news/2024/multimedia-team  

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Chroft36 agus airson coimhead air a’ bhidio, tadhail air: https://www.youtube.com/watch?v=ZQ02uznU474&t=95s

DEIREADH

Film aithriseach a’ toirt sùil air croitearan

Tha film aithriseach ùr bho VisitScotland gu bhith ag innse na sgeulachd aig boireannach a ghluais dha na h-Eileanan Siar còmhla ris an duine aice agus a tha a-nis a’ reic biadh maoraich, agus an t-aran is na cèicean aice fhèin bho bhùth le ‘bogsa-earbsa’.

Type d'Asset post
ID 704789
Compteur de mots 1053 mots

Licence

Licence Editorial A Licence to use assets for editorial purposes, which is, to illustrate an event or story in an article but not commercially such as marketing a product or print ad. An Editorial asset may show a brand, a trademarked logo or product, a public personality, or recognisable people, without a signed release or with limited releases. When you use VisitScotland Editorial content you do so to illustrate Scottish tourism in a positive way.
Expiration Pas de date d’expiration
Publié
Ajouté à
Mis à jour le:

Étiquettes

Chargement