Tha na h-Eileanan Siar am measg nan ceann-uidhe as fheàrr air an t-saoghal

Baleshare Beach on North Uist Chaidh na h-Eileanan Siar ainmeachadh an-diugh mar aon de na Cinn-uidhe as Fheàrr air an t-Saoghal airson 2025 leis an ùghdarras siubhail an National Geographic.

’S iad an aon cheann-uidhe san Rìoghachd Aonaichte a th’ air an liosta iomraiteach seo, agus rinneadh moladh gu h-àraidh air na seallaidhean eireachdail agus an dualchas air leth a gheibhear san sgìre.

Thuirt an National Geographic gum biodh an sreath dràma, An t-Eilean, a thèid a chraoladh ann an 2025, a’ dèanamh taisbeanadh air na h-Eileanan Siar agus thug iad iomradh sònraichte air mar a bhios Slighe Innse Gall agus tachartasan leithid Fèis Cheilteach Innse Gall a’ cur gu mòr ris an tlachd a gheibh luchd-tadhail às an turas aca.

Fad nan deicheadan, tha na h-Eileanan Siar air a bhith a’ tàladh luchd-tadhail bho cheithir ranna ruadha an t-saoghail, agus ’s iomadh nì sin a tha gan tarraing chun nan eilean eadar tràighean brèagha agus na cladaichean ciatach, seallaidhean àlainn agus uisgeachan fìor-ghlan, cultar Innse Gall agus a’ Ghàidhlig, eachdraidh is fiadh-bheatha, eileanaich chàirdeil, biadh is deochan ionadail fìor bhlasta agus iomadach cur-seachad a dh’fhaodas daoine a dhèanamh air a’ bhlàr a-muigh.

Chan e seo a’ chiad duais chruinneil a tha na h-eileanan air fhaighinn, bha an Tràigh Iar ann am Beàrnaraigh air an liosta dhen 100 Tràigh as Iongantaiche air an t-Saoghal a chaidh fhoillseachadh na bu tràithe air a’ bhliadhna seo le Lonely Planet. Cuideachd, aig toiseach a’ mhìos seo (An Dàmhair) bha na h-eileanan ainmichte san liosta airson Nan Eilean as Fheàrr san RA an lùib Duaisean Luchd-leughaidh Conde Nast Travellers airson 2024.

Gach bliadhna, bidh an National Geographic a’ foillseachadh liosta airson A’ Chuid as Fheàrr air an t-Saoghal, agus iad a’ dèanamh gàirdeachas ri cinn-uidhe agus cothroman siubhail far am faighear cothrom eòlas a chur air ar cruinne eireachdail agus air eugsamhlachd nan coimhearsnachdan is nan daoine a tha a’ fuireach ann.

Tha an liosta bhliadhnail air a taghadh agus air a h-ullachadh le luchd-deasachaidh siubhail an National Geographic bho air feadh an t-saoghail – ann an co-bhuinn ri eòlaichean is ceannardan turais an National Geographic – agus air an liosta gheibhear cinn-uidhe ùra is nach eil cho aithnichte agus cinn-uidhe iomraiteach a tha a’ tabhann nithean ùra.

Thuirt Am Ministear airson Gnothachas, Richard Lochhead agus e a’ bruidhinn air mar a chaidh na h-Eileanan Siar ainmeachadh air an liosta aig an National Geographic airson A’ Chuid as Fheàrr air an t-Saoghal ann an 2025: “Seo urram air leth airson ceann-uidhe aig a bheil cliù nach beag an dà chuid san dùthaich seo agus thall thairis.

“Tha tòrr sna h-Eileanan Siar a tha ri mholadh. Eadar an raon-laighe iomraiteach air an Tràigh Mhòir ann am Barraigh agus na caistealan brèagha, an clò Hearach agus a’ mhuir ghorm, ghlan a tha a’ cuairteachadh nan Eilean a-Muigh, tha iomadach adhbhar ann gus tadhal air na h-eileanan seo.

“Tha turasachd a’ cur gu mòr ri eaconamaidh na h-Alba, agus bha 7,000 obair san roinn sna h-eileanan ann an 2022. Leis mar as e seo an aon cheann-uidhe san RA air an liosta ainmeil seo, tha mi an dòchas gun roghnaich daoine san dùthaich seo agus ann an dùthchannan eile turas a ghabhail a dh’Alba an ath thuras a bhios iad a’ siubhal agus gun còrd ar cultar brìoghmhor riutha agus an iomadh cothrom a gheibh iad nithean dàna is inntinneach a dhèanamh.”

Thuirt Àrd-oifigear VisitScotland, Vicki Miller: “Chan e seo a’ chiad turas a tha na h-Eileanan Siar air aithne eadar-nàiseanta a chosnadh agus tha mar as e na h-Eileanan Siar an aon cheann-uidhe san RA a nochd air an liosta aig an National Geographic airson A’ Chuid as Fheàrr air an t-Saoghal a’ toirt dearbhadh dhuinn air mar a bhios na h-eileanan a’ tàladh uiread de luchd-siubhail.

“Tha rudeigin ann dhan a h-uile duine sna h-eileanan fiadhaich is tarraingeach seo – seallaidhean air leth brèagha, cothroman sònraichte gus fiadh-bheatha iongantach fhaicinn, cladaichean garbha, biadh is deochan glè bhlasta a bhuineas dha na h-eileanan fhèin, agus eachdraidh is fianais arc-eòlach fìor inntinneach. ’S iad ar coimhearsnachdan, agus ar dualchas nàdair agus cultarach, an t-adhbhar a tha na h-eileanan seo cho sònraichte.

“Aig VisitScotland, bidh sinn a’ brosnachadh gach neach-tadhail gus spèis a nochdadh dha na daoine agus dha na h-àitichean air am bi iad a’ tadhal feuch am faigh a h-uile neach buannachdan bho na tursan aca. Airson grunn bhliadhnaichean a-nis, tha e air a bhith mar phrìomh amas dhuinn fàs a thoirt air luach na turasachd an àite air an àireimh de luchd-tadhail, agus sinn a’ tarraing aire dhaoine bho air feadh an t-saoghail chun na sgìre àlainn seo.

“Bidh sinn a’ dèanamh sanasachd air na h-Eileanan Siar – agus air Alba air fad – mar cheann-uidhe air faod daoine tadhal aig àm sam bith air feadh na bliadhna, agus sinn a’ brosnachadh luchd-tadhail gus a bhith a’ gabhail air an socair agus eòlas ceart a chur air na h-àitichean air am bi iad a’ tadhal, agus bidh sinn ri a’ feuchainn ri farsaingeachd de dhaoine a thàladh bho air feadh na cruinne.”

Thuirt Sarah NicIllEathain, Àrd-oifigear Turasachd Innse Gall: “Tha sinn air ar dòigh gun tug an National Geographic aithne dha na h-Eileanan Siar mar aon de na cinn-uidhe as fheàrr air an t-saoghal. ’S e àite glè shònraichte a th’ ann – aon dhen bheagan àitichean air an t-saoghal far an cluinn thu Gàidhlig ga bruidhinn, ann an eileanan eireachdail is iongantach air an cumadh le cumhachd nàdair. Tha sinn a’ coimhead air adhart, ann an 2025, ri bhith a’ cur fàilte air luchd-tadhail ùra agus feadhainn a bhios a’ tilleadh chun nan eilean, far am bi cothrom aca tlachd a ghabhail ann am bòidhchead is cultar eileanach an àite agus spèis a nochdadh dha na nithean sònraichte sin.”

Thuirt Comh. Coinneach MacLeòid, Neach-gairm Comhairle nan Eilean Siar: “Tha mar a chaidh na h-Innse Gall ainmeachadh mar an aon cheann-uidhe san RA air liosta Best of the World 2025 ann an iris National Geographic na urram air am bu chòir dhan h-uile duine nar coimhearsnachdan a bhith moiteil. Sna h-Innse Gall tha sinn gu math fortanach gu bheil seallaidhean-tìre nàdarra iongantach, cultar bearteach agus eachdraidh dhomhainn againn. Ged a tha seo tarraingeach do luchd-tadhail bho air feadh an t-saoghail, tha mar a chaidh na h-eileanan ainmeachadh air an liosta seo na aithneachadh dhan daoine cho math ris an àite, agus cha bhiodh e comasach às aonais obair chruaidh luchd-ùidhe uile san roinn turasachd ionadail.”

“Bu chòir moladh sònraichte a thoirt dhan obair a rinn Visit Scotland agus Turasachd Innse Gall gus na h-Innse Gall a mhargaidheachd gu ciallach mar àite do luchd-tadhail. Còmhla ris an àrdachadh seo, tha mar a tha sealbh coimhearsnachd air feadh nan Innse Gall a mheudachadh air leigeil le ar coimhearsnachdan am bun-structar luchd-tadhail aca fhèin a chruthachadh gus dèanamh cinnteach gu bheilear a’ faighinn buannachd ionadail nuair a bhios daoine a’ tadhal air na h-eileanan againn. Le obair leantainneach ar coimhearsnachdan agus an tasgadh a tha a dhìth, tha mi cinnteach gum bithear fhathast ag aithneachadh nan Innse Gall san àm ri teachd mar aon de na cinn-uidhe as fheàrr air an t-saoghal.”

Tha an National Geographic ag ràdh na leanas mu na h-Eileanan Siar: “Rinn Banshees of Inisherin, a chaidh a mholadh airson Oscar, taisbeanadh air eileanan siar na h-Èireann. A-nis, bidh An t-Eilean, sreath dràma Gàidhlig ùr ris a bheilear a’ dèanamh fiughair mhòr, a’ tarraing aire dhaoine chun nan Eilean Siar, agus a’ dèanamh taisbeanadh air seallaidhean drùidhteach is dualchas Ceilteach na sgìre.

“Cuir eòlas air na h-eileanan àrsaidh seo le bhith a’ gabhail Slighe Innse Gall, slighe coiseachd is baidhsagalachd cha mhòr 200 mìle a dh’fhaid a bhios gad thoirt tro 10 eileanan, far am faic thu tràighean bàna, taighean-staile, machraichean breac le flùraichean àlainn, agus carraighean bho Nuadh Linn na Cloiche leithid Tursachan Chalanais. San Iuchar, bidh Fèis Cheilteach Innse Gall ga cumail ann an Steòrnabhagh ann an Leòdhas, fèis a tha làn de cheòl agus far am bithear a’ togail bratach na Gàidhlig.”

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu na h-Eileanan Siar faic: https://www.visitscotland.com/places-to-go/islands/outer-hebrides

Airson coimhead air a’ Chuid as Fheàrr air an t-Saoghal aig an National Geographic: https://www.nationalgeographic.com/travel/slideshow/best-of-the-world-2025

Tha na h-Eileanan Siar am measg nan ceann-uidhe as fheàrr air an t-saoghal

Type d'Asset post
ID 667559
Compteur de mots 1626 mots

Licence

Licence Editorial A Licence to use assets for editorial purposes, which is, to illustrate an event or story in an article but not commercially such as marketing a product or print ad. An Editorial asset may show a brand, a trademarked logo or product, a public personality, or recognisable people, without a signed release or with limited releases. When you use VisitScotland Editorial content you do so to illustrate Scottish tourism in a positive way.
Expiration Pas de date d’expiration
Publié
Ajouté à
Mis à jour le:

Étiquettes

Chargement