VisitScotland iCentre

Tha VisitScotland air innse mu atharraichean air goireasan fiosrachaidh do luchd-tadhail

Bidh VisitScotland a’ dùnadh nan ionadan-fiosrachaidh aca thairis air an ath dhà bhliadhna mar phàirt de phlana gus fàs a thoirt air eaconamaidh an luchd-tadhail le bhith a’ tàladh is a’ tarraing aire luchd-tadhail nuair a tha iad a’ planadh airson turas, mus fhalbh iad.

Tha seo gu bhith a’ tachairt ri linn mar a tha atharrachadh nach beag air tighinn air na dòighean sam bi daoine a’ planadh nan làithean-saora aca, agus a’ mhòr-chuid de dhaoine a-nis a’ cleachdadh ghoireasan air-loidhne agus chompanaidhean-siubhail spèisealta gus rannsachadh a dhèanamh air gach pàirt dhen turas aca agus airson gach nì a ghleidheadh. Tha sin a’ gabhail a-steach luchd-tadhail a bhith a’ gleidheadh àiteachan-fuirich agus a’ cur air dòigh na nì iad mus ruig iad an ceann-uidhe aca.

Gus dèiligeadh ris na h-atharraichean sin, bidh VisitScotland a’ cur an cuid stòrasan is eòlais gu feum gus ro-innleachd a chur an sàs far am bi prìomhachas air meadhanan is goireasan didseatach. Bidh iad a’ cleachdadh mheadhanan is ghoireasan a tha fios aca a bhios luchd-tadhail a’ cleachdadh gus daoine a bhrosnachadh gu bhith a’ tadhal air diofar àiteachan sònraichte, gu bhith a’ tighinn aig amannan sònraichte agus gu bhith a’ dèanamh rudan sònraichte air an turas aca. Mar phàirt de sin bithear a’ dèanamh sanasachd air cinn-uidhe nach eil cho aithnichte agus a’ brosnachadh dhaoine gu bhith a’ tadhal aig amannan nas sàmhaiche dhen bhliadhna.

Cuidichidh an dòigh-obrach ùr seo a’ bhuidheann turasachd nàiseanta gus prìomh adhbhar na buidhne a choileanadh: taic a thoirt dha agus luach a chur ri eaconamaidh an luchd-tadhail ann an Alba tro bhith a’ ruighinn air barrachd dhaoine agus a’ tàladh luchd-tadhail bho na prìomh mhargaidhean cruinneil aig Alba.

Bidh gach ionad-fiosrachaidh aig VisitScotland ag obair mar as àbhaist gu deireadh na Sultaine mar phàirt de phrògram thairis air dà bhliadhna gus an dùnadh. Tha VisitScotland a’ bruidhinn ri luchd-ùidhe an-dràsta air na thachras anns gach àite.

Tha na dòighean sam bi luchd-tadhail a’ faighinn fiosrachadh air atharrachadh, agus chan ann dìreach bho bhith a’ bruidhinn ri neach eile no bho bhith a’ leughadh stuthan clò-bhuailte a gheibh iad fios a-nis ach cuideachd bho na meadhanan sòisealta, margaidheachd le luchd-buaidh, fiosrachadh air-loidhne agus goireasan air-loidhne gus làithean-saora is eile a ghleidheadh.

Am measg nan dòighean sam faigh daoine fios air làithean-saora, no a chleachdas iad gus làithean-saora a phlanadh, tha TikTok, YouTube, làraich-lìn shiubhail agus goireasan eile leithid AI.

Cuideachd, seach gu bheil cha mhòr dà thrian (64%) de luchd-tadhail eadar-nàiseanta a bhios a’ tighinn a dh’Alba a’ gleidheadh làithean-saora mar ‘phasgan’, tha an taic as urrainn do chompanaidhean turais is buidhnean-siubhail a thoirt dhaibh gus làithean-saora a phlanadh ann an Alba a’ sìor fhàs nas cudromaiche.

Thuirt am Morair Thurso, Cathraiche VisitScotland: “Tha saoghal na turasachd air atharrachadh gu mòr sna beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh. Chan eil uiread de dhaoine a’ cleachdadh ionadan-fiosrachaidh san latha an-diugh ach tha an t-iarrtas airson fiosrachadh fhaighinn air-loidhne agus àiteachan-fuirich is turasan a ghleidheadh air an eadar-lìon a’ sìor dhol am meud. Gus an urrainn dhuinn cumail oirnn a’ cur ris an iarrtas a th’ ann agus a’ cur ri luach roinn na turasachd is nan tachartasan, tha e uabhasach cudromach gun dèan sinn feum de na meadhanan is goireasan a bhios luchd-tadhail a’ cleachdadh gus an tàladh a dh’Alba.

“Tha an rannsachadh againn a’ sealltainn gum bu chòir dhuinn, mar bhuidhinn, barrachd a dhèanamh agus obair nas èifeachdaiche a dhèanamh gus fiosrachadh a thoirt do luchd-tadhail mus fhalbh iad air turas. Le bhith a’ cur prìomhachas air meadhanan is goireasan didseatach gus fiosrachadh a sgaoileadh, ’s urrainn dhuinn aire luchd-tadhail a tharraing nuair a bhios iad aig ìre thràth sna planaichean aca agus bheir sin buaidh air na co-dhùnaidhean a nì iad a thaobh siubhail.

“Tha sinn airson, còmhla ri ar gnothachasan is luchd-compàirt, togail air na tha air soirbheachadh agus dèanamh cinnteach anns gach raon de ar n-obair – margaidheachd, leasachadh cheann-uidhe, comhairle do ghnothachasan, tuigse is tachartasan – gun cuir sinn prìomhachas air obair a ni feum dhan ghnìomhachas agus do dh’Alba.

“Le bhith a’ dèanamh ùrachadh air ar n-obair san dòigh seo, thèid againn air taic a chur ri obair a chuidicheas gus adhartas nas luaithe a dèanamh le bhith a’ toirt fàs seasmhach air eaconamaidh an luchd-tadhail, agus sin a’ cuideachadh le bhith a’ cruthachadh obraichean, a’ gleidheadh choimhearsnachdan agus a’ tàladh ionmhas san àm ri teachd.”

DEIREADH

Tha VisitScotland air innse mu atharraichean air goireasan fiosrachaidh do luchd-tadhail

Asset type post
ID 480309
Wortzahl 887 Wörter

Lizenz

Lizenz Editorial A Licence to use assets for editorial purposes, which is, to illustrate an event or story in an article but not commercially such as marketing a product or print ad. An Editorial asset may show a brand, a trademarked logo or product, a public personality, or recognisable people, without a signed release or with limited releases. When you use VisitScotland Editorial content you do so to illustrate Scottish tourism in a positive way.
Ablauf Kein Ablaufdatum
Veröffentlicht
Hinzugefügt am
Aktualisiert am:

Schlagwörter

Laden