An Rathad dhan Sgrìon Mhòir

Proxy

Dh’innis stiùiriche an dràma eachdraidheil, The Road Dance, a chaidh fhilmeadh gu tur ann an Eilean Leòdhais, dhan luchd-èisteachd aig ro-shealladh sònraichte ann an Steòrnabhagh gu bheil e an dùil tilleadh chun an eilein còmhla ri a theaghlach.

Bha Richie Adams a’ bruidhinn ann an Q&A a chaidh a chlàradh ro-làimh aig an tachartas anns An Lanntair an-dè (Diardaoin, 5 Cèitean), a chaidh a chur air dòigh leis a’ bhuidhinn turasachd nàiseanta, VisitScotland, buidheann stiùiridh ceann-uidhe , Turasachd Innse Gall, agus luchd-sgaoilidh fhilmichean, Parkland Entertainment.

Chaidh The Road Dance, a tha stèidhichte air an leabhar leis an aon ainm leis an ùghdar agus preasantair STV News John MacKay, fhilmeadh san eilean san Dàmhair agus san t-Samhain 2020 - a’ chiad riochdachadh a chaidh a dhèanamh san eilean aig àm a’ ghalair lèir-sgaoilte - agus tha e gu bhith air fhoillseachadh air 20 Cèitean.

Rinneadh a’ mhòr-chuid den fhilmeadh ann an Taighean Dubha nan Gearrannan faisg air Càrlabhagh air a’ chosta an iar.

Gus foillseachadh an fhilm a chomharrachadh agus mar a bha gnothachasan agus criutha ionadail an sàs san riochdachadh aige, chaidh ro-shealladh sònraichte le cuireadh a-mhàin a chumail an-dè (Diardaoin) a’ gabhail a-steach Q&A ro-chlàraichte leis na cleasaichean agus an criutha a’ beachdachadh air an fhilm agus mar a bha a bhith a’ filmeadh san eilean. Bha an t-ùghdar John MacKay an làthair aig an tachartas agus bha ceòl beò ann bho sgòr an fhilm,  a chaidh a chluich le Alasdair White, a sgrìobh an ceòl le luchd-frithealaidh cuideachd a’ faighinn beagan Gin na Hearadh.

Thathar an dòchas gum brosnaich The Road Dance barrachd riochdachaidhean agus gum fàg e dìleab tro thurasachd sgrion - far am bi luchd-tadhail air am brosnachadh gus tadhal air àite às dèidh dhaibh fhaicinn air an sgrion. Am measg riochdachaidhean anns na h-Eileanan Siar dhan sgrìon mhòir tha: 2001 A Space Odyssey (1968), Whisky Galore! (1949) agus Limbo (2021).

Anns an Q&A, thuirt Richie Adams, a tha a’ fuireach anns na Stàitean Aonaichte:

Thuirt e gun robh e a’ faireachdainn mar gun robh e  “aig an taigh sa bhad” nuair a ràinig e agus thuirt e gum bu toil leis tilleadh còmhla ri a theaghlach gus barrachd fhaicinn den sgìre.

Lean Adams air:

Do Mhark Gatiss (Sherlock, Dracula), a tha san fhilm mar an Dotair MacIlleathain, b’ e seo a’ chiad turas aige anns na h-Eileanan an Iar.

Thuirt Gatiss:

Tha The Road Dance a’ leantainn Hermione Corfield a tha a’ cluich Ciorstaidh NicLeòid, a tha ag aisling mu bheatha nas fheàrr air falbh bhon bhaile bheag aice anns na h-Eileanan. Ach, tha tòiseachadh a’ Chogaidh Mhòir agus dannsa rathaid cudromach a’ cur car air a beatha ann an dòigh iongantach is duilich. Tha Corfield a’ cluich còmhla ri Gatiss agus Morven Christie.

Thuirt Victoria Harvey, Manaidsear Leasachaidh nan Eileanan Siar aig VisitScotland:“’S e fìor dheagh àm a th’ ann a bhith a’ foillseachadh The Road Dance, a tha freumhaichte ann an eachdraidh is cultar an eilein – agus a chaidh a chlàradh ann – ann am Bliadhna Sgeulachdan na h-Alba. Tha sinn an dòchas gum bi luchd-amhairc air am brosnachadh gus na h-Eileanan Siar fhaicinn dhaibh fhèin agus eòlas a chur air a’ cheann-uidhe shònraichte seo dhaibh fhèin.” Thuirt Sarah NicIlleathain, Àrd-oifigear Turasachd Innse Gall:“Air ais ann an 2020 thug an riochdachadh spionnadh air gnìomhachas luchd-tadhail ionadail a bha feumach air taic agus tha am film a rinn iad a’ sealltainn air an sgrìon cho math ’s a tha Leòdhas. Bha an tachartas againn a’ comharrachadh sin uile – bòidhchead nan eilean, tapachd nan gnìomhachasan ionadail againn agus a bhith ag innse sgeulachdan.”Thuirt John MacKay, ùghdar The Road Dance:

AN DEIREADH

Fios mu thurasachd sgrìn: https://www.visitscotland.org/research-insights/about-our-visitors/interests-activities/film-tv

Trèilear Oifigeil airson An Road Dance: The Road Dance (Trèilear oifigeil na RA)

Download

An Rathad dhan Sgrìon Mhòir

Tachartas a’ comharrachadh film Leòdhasach a tha ri thighinn

Asset type post
ID 111753
Wortzahl 1259 Wörter

Lizenz

Lizenz Editorial A Licence to use assets for editorial purposes, which is, to illustrate an event or story in an article but not commercially such as marketing a product or print ad. An Editorial asset may show a brand, a trademarked logo or product, a public personality, or recognisable people, without a signed release or with limited releases. When you use VisitScotland Editorial content you do so to illustrate Scottish tourism in a positive way.
Ablauf Kein Ablaufdatum
Veröffentlicht
Hinzugefügt am
Aktualisiert am:
Verwendung Editorial content can be published in a variety of formats ranging from print or digital to online. In print content can be featured in *newspapers *magazines *brochures. Online content can be published in a *blog *website *article or *social media. Regardless of the format this content should always promote Scotland’s tourism in a positive way.

Schlagwörter