Wir verwenden Cookies
Wir verwenden Cookies, um Ihre Erfahrung auf dieser Website zu verbessern.
Sie können unsere Cookie-Richtlinie akzeptieren oder Ihre Auswahl anpassen.
Bitte lesen Sie unsere Cookie-Richtlinie für weitere Informationen.
Tha VisitScotland air foillseachadh mar a tha ùidh luchd-tadhail ann an Gàidhlig na h-Alba air a dhol suas thar nan còig bliadhna a dh’fhalbh.
’S e an-diugh a’ chiad latha den chiad <strong>Seachdain na Gàidhlig </strong> a-riamh <strong>(21-27 Màrt)</strong> a tha ag amas air cudromachd na Gàidhlig a chomharrachadh agus adhartachadh <strong>,</strong> agus tha a’ bhuidheann turasachd nàiseanta a’ soilleireachadh na pàirt cudromaich a tha aig a’ chànan ann an turasachd agus tachartasan.
Bho 2018 gu 2021, bha àrdachadh de 72% ann an seallaidhean nan duilleagan le susbaint co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig air làrach-lìn VisitScotland.com leis an ìre as àirde as motha de sheallaidhean duilleig rè glasadh-sìos COVID-19 ann an 2020.
Is e 2022 Bliadhna Sgeulachdan na h-Alba, agus mar sin, ’s e prìomh amas a bhith a’ sealltainn mar a tha a’ Ghàidhlig air a fighe a-steach do chur is dlùth na dùthcha agus mar a tha i air buaidh a thoirt air an dòigh sa bheil sinn a’ bruidhinn agus ag innse sgeulachdan san latha an-diugh.
Tha prògram nàiseanta de chòrr is 100 tachartas a thèid a thoirt seachad le farsaingeachd de chom-pàirtichean bho bhuidhnean nàiseanta gu buidhnean coimhearsnachd gu bhith a’ tachairt am-bliadhna mar chomharra air beairteas nan sgeulachdan a tha air am brosnachadh le, no sgrìobhte no air an cruthachadh ann an Alba. Agus tha còrr air 20 de na tachartasan sin a’ comharrachadh na Gàidhlig.
Nam measg, tha na leanas:
Dh’fhoillsich VisitScotland a’ chiad seata-ghoireasan (<em>toolkit</em>) Gàidhlig aca an-uiridh gus gnìomhachas na turasachd a chuideachadh gus togail air cho tarraingeach ’s a tha an cànan do luchd-tadhail.
Tha e a’ sealltainn dhòighean anns an gabh a’ Ghàidhlig agus a cultar a chleachdadh gus am bi turas nas fheàrr aig luchd-tadhail, mar eisimpleir tro bhith a’ teagasg beagan abairtean bunaiteach agus a’ coimhead air ainmean-àite gus na tùsan agus na ciallan Gàidhlig aca a mhìneachadh.
Thuirt Malcolm Roughhead, Àrd-oifigear VisitScotland:“Agus roinn na turasachd a’ tòiseachadh air ath-shlànachadh às dèidh an sgrios a rinn COVID-19, tha e deatamach gun lorgar dòighean air Alba a shuidheachadh mar roghainn shaor-làithean sònraichte agus air leth.“Tha a’ Ghàidhlig agus a cultar beairteach nam pàirt chudromach de thairgse turasachd na h-Alba agus tha i a’ tabhann ìre a bharrachd de dh’fhìorachd do luchd-tadhail nach fhaighear ach a-mhàin ann an Alba. Tha seo dìreach a’ neartachadh nan rudan a tha fios againn a tha a’ còrdadh gu mòr ri luchd-tadhail. “Tha Seachdain na Gàidhlig agus Bliadhna nan Sgeulachdan 2022 a’ toirt cothrom dhuinn a bhith a’ comharrachadh carson a tha sinn den bheachd gum bi an cànan fhathast na stòras do dhearbh-aithne na h-Alba agus do ghnìomhachas na turasachd san àm ri teachd.”Tha Maoin Bliadhna nan Sgeulachdan 2022 ga thoirt seachad ann an com-pàirteachas eadar VisitScotland agus Taighean-tasgaidh is Gailearaidhean Alba le taic bho Mhaoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta, taing do na daoine a bhios a’ cluich a’ Chrannchuir Nàiseanta.
Thuirt Lucy Casot, Ceannard Taighean-tasgaidh is Gailearaidhean Alba:“Tro Mhaoin Sgeulachdan na Coimhearsnachd tha sinn air leth toilichte taic a thoirt do ghrunn thachartasan a bhios a’ comharrachadh sgeulachdan is uirsgeulan traidiseanta na Gàidhlig ann an dòighean cruthachail, gan ùrachadh do luchd-èisteachd an latha an-diugh.“Tha an cànan beothail seo na mheadhan cudromach air beachdan a thoirt seachad mu dhaoine, àite agus nàdar, agus mar sin tha sinn air leth toilichte cothrom a thoirt do choimhearsnachdan na sgeulachdan aca a cho-roinn nas fharsainge, a’ cuideachadh le bhith a’ ceangal luchd-èisteachd ri eileamaid chudromach de chultar na h-Alba.”’S e iomairt ùr a th’ ann an Seachdain na Gàidhlig a tha a’ toirt còmhla luchd-ùidh, com-pàirtichean, na meadhanan, sgoiltean, luchd-buaidh nam meadhanan sòisealta, com-pàirtichean, agus luchd-amais bho air feadh an t-saoghail gus a’ Ghàidhlig a chomharrachadh . Bidh Seachdain na Gàidhlig a’ gabhail a-steach sreath co-òrdanaichte de thachartasan air feadh na h-Alba agus gu h-eadar-nàiseanta sna seachdainean suas gu, agus a’ gabhail a-steach, 21 - 27 Màrt 2022.
Joy Dunlop, Seachdain na Gàidhlig:“Tha seo na dhearbhadh gu bheil a’ Ghàidhlig beò, chan ann a-mhàin an seo ann an Alba ach air feadh na cruinne agus tha fadachd orm gus ar cànan agus cultar chomharrachadh agus a neartachadh gu poblach an-ath-sheachdain.“Ma tha daoine fhathast ag iarraidh pàirt a ghabhail innte, tha goireasan an asgaid, stuthan ionnsachaidh agus comhairle rim faotainn air ar làrach-lìn oifigeil,Thuirt Brian Ó hEadhra, Manaidsear Com-pàirteachais & Maoineachaidh aig Bòrd na Gàidhlig:Tha an cànan nàiseanta a’ còrdadh ri luchd-turais