VisitScotland Business Events Travel Trade Corporate Media Toolkit

We use cookies

We use Cookies to improve your experience on this site.

You can accept our cookies policy or customise your choices.

Please refer to our Cookies Policy for more information.

Manage cookies settings

A’ Ghàidhlig ag èirigh

Proxy

Tha VisitScotland air foillseachadh mar a tha ùidh luchd-tadhail ann an Gàidhlig na h-Alba air a dhol suas thar nan còig bliadhna a dh’fhalbh.

’S e an-diugh a’ chiad latha den chiad Seachdain na Gàidhlig  a-riamh (21-27 Màrt) a tha ag amas air cudromachd na Gàidhlig a chomharrachadh agus adhartachadh , agus tha a’ bhuidheann turasachd nàiseanta a’ soilleireachadh na pàirt cudromaich a tha aig a’ chànan ann an turasachd agus tachartasan.

Bho 2018 gu 2021, bha àrdachadh de 72% ann an seallaidhean nan duilleagan le susbaint co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig air làrach-lìn VisitScotland.com leis an ìre as àirde as motha de sheallaidhean duilleig rè glasadh-sìos COVID-19 ann an 2020.

Is e 2022 Bliadhna Sgeulachdan na h-Alba, agus mar sin, ’s e prìomh amas a bhith a’ sealltainn mar a tha a’ Ghàidhlig air a fighe a-steach do chur is dlùth na dùthcha agus mar a tha i air buaidh a thoirt air an dòigh sa bheil sinn a’ bruidhinn agus ag innse sgeulachdan san latha an-diugh.

Tha prògram nàiseanta de chòrr is 100 tachartas a thèid a thoirt seachad le farsaingeachd de chom-pàirtichean bho bhuidhnean nàiseanta gu buidhnean coimhearsnachd gu bhith a’ tachairt am-bliadhna mar chomharra air beairteas nan sgeulachdan a tha air am brosnachadh le, no sgrìobhte no air an cruthachadh ann an Alba. Agus tha còrr air 20 de na tachartasan sin a’ comharrachadh na Gàidhlig.

Nam measg, tha na leanas:

  • ‘S e pròiseact cruthachail a tha a’ gabhail a-steach an eilein air fad a th’ ann an [Tìr Ìseal nan Òran](https://www.tir-iseal.co.uk/) a tha ag amas air sgeulachdan, dualchas, cultar agus Gàidhlig a chomharrachadh agus adhartachadh ann an Tìoradh. Aig cridhe a’ phròiseict tha seachd sgeulachdan bho eachdraidh, traidisean agus beul-aithris an eilein a thèid air an tèid air a chur sna co-theacsan fiosaigeach agus eachdraidheil aca gus obair chruthachail ùr a bhrosnachadh. Thèid cuireadh a thoirt do luchd-ealain ionadail, daoine òga, coimhearsnachd Thiriodh san fharsaingeachd agus luchd-amais eadar-nàiseanta gus pàirt a ghabhail ann a bhith a’ rannsachadh agus ag ath-innse nan sgeulachdan sin tro mheasgachadh de cheòl is òrain thraidiseanta, film is dealbhan-camara, tèatar is sgrìobhadh, agus Gàidhlig is Beurla.  
  • Bidh [Baile Ach’ an Droighinn/Auchindrain Township](https://www.auchindrain.org.uk/) – am baile Gàidhealach mu dheireadh a tha air fhàgail, faisg air Inbhir Aora ann an Earra-Ghàidheal – a’ comharrachadh Bliadhna Sgeulachdan na h-Alba 2022 le bhith a’ taisbeanadh sreath ùr de sgeulachdan dualchasach bho Earra-Ghàidheal air an t-seanail YouTube aca. Thèid na sgeulachdan innse ann an dualchainnt Ghàidhlig na sgìre (le fo-thiotalan) agus bheir iad sealladh inntinneach dhuinn air na h-uirsgeulan a dh’innseadh timcheall an teine le daoine san àm a dh’fhalbh agus bheir iad tlachd às ùr dhuinn agus seallaidhean ùra do shaoghal an latha an-diugh.  
  • Anns an Eilean Sgitheanach, bidh SEALL (Skye Events for All Ltd) agus an seinneadair Gàidhlig Anna Mhàrtainn a’ stiùireadh [An Tinne (The Link)](https://www.seall.co.uk/an-tinne/) , a tha na phrògram sònraichte de thachartasan a tha a’ ceangal chruinneachadh de dh’òrain, sgeulachdan, agus nithean bho air feadh nan linntean, a’ rannsachadh ceangal domhainn agus inntinneach eadar Alba agus Astràilia. Tachraidh seo san Lùnastal  
  • Bidh  An Lanntair ann an Steòrnabhagh a’ lìbhrigeadh [Seanchas](https://lanntair.com/38764/), sreath de thachartasan, filmean agus coimiseanan sònraichte a’ comharrachadh sgeulachdan bho na h-Eileanan Siar - fìor is fionn-sgeul san latha an-diugh agus bho chionn fhada.  
  • Bidh film ùr, Cliabh an t-Seanchais – The Story Creel, a’ coimhead air iasgach agus cho cudromach ’s a tha e do choimhearsnachdan iomallach ann an Iar-dheas Mhuile agus Eilean Ì. Bithear a’ rannsachadh comharran a thaobh na mara agus na sìde, sgeulachdan ròpach mu mhì-fhortan, agus thèid beatha buill teaghlaich air tìr a rannsachadh tro agallamhan le teaghlaichean iasgaich ionadail. Bidh na sgeulachdan seo eadar-fhighte le òrain mara agus dàin Ghàidhlig bho chloinn-sgoile na sgìre. Thèid premiere brat-ùrlair deirg an fhilm a chumail air tràigh Fhionnphort, Muile, air 23 Iuchar agus bidh e ri fhaighinn air-loidhne bho 4 Dàmhair.  
  • [Tha Sgeulaichean Siarach](https://swmid.co.uk/news-events/cliabh-an-t-shenachais-creel-of-stories/) a’ comharrachadh sgeulachdan agus uirsgeulan co-cheangailte ri taobh siar Leòdhais. Ann an dà sheisean beò, bidh clann bun-sgoile ionadail a’ toirt seachad nam freagairtean cruthachail Gàidhlig aca fhèin do sgeulachdan traidiseanta, a chuala iad bho sheann daoine an eilein air cuairtean àrainneachdail gu làraichean ionadail  cudromach. Thèid a’ chiad chuirm a chumail ann an Grinneabhat, Leòdhas, air 7 Giblean. 
  • [Songs from the Last Page](https://www.visitscotland.com/info/events/songs-from-the-last-page-song-writing-workshop-p2630261), le taic bho EventScotland mar phàirt de Bhliadhna nan Sgeulachdan 2022, tha Songs from the Last Page na phròiseact ceòl beò agus sgrìobhadh òrain air a stiùireadh leis an sgrìobhaiche-ciùil Gareth Williams agus Chamber Music Scotland. Mar phàirt den phrògram nàiseanta de thachartasan aca am-bliadhna, bidh iad ag obair còmhla ris an t-seinneadair Sgitheanach, Deirdre Ghreumach. Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, bidh Williams agus Greumach a’ toirt seachad sreath de bhùthan-obrach dà-chànanach gus òrain a sgrìobhadh agus de chuirmean beò san Eilean Sgitheanach is an Dùn Èideann as t-samhradh am-bliadhna, a bhios a’ comharrachadh sgeulaichean Gàidhlig san latha an-dè is an latha an-diugh. Bidh na seiseanan beò a' gabhail a-steach prògram de dh'òrain ùra a bhios a' dèanamh toiseach ùra de cuid de na deiridhean leabhraichean as fheàrr leis an dùthaich, a' gabhail a-steach òran Gàidhlig a chaidh a choimiseanadh leis a' phròiseact.

Dh’fhoillsich VisitScotland a’ chiad seata-ghoireasan (toolkit) Gàidhlig aca an-uiridh gus gnìomhachas na turasachd a chuideachadh gus togail air cho tarraingeach ’s a tha an cànan do luchd-tadhail.

Tha e a’ sealltainn dhòighean anns an gabh a’ Ghàidhlig agus a cultar a chleachdadh gus am bi turas nas fheàrr aig luchd-tadhail, mar eisimpleir tro bhith a’ teagasg beagan abairtean bunaiteach agus a’ coimhead air ainmean-àite gus na tùsan agus na ciallan Gàidhlig aca a mhìneachadh.

Thuirt Malcolm Roughhead, Àrd-oifigear VisitScotland:“Agus roinn na turasachd a’ tòiseachadh air ath-shlànachadh às dèidh an sgrios a rinn COVID-19, tha e deatamach gun lorgar dòighean air Alba a shuidheachadh mar roghainn shaor-làithean sònraichte agus air leth.“Tha a’ Ghàidhlig agus a cultar beairteach nam pàirt chudromach de thairgse turasachd na h-Alba agus tha i a’ tabhann ìre a bharrachd de dh’fhìorachd do luchd-tadhail nach fhaighear ach a-mhàin ann an Alba. Tha seo dìreach a’ neartachadh nan rudan a tha fios againn a tha a’ còrdadh gu mòr ri luchd-tadhail. “Tha Seachdain na Gàidhlig agus Bliadhna nan Sgeulachdan 2022 a’ toirt cothrom dhuinn a bhith a’ comharrachadh carson a tha sinn den bheachd gum bi an cànan fhathast na stòras do dhearbh-aithne na h-Alba agus do ghnìomhachas na turasachd san àm ri teachd.”

Tha Maoin Bliadhna nan Sgeulachdan 2022 ga thoirt seachad ann an com-pàirteachas eadar VisitScotland agus Taighean-tasgaidh is Gailearaidhean Alba le taic bho Mhaoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta, taing do na daoine a bhios a’ cluich a’ Chrannchuir Nàiseanta.

Thuirt Lucy Casot, Ceannard Taighean-tasgaidh is Gailearaidhean Alba:“Tro Mhaoin Sgeulachdan na Coimhearsnachd  tha sinn air leth toilichte taic a thoirt do ghrunn thachartasan a bhios a’ comharrachadh sgeulachdan is uirsgeulan traidiseanta na Gàidhlig ann an dòighean cruthachail, gan ùrachadh do luchd-èisteachd an latha an-diugh.“Tha an cànan beothail seo na mheadhan cudromach air beachdan a thoirt seachad mu dhaoine, àite agus nàdar, agus mar sin tha sinn air leth toilichte cothrom a thoirt do choimhearsnachdan na sgeulachdan aca a cho-roinn nas fharsainge, a’ cuideachadh le bhith a’ ceangal luchd-èisteachd ri eileamaid chudromach de chultar na h-Alba.”

’S e iomairt ùr a th’ ann an Seachdain na Gàidhlig a tha a’ toirt còmhla luchd-ùidh, com-pàirtichean, na meadhanan, sgoiltean, luchd-buaidh nam meadhanan sòisealta, com-pàirtichean, agus luchd-amais bho air feadh an t-saoghail gus a’ Ghàidhlig a chomharrachadh . Bidh Seachdain na Gàidhlig a’ gabhail a-steach sreath co-òrdanaichte de thachartasan air feadh na h-Alba agus gu h-eadar-nàiseanta sna seachdainean suas gu, agus a’ gabhail a-steach, 21 - 27 Màrt 2022.

Joy Dunlop, Seachdain na Gàidhlig:“Tha seo na dhearbhadh gu bheil a’ Ghàidhlig beò, chan ann a-mhàin an seo ann an Alba ach air feadh na cruinne agus tha fadachd orm gus ar cànan agus cultar  chomharrachadh agus a neartachadh gu poblach an-ath-sheachdain.“Ma tha daoine fhathast ag iarraidh pàirt a ghabhail innte, tha goireasan an asgaid, stuthan ionnsachaidh agus comhairle rim faotainn air ar làrach-lìn oifigeil,Thuirt Brian Ó hEadhra, Manaidsear Com-pàirteachais & Maoineachaidh aig Bòrd na Gàidhlig:
Save Download

A’ Ghàidhlig ag èirigh

Tha an cànan nàiseanta a’ còrdadh ri luchd-turais

Asset type post
ID 111741
Word count 2098 words

Licence

Licence Editorial A Licence to use assets for editorial purposes, which is, to illustrate an event or story in an article but not commercially such as marketing a product or print ad. An Editorial asset may show a brand, a trademarked logo or product, a public personality, or recognisable people, without a signed release or with limited releases. When you use VisitScotland Editorial content you do so to illustrate Scottish tourism in a positive way.
Expiry No expiry date
Released
Usage Editorial content can be published in a variety of formats ranging from print or digital to online. In print content can be featured in *newspapers *magazines *brochures. Online content can be published in a *blog *website *article or *social media. Regardless of the format this content should always promote Scotland’s tourism in a positive way.

Tags