Seata-goireasan Gàidhlig ga chur air bhog
Tha VisitScotland air a’ chiad seata-ghoireasan (toolkit) Gàidhlig aca a chur air bhog gus gnìomhachas na turasachd a chuideachadh gus togail air cho tarraingeach ’s a tha an cànan do luchd-tadhail.
Tha an stòras ùr a’ sealltainn dhòighean anns an gabh a’ Ghàidhlig agus a cultar a chleachdadh gus am bi turas nas fheàrr aig luchd-tadhail, mar eisimpleir tro bhith a’ teagasg beagan abairtean bunaiteach agus a’ coimhead air ainmean-àite gus na tùsan agus na ciallan Gàidhlig aca a mhìneachadh.
Tha e a’ tighinn aig àm nuair a tha ùidh sa chànan a’ fàs, le làrach-lìn luchd-cleachdaidh na buidhne turasachd nàiseanta air àrdachadh de 56 sa cheud fhaicinn ann an cleachdadh susbaint Ghàidhlig. Agus chaidh coimhead air bhidio air-loidhne Scottish Gaelic Explained, a chaidh a chruthachadh leis a’ bhuidhinn turasachd còrr is leth mhillean turas.
Chaidh liosta de ghoireasan Gàidhlig a thoirt a-steach dhan t-seata-ghoireasan cuideachd gus gnothachasan a chuideachadh gus an tairgse Gàidhlig aca a leasachadh, a bharrachd air sgrùdaidhean cùise a tha a’ sealltainn mar as urrainn dhan chànan buannachd a thoirt do thurasachd. Tha iad a’ gabhail a-steach a bhith a’ tabhann leasanan Gàidhlig do dhaoine air-loidhne aig àm a’ ghlasaidh-sìos gus conaltradh a chumail le daoine a dh’fhaodadh a bhith nan luchd-tadhail. Fhuair Suirbhidh Luchd-tadhail aig VisitScotland, gun obair brosnachaidh ro làimh, gun robh 34 sa cheud den luchd-freagairt den bheachd gun robh a’ Ghàidhlig, mar chànan nàiseanta na h-Alba, a’ cur ris an turas aca agus gun robh iad ag iarraidh barrachd ionnsachadh mu deidhinn.
Chaidh an seata-goireasan a lìbhrigeadh tro Ro-innleachd Turasachd Gàidhlig VisitScotland, a tha ag amas air àrdachadh agus ruigsinneachd na Gàidhlig a mheudachadh mar phàirt de na tursan a bhios aig luchd-tadhail ann an Alba. Chruthaich VisitScotland an ro-innleachd còmhla ri riochdairean bhon roinn phrìobhaidich agus ri com-pàirtichean a’ gabhail a-steach Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean agus Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Tha buill air a’ bhuidhinn buileachaidh ro-innleachd seo air susbaint agus ceanglaichean a chur ris an t-seata-ghoireasan.
Fhuair am pròiseact taic maoineachaidh bho Mhaoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig agus tha e na stòras beò a thèid ùrachadh gu tric nuair a bhios stuthan ùra rim faighinn.
Thuirt Riddell Graham, Stiùiriche Gnìomhachais agus Leasachadh Àiteachan:
“Tha e a’ toirt blas a bharrachd de dh’fhìor chultar na h-Alba do luchd-tadhail, den chultar sònraichte againn air nach urrainnear eòlas a chur gu ceart ach ann an Alba fhèin.
“Tha an seata-goireasan ùr seo ag amas air gnìomhachasan air feadh na dùthcha a chuideachadh gus gabhail ris a’ Ghàidhlig agus gus a cleachdadh gus sealltainn gu bheil iad eadar-dhealaichte bho chàch. Tha sinn air a bhith ag obair gu dlùth le ar com-pàirtichean gus an goireas luachmhor seo a chruthachadh agus tha sinn den bheachd gum bi a’ Ghàidhlig fhathast na buannachd mhòr do dhearbh-aithne na h-Alba agus a’ glacadh mac-meanmna nan Albannach aig baile agus air feadh an t-saoghail.
“Agus gnìomhachas na turasachd a’ tòiseachadh air ath-shlànachadh às dèidh an sgrios a rinn COVID-19, tha e deatamach gun lorgar dòighean air Alba a shuidheachadh mar roghainn shaor-làithean sònraichte agus air leth. Tha seo a chionn ’s nach eil turasachd dìreach mu làithean-saora, tha i adhartach - a’ cruthachadh luach eaconamach is sòisealta anns gach ceàrnaidh de dh’Alba agus a’ cur ri sunnd gach neach a bhios a’ gabhail pàirt ann.”
Thuirt Shona NicIllInnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig:
Gheibhear an goireas Gàidhlig aig: www.visitscotland.org/supporting-your-business/marketing-toolkits/scottish-gaelic