Seata-goireasan Gàidhlig ga chur air bhog

Proxy

Tha VisitScotland air a’ chiad seata-ghoireasan (toolkit) Gàidhlig aca a chur air bhog gus gnìomhachas na turasachd a chuideachadh gus togail air cho tarraingeach ’s a tha an cànan do luchd-tadhail.

Tha an stòras ùr a’ sealltainn dhòighean anns an gabh a’ Ghàidhlig agus a cultar a chleachdadh gus am bi turas nas fheàrr aig luchd-tadhail, mar eisimpleir tro bhith a’ teagasg beagan abairtean bunaiteach agus a’ coimhead air ainmean-àite gus na tùsan agus na ciallan Gàidhlig aca a mhìneachadh.

Tha e a’ tighinn aig àm nuair a tha ùidh sa chànan a’ fàs, le làrach-lìn luchd-cleachdaidh na buidhne turasachd nàiseanta air àrdachadh de 56 sa cheud fhaicinn ann an cleachdadh susbaint Ghàidhlig. Agus chaidh coimhead air bhidio air-loidhne Scottish Gaelic Explained, a chaidh a chruthachadh leis a’ bhuidhinn turasachd còrr is leth mhillean turas.

Chaidh liosta de ghoireasan Gàidhlig a thoirt a-steach dhan t-seata-ghoireasan cuideachd gus gnothachasan a chuideachadh gus an tairgse Gàidhlig aca a leasachadh, a bharrachd air sgrùdaidhean cùise a tha a’ sealltainn mar as urrainn dhan chànan buannachd a thoirt do thurasachd. Tha iad a’ gabhail a-steach a bhith a’ tabhann leasanan Gàidhlig do dhaoine air-loidhne aig àm a’ ghlasaidh-sìos gus conaltradh a chumail le daoine a dh’fhaodadh a bhith nan luchd-tadhail. Fhuair Suirbhidh Luchd-tadhail aig VisitScotland, gun obair brosnachaidh ro làimh, gun robh 34 sa cheud den luchd-freagairt den bheachd gun robh a’ Ghàidhlig, mar chànan nàiseanta na h-Alba, a’ cur ris an turas aca agus gun robh iad ag iarraidh barrachd ionnsachadh mu deidhinn. 

Chaidh an seata-goireasan a lìbhrigeadh tro Ro-innleachd Turasachd Gàidhlig VisitScotland, a tha ag amas air àrdachadh agus ruigsinneachd na Gàidhlig a mheudachadh mar phàirt de na tursan a bhios aig luchd-tadhail ann an Alba. Chruthaich VisitScotland an ro-innleachd còmhla ri riochdairean bhon roinn phrìobhaidich agus ri com-pàirtichean a’ gabhail a-steach Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean agus Àrainneachd Eachdraidheil Alba.  Tha buill air a’ bhuidhinn buileachaidh ro-innleachd seo air susbaint agus ceanglaichean a chur ris an t-seata-ghoireasan.

Fhuair am pròiseact taic maoineachaidh bho Mhaoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig agus tha e na stòras beò a thèid ùrachadh gu tric nuair a bhios stuthan ùra rim faighinn.

Thuirt Riddell Graham, Stiùiriche Gnìomhachais agus Leasachadh Àiteachan:

“Tha e a’ toirt blas a bharrachd de dh’fhìor chultar na h-Alba do luchd-tadhail, den chultar sònraichte againn air nach urrainnear eòlas a chur gu ceart ach ann an Alba fhèin.

“Tha an seata-goireasan ùr seo ag amas air gnìomhachasan air feadh na dùthcha a chuideachadh gus gabhail ris a’ Ghàidhlig agus gus a cleachdadh gus sealltainn gu bheil iad eadar-dhealaichte bho chàch. Tha sinn air a bhith ag obair gu dlùth le ar com-pàirtichean gus an goireas luachmhor seo a chruthachadh agus tha sinn den bheachd gum bi a’ Ghàidhlig fhathast na buannachd mhòr do dhearbh-aithne na h-Alba agus a’ glacadh mac-meanmna nan Albannach aig baile agus air feadh an t-saoghail.

“Agus gnìomhachas na turasachd a’ tòiseachadh air ath-shlànachadh às dèidh an sgrios a rinn COVID-19, tha e deatamach gun lorgar dòighean air Alba a shuidheachadh mar roghainn shaor-làithean sònraichte agus air leth. Tha seo a chionn ’s nach eil turasachd dìreach mu làithean-saora, tha i adhartach - a’ cruthachadh luach eaconamach is sòisealta anns gach ceàrnaidh de dh’Alba agus a’ cur ri sunnd gach neach a bhios a’ gabhail pàirt ann.”

Thuirt Shona NicIllInnein, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig:

Gheibhear an goireas Gàidhlig aig: www.visitscotland.org/supporting-your-business/marketing-toolkits/scottish-gaelic

Download

Seata-goireasan Gàidhlig ga chur air bhog

Bidh a’ bhuidheann turasachd nàiseanta a’ cur fòcas air cànan

Asset type post
ID 111714
Word count 816 words

Licence

Licence Editorial A Licence to use assets for editorial purposes, which is, to illustrate an event or story in an article but not commercially such as marketing a product or print ad. An Editorial asset may show a brand, a trademarked logo or product, a public personality, or recognisable people, without a signed release or with limited releases. When you use VisitScotland Editorial content you do so to illustrate Scottish tourism in a positive way.
Expiry No expiry date
Release date
Added at
Updated at:
Usage Editorial content can be published in a variety of formats ranging from print or digital to online. In print content can be featured in *newspapers *magazines *brochures. Online content can be published in a *blog *website *article or *social media. Regardless of the format this content should always promote Scotland’s tourism in a positive way.

Tags