VisitScotland Business Events Travel Trade Corporate Media Toolkit

Nous utilisons des cookies

Nous utilisons des cookies pour améliorer votre expérience sur ce site.

Vous pouvez accepter notre politique en matière de cookies ou personnaliser vos choix.

Veuillez consulter notre Politique en matière de cookies pour plus d’informations.

Gérer les paramètres des cookies

DÈAN LATHA DHETH!

Proxy

Le saor-làithean an t-samhraidh a-nis air tòiseachadh, tha iomairt ùr VisitScotland a’ cur ìmpidh air daoine air feadh nan Eilean Siar gus taic a thoirt dhan ghnìomhachas turasachd ionadail aca le bhith a’ dol air làithean a-muigh air feadh nan eilean.

Tha an iomairt, a tha ag amas gu sònraichte air luchd-còmhnaidh ionadail, a’ cur cuideam air a bhith a’ faicinn àiteachan ùra a bharrachd air a bhith a’ taisbeanadh iomadh àite tarraingeach a tha a’ tarraing luchd-tadhail bho air feadh an t-saoghail a dh’Alba.

A’ cleachdadh measgachadh de mheadhanan pàighte agus gnìomhachd dhidseatach a’ gabhail a-steach bhidiothan air-loidhne agus meadhanan sòisealta, bidh an iomairt Now is Your Time a’ dol thar còig cuspairean, a’ tòiseachadh le làithean a-muigh agus an uair sin a’ gluasad air adhart gu làithean saora goirid, saor-làithean goirid ann am bailtean mòra, cruinneachaidhean teaghlaich agus tursan “faigh air falbh gus ceangal a dhèanamh” airson leas sunnd corporra agus inntinn.

Thathar an dòchas gum brosnaich an iomairt muinntir an àite gus an dùthaich aca fhèin a lorg às ùr, a’ cumail taic ri ath-bheothachadh na turasachd ann an dòigh shàbhailte agus chùramach.

Tha luach de chòrr is £11.5 millean aig turasachd do dh’eaconamaidh ionadail nan Eilean Siar, agus i a’ cumail taic ri mu 1500 obraichean. Chaidh droch chron a dhèanamh air an roinn le galar lèir-sgaoilte Covid-19 agus leis a’ ghlasadh-sìos agus bacaidhean air siubhal a bh’ ann mar thoradh air seo.  Tha turasachd dhachaigheil fhathast air aon de na margaidhean as luachmhoire ann an Alba le cuibheas de 1.7 millean turas latha air an dèanamh ann an Innse Gall ro Chovid.

Thuirt Chris Taylor, Stiùiriche Ceannardais Roinneil VisitScotland:

“Leis a’ chiad phàirt den iomairt ùir seo, tha sinn an dòchas fios a sgaoileadh mu dhìreach cuid de na rudan a dh’fhaodadh daoine a dhèanamh gus daoine air feadh na sgìre a bhrosnachadh gus faighinn a-mach agus na goireasan agus na h-àiteachan iongantach a th’ againn air ar stairsnich fhèin fhaicinn. Tha fìor dheagh làithean a-muigh rim faighinn ann an Innse Gall a tha freagarrach airson gach aois agus ùidh agus seo an t-àm airson a dhol a-mach agus tlachd a ghabhail annta!

“Tha gnìomhachas turasachd is tachartasan na h-Alba feumach air taic bho dhaoine a tha a’ fuireach ann an Alba - tha sinn ag iarraidh air a h-uile duine taic a thoirt do thurasachd le bhith a’ gabhail làithean a-muigh agus a bhith a’ beachdachadh air saor-làithean aig an taigh. Dh’fhaodadh latha a-muigh a bhith a’ gabhail a-steach rud sam bith bho bhith a’ tadhal air ionad turasachd, a’ dol airson biadh le teaghlach is caraidean no a bhith a’ dol gu àite ùr.

“Tha fòcas VisitScotland air ath-bheothachadh cùramach a’ ghnìomhachais, a’ togail ceann-uidhe agus gnàth-eòlas luchd-tadhail a leigeas le turasachd agus tachartasan soirbheachadh san latha an-diugh agus san àm ri teachd. Leanaidh sinn oirnn ag obair le, agus a’ toirt taic do ghnìomhachasan gus dèanamh cinnteach gun tèid a’ phàirt ro-chudromach de dh’eaconamaidh na h-Alba ath-thogail.”

Télécharger

DÈAN LATHA DHETH! 

VisitScotland air iomairt margaidheachd ùr a chur air bhog airson an t-Samhraidh gus làithean a-muigh a bhrosnachadh

Type d'Asset post
ID 111670
Compteur de mots 634 mots

Licence

Licence Editorial A Licence to use assets for editorial purposes, which is, to illustrate an event or story in an article but not commercially such as marketing a product or print ad. An Editorial asset may show a brand, a trademarked logo or product, a public personality, or recognisable people, without a signed release or with limited releases. When you use VisitScotland Editorial content you do so to illustrate Scottish tourism in a positive way.
Expiration Pas de date d’expiration
Publié
Ajouté à
Utilisation Editorial content can be published in a variety of formats ranging from print or digital to online. In print content can be featured in *newspapers *magazines *brochures. Online content can be published in a *blog *website *article or *social media. Regardless of the format this content should always promote Scotland’s tourism in a positive way.

Étiquettes