Wir verwenden Cookies
Wir verwenden Cookies, um Ihre Erfahrung auf dieser Website zu verbessern.
Sie können unsere Cookie-Richtlinie akzeptieren oder Ihre Auswahl anpassen.
Bitte lesen Sie unsere Cookie-Richtlinie für weitere Informationen.
Tha VisitScotland air Manaidsear Leasachaidh ùr fhastadh do na h-Eileanan Siar.
Is e Victoria Harvey a tha san dreuchd anns am bi i ag obair le luchd-ùidh agus com-pàirtichean air feadh nan eilean gus dòighean a lorg gus taic a chumail ri fàs eaconamaidh an luchd-tadhail.
An seo, tha Victoria, a tha stèidhichte ann an Steòrnabhagh a’ mìneachadh gu bheil i gu mòr airson conaltradh a dhèanamh leis na coimhearsnachdan air feadh nan eilean agus tha i ag innse dhuinn mu chuid de na leasachaidhean turasachd a tha san amharc:
“Thug na 18 mìosan mu dheireadh cruth atharrachadh air a h-uile duine. Agus mi a’ tòiseachadh san dreuchd ùr seo le VisitScotland, tha mi air bhioran a bhith ag obair leis agus a’ toirt taic dhan choimhearsnachd agus do ghnìomhachas na turasachd anns na h-eileanan agus sinn a’ gluasad air adhart san àbhaist ùr seo.“Mus robh mi nam Mhanaidsear Leasachaidh VisitScotland airson nan Eileanan Siar, b’ e an obair thlachdmhor a bh’ agam a bhith a’ ruith ionad luchd-tadhail às leth an urrais carthannais aig Tursachan suaicheanta Chalanais.“Tha mi cuideachd air obrachadh ann an gnìomhachas na turasachd ann an diofar dhreuchdan fad grunn bhliadhnaichean, bho bhith a’ cur ri chèile agus a’ cur air bhog slighe bidhe is deoch Eat Drink Hebrides air feadh Innse Gall, gu turasachd dualchais le Caidreachas Turasachd na h-Alba agus tha mi air saor-làithean a reic air feadh na dùthcha le McKinlay Kidd. “Ann am beatha roimhe, bha a’ mhòr-chuid de chlàran-ama nam busaichean agus nan aiseagan air feadh na dùthcha air mo theanga.“Bho 2020, tha gnìomhachasan turasachd na dùthcha agus gu sònraichte sna h-Eileanan Siar air dèiligeadh ri diofar dhùbhlain ann an àrainneachd de mhì-cinnt. Agus sinn a’ feuchainn ris na coimhearsnachdan againn a chumail sàbhailte aig an aon am “Agus ged nach eil na dùbhlain air ar cùlaibh fhathast, tha fios agam bhon ùine agam ann an Calanais, gun robh ath-fhosgladh a’ ciallachadh gun robh aodannan blàtha a’ cur fàilte orm mar charaidean, agus a bhith a’ faicinn daoine ùra a’ cur eòlas air mìorbhailean Innse Gall agus a’ faicinn an eilein tro an sùilean fhèin airson a’ chiad uair a-rithist. Gu tric air làithean duilich, smaoinich mi air seo agus bha mi toilichte gun robh barrachd àbhaisteachd agus misneachd gu bhith air thoiseach oirnn.“Le siubhal dachaigheil agus eadar-nàiseanta a’ fosgladh às ùr, tha fòcas mòr air mar as urrainn do ghnìomhachas na turasachd soirbheachadh gu cùramach agus gu seasmhach a-nis agus san àm ri teachd. Tha VisitScotland, ag obair le grunn chom-pàirtichean gus turasachd cunntachail a bhrosnachadh, agus aig an aon àm tha e a’ brosnachadh agus a’ toirt taic do leasachadh taobh a-staigh a’ ghnìomhachais, nan coimhearsnachdan, nan ceann-uidhe, an luchd-tadhail agus nan com-pàirtichean ro-innleachdail.“Tha sinn a’ brosnachadh luchd-tadhail fios a bhith aca mus fhalbh iad, gun lorg sam bith fhàgail agus gus beachdachadh air dòighean siubhail nas seasmhaiche a bharrachd air a bhith a’ dol nas slaodaiche gus an ùine a ghabhail gus blasad fhaighinn de na h-àiteachan air an t-slighe agus a bhith a’ cur cùl ri likes air-loidhne, liostaichean agus bogsaichean tiog.“Chaidh seo a neartachadh le iomairt P.L.A.C.E aig Turasachd Innse Gall le gnìomhachd a’ gabhail a-steach pàirceadh ann an àiteachan comharraichte a-mhàin, stiùireadh do dhachaighean motair, agus a bhith a’ gabhail saor-làithean ann am fearann obrach.“Tha e na adhbhar misneachd dhuinn gu bheil leasachaidhean gan dèanamh aig àiteachan trang air feadh nan eilean mar thoradh air Maoin Bun-structair na Turasachd Dùthchail agus co-obrachadh eadar Comhairle nan Eilean Siar agus com-pàirtichean. Tron £230k a fhuaradh, rinneadh ath-nuadhachadh air pàircean-chàraichean, chaidh puingean-dealain agus seirbheisean do bhanaichean-campachaidh a chur air dòigh ann an Niseabost, Losgaintir, sa Ghallan Ùigeach agus ann an Rubha Robhanais le barrachd ri thighinn fhathast. “Is fhiach cuimhneachadh gum bi mòran a’ tighinn do na h-eileanan airson a’ chultair, nàdair agus nan rudan eile a th’ againn agus mar as motha as urrainn dhuinn a dhèanamh gus an oideachadh air mar as urrainn dhaibh tadhal gu ciallach cùramach, is ann as fheàrr a bhios cùisean dhan a h-uile duine.“Tha mi dealasach a thaobh turasachd cunntasach, gu sònraichte a thaobh mar a ghabhas i cleachdadh gus dìon a thoirt dhan àite so-leònte anns a bheil sinn a’ fuireach agus cuideachd a bhith a’ toirt togail dhan choimhearsnachd ionadail. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair le luchd-ùidh gus turasachd air a stiùireadh leis a’ choimhearsnachd a chur an comas agus sinn a’ cumail oirnn a’ cuideachadh luchd-tadhail gus roghainnean cùramach a dhèanamh fhad ‘s a tha iad an seo.“Tha pàirt ro-chudromach aig sgioba iCentre VisitScotland ann an Steòrnabhagh ann a bhith a’ coileanadh an amais seo. Cumaidh an luchd-obrach fiosrachadh fìor chudromach do luchd-tadhail seann is ùr agus do mhuinntir an àite cuideachd nuair a bhios feum air. Rinneadh obair ath-nuadhachaidh nach bu bheag air an ICentre dìreach ron ghlasadh sìos sa Mhàrt 2020 agus mar sin, dèan cinnteach gun tig thu a-steach gus sùil a thoirt air agus gus halò a ràdh ruinn!“Agus sinn a’ gluasad air adhart chun a’ Gheamhraidh agus an ath sheusan, is urrainn dhuinn fòcas a chur air ath-shlànachadh a-staigh gu 2022 agus nas fhaide air adhart. ‘S e ‘Scotland is Calling’ a’ chiad iomairt chruinneil aig VisitScotland bho thòisich galar lèir-sgaoilte COVID-19, a’ toirt dhuinn sealladh air na thachras san àm ri teachd agus sinn a’ cur fàilte air luchd-tadhail eadar-nàiseanta do dh’Alba a-rithist agus iad a’ cur ri ath-bheòthachadh a’ ghnìomhachais. “Chunnaic sinn iomairtean fìor mhath bho Thurasachd Innse Gall cuideachd, a’ gabhail a-steach tè le fòcas sònraichte air a bhith a’ brosnachadh cultar Gàidhlig nan eilean. “Tha an cànan a’ toirt blas a bharrachd de dh’fhìor chultar na h-Alba do luchd-tadhail, den chultar shònraichte againn air nach urrainnear eòlas a chur gu ceart ach ann an Alba fhèin.“Tro Ro-innleachd Turasachd na Gàidhlig, tha VisitScotland a’ brosnachadh luchd-tadhail agus gnìomhachas na turasachd san fharsaingeachd gus gabhail ris a’ chànan agus gus a brosnachadh. Agus le 2022 air ainmeachadh mar Bhliadhna nan Sgeulachdan - bidh a’ Ghàidhlig agus a’ phrìomh phàirt a th’ aice ann a bhith ag innse sgeulachd na h-Alba na phàirt chudromach de seo.“Tha mi air mo dhòigh ghlan a bhith nam phàirt de sgioba VisitScotland agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair leis a’ ghnìomhachas agus leis na coimhearsnachdan ionadail. Tha com-pàirteachas agus co-obrachadh aig cridhe turasachd na h-Alba agus tha seo fìor gu sònraichte sna h-eileanan. Feumaidh cothromachadh a bhith againn a tha a’ toirt cothrom do choimhearsnachdan a bhith a’ soirbheachadh, agus a bhith a’ faighinn buannachd bho thurasachd aig an aon àm agus seo fear de na prìomh rudan air a bheil mi fhèin nam dhreuchd agus VisitScotland ag amas sna h-Eileanan Siar. “Tha seo a chionn ’s nach eil turasachd dìreach mu làithean-saora, tha i adhartach - a’ cruthachadh luach eaconamach is sòisealta anns gach ceàrnaidh de dh’Alba agus a’ cur ri sunnd gach neach a bhios a’ gabhail pàirt ann.”Tha VisitScotland air Manaidsear Leasachaidh ùr fhastadh do na h-Eileanan Siar.