Wir verwenden Cookies
Wir verwenden Cookies, um Ihre Erfahrung auf dieser Website zu verbessern.
Sie können unsere Cookie-Richtlinie akzeptieren oder Ihre Auswahl anpassen.
Bitte lesen Sie unsere Cookie-Richtlinie für weitere Informationen.
Dh’fhaodadh batharan “stoidhle-cluba”, tursan goirid stèidhichte sa choimhearsnachd, agus pearsanachadh turasachd ann an Alba a thoirt air adhart agus an gnìomhachas ag atharrachadh mar thoradh air galar sgaoilte COVID-19, tha pàipear ùr aig VisitScotland a’ sealltainn air Latha Turasachd an t-Saoghail (27 Sultain).
A rèir na h-aithisg Navigating the New Normal – Post-COVID19 Tourism Consumer Trends bidh goireasachd, fois-inntinn, luach, brosnachadh agus ceangal deatamach a thaobh an ath-bheothachaidh, le turasachd chunntachail agus sheasmhach aig cridhe ghnothaichean.
Tha am pàipear, le roinn na lèirsinn aig a’ bhuidhinn thurasachd nàiseanta, a’ sgrùdadh suidheachadh nan coinsiumairean, agus dòighean-giùlain an luchd-turais, a fhuaireadh bho eòlaichean sa ghnìomhachas, bho shuirbhidhean luchd-turais agus bho dhàta eadar-nàiseanta.
Air feadh na Roinn Eòrpa, tha siubhal taobh a-staigh na dùthcha air a bhith a’ dol am feabhas, le àrdachadh mòr ann an siubhail rèile mar thoradh air daoine a’ dol air tursan do chinn-uidhe dùthchail. Anns an RA, an àite a bhith a’ dol air tursan mar làithean-saora a-mhàin, thadhail tòrr dhaoine air caraidean is càirdean, agus chuir seo ri tursan ann am mìosan an t-samhraidh le àiteachan dùthchail a’ dèanamh gu sònraichte math.
Tha am pàipear a’ toirt fa-near gu bheil mòran de ghiùlan nan coinsiumairean a tha sinn a’ faicinn a’ co-thaobhadh ri amasan Ro-innleachd Turasachd Nàiseanta na h-Alba, Scotland Outlook 2030, a chaidh fhoillseachadh sa Mhàrt, a tha a’ cur air adhart turasachd cùramach ciallach.
Tha e ag ràdh cuideachd: “Tha cothrom aig Alba a-nis a bhith na ceann-uidhe a tha fìor tharraingeach agus seasmhach. Is urrainn dhuinn turasachd ath-shuidheachadh san dòigh a tha sin fhèin ag iarraidh, a’ coileanadh amasan airson turasachd chiallach a tha a rèir miannan a’ choinsiumair”
’S iad co-dhùnaidhean a’ phàipear air an àbhaist ùr:
Gheibhear Navigating the New Normal - Post-COVID19 Tourism Consumer Trends an seo
AN DEIREADH
Dh’fhaodadh batharan “stoidhle-cluba”, tursan goirid stèidhichte sa choimhearsnachd, agus pearsanachadh turasachd ann an Alba a thoirt air adhart agus an gnìomhachas ag atharrachadh mar thoradh air galar sgaoilte COVID-19, tha pàipear ùr aig VisitScotland a’ sealltainn air Latha Turasachd an t-Saoghail (27 Sultain).