A’ seòladh san Àbhaist Ùr

Proxy

Dh’fhaodadh batharan “stoidhle-cluba”, tursan goirid stèidhichte sa choimhearsnachd, agus pearsanachadh turasachd ann an Alba a thoirt air adhart agus an gnìomhachas ag atharrachadh mar thoradh air galar sgaoilte COVID-19, tha pàipear ùr aig VisitScotland a’ sealltainn air Latha Turasachd an t-Saoghail (27 Sultain).

A rèir na h-aithisg Navigating the New Normal – Post-COVID19 Tourism Consumer Trends bidh goireasachd, fois-inntinn, luach, brosnachadh agus ceangal deatamach a thaobh an ath-bheothachaidh, le turasachd chunntachail agus sheasmhach aig cridhe ghnothaichean.

Tha am pàipear, le roinn na lèirsinn aig a’ bhuidhinn thurasachd nàiseanta, a’ sgrùdadh suidheachadh nan coinsiumairean, agus dòighean-giùlain an luchd-turais, a fhuaireadh bho eòlaichean sa ghnìomhachas, bho shuirbhidhean luchd-turais agus bho dhàta eadar-nàiseanta.

Air feadh na Roinn Eòrpa, tha siubhal taobh a-staigh na dùthcha air a bhith a’ dol am feabhas, le àrdachadh mòr ann an siubhail rèile mar thoradh air daoine a’ dol air tursan do chinn-uidhe dùthchail. Anns an RA, an àite a bhith a’ dol air tursan mar làithean-saora a-mhàin, thadhail tòrr dhaoine air caraidean is càirdean, agus chuir seo ri tursan ann am mìosan an t-samhraidh le àiteachan dùthchail a’ dèanamh gu sònraichte math.

Tha am pàipear a’ toirt fa-near gu bheil mòran de ghiùlan nan coinsiumairean a tha sinn a’ faicinn a’ co-thaobhadh ri amasan Ro-innleachd Turasachd Nàiseanta na h-Alba, Scotland Outlook 2030, a chaidh fhoillseachadh sa Mhàrt, a tha a’ cur air adhart turasachd cùramach ciallach.

Tha e ag ràdh cuideachd: “Tha cothrom aig Alba a-nis a bhith na ceann-uidhe a tha fìor tharraingeach agus seasmhach. Is urrainn dhuinn turasachd ath-shuidheachadh san dòigh a tha sin fhèin ag iarraidh, a’ coileanadh amasan airson turasachd chiallach a tha a rèir miannan a’ choinsiumair”

’S iad co-dhùnaidhean a’ phàipear air an àbhaist ùr:

  • Fàsaidh turasachd shlaodach nas mòr-chòrdte sa gheàrr-ùine, le “nas lugha de shiubhal ach siubhal nas fheàrr”.
  • Bidh bathar pearsanaichte agus sònraichte a’ cur air adhart ùr-ghnàthachadh agus atharrachadh san roinn.
  • Bidh branndaichean "premium" a’ brosnachadh ìrean àrda de shlàinte, sàbhailteachd, beusachd is seirbheis custamair ach is urrainn solaraichean nas lugha faireachdainn bhlàth air sgèile bheag a thoirt seachad tro bhith a’ toirt seachad bathar is seirbheisean stoidhle “cluba”.
  •  Turasachd chruth-atharrachail agus a’ cumail taic ris an eaconamaidh: bidh luchd-cleachdaidh“ a’ siubhal le adhbhar”, a’ nochdadh taic dhan choimhearsnachd tro obair shaor-thoileach, ath-fhiadhachadh, ionadaileachd, bogadh ath-nuadhachail tro nithean a thogas spiorad.
Thuirt Chris Greenwood, Àrd-Mhanaidsear Lèirsinn Turasachd aig VisitScotland:“Tha Navigating the New Normal a’ toirt dhuinn cùl-fhiosrachadh is eòlas mu na treandaichean a tha a’ tighinn am bàrr aig àm a’ ghalair lèir-sgaoilte mar dhòigh anns an urrainn dhan ghnìomhachas ionnsachadh agus atharrachadh mar phàirt de ath-bheothachadh turasachd na h-Alba.“Tha turasachd na rud adhartach agus ma tha i air a stiùireadh gu ciallach, bidh i a’ cur ri seasmhachd coimhearsnachd anns gach pàirt de dh’Alba, cruthaichidh i obair, cuiridh i aghaidh air crìonadh sluaigh, agus cuiridh i ri sunnd a h-uile duine a tha a’ gabhail pàirt innte. Tha e cudromach a bhith ag aithneachadh agus a’ comharrachadh seo  air Latha Turasachd an t-Saoghail am-bliadhna.”

Gheibhear Navigating the New Normal - Post-COVID19 Tourism Consumer Trends an seo

AN DEIREADH

Télécharger

A’ seòladh san Àbhaist Ùr

Dh’fhaodadh batharan “stoidhle-cluba”, tursan goirid stèidhichte sa choimhearsnachd, agus pearsanachadh turasachd ann an Alba a thoirt air adhart agus an gnìomhachas ag atharrachadh mar thoradh air galar sgaoilte COVID-19, tha pàipear ùr aig VisitScotland a’ sealltainn air Latha Turasachd an t-Saoghail (27 Sultain).

Type d'Asset post
ID 111497
Compteur de mots 784 mots

Licence

Licence Editorial A Licence to use assets for editorial purposes, which is, to illustrate an event or story in an article but not commercially such as marketing a product or print ad. An Editorial asset may show a brand, a trademarked logo or product, a public personality, or recognisable people, without a signed release or with limited releases. When you use VisitScotland Editorial content you do so to illustrate Scottish tourism in a positive way.
Expiration Pas de date d’expiration
Publié
Ajouté à
Mis à jour le:
Utilisation Editorial content can be published in a variety of formats ranging from print or digital to online. In print content can be featured in *newspapers *magazines *brochures. Online content can be published in a *blog *website *article or *social media. Regardless of the format this content should always promote Scotland’s tourism in a positive way.

Étiquettes