We use cookies
We use Cookies to improve your experience on this site.
You can accept our cookies policy or customise your choices.
Please refer to our Cookies Policy for more information.
Tha VisitScotland air cairt ùr fhoillseachadh mu mar a ghabhas daoine tlachd à Alba anns na mìosan ri tighinn, agus cuingealachaidhean COVID-19 gam fuasgladh is turasachd na h-Alba ag ullachadh gus ath-fhosgladh air 15 Iuchar.
Air a chur air bhog le Ministear na Turasachd, Fearghas Ewing air Dihaoine 3 Iuchar, tha a’ bhuidheann turasachd nàiseanta air raon de mholaidhean a chruthachadh a tha ag amas air siubhal sàbhailte agus ciallach a bhrosnachadh air feadh na dùthcha.
Thathar an dòchas gun cuidich a’ chomhairle seo, a tha ri faighinn ri luchdadh a-nuas bho VisitScotland.org, a ghabhas clò-bhualadh agus brosnachadh air seanailean sòisealta, le bhith ag ath-bheothachadh fear de na gnìomhachasan as luachmhoire ann an Alba.
Tha luach de chòrr is £11.5 billean aig turasachd do dh’eaconamaidh na h-Alba, agus i a’ cumail taic ri aon a-mach às gach 12 obraichean, chaidh droch chron a dhèanamh air an roinn leis a’ ghalair lèir-sgaoilte COVID-19 agus leis a’ ghlasadh-sìos agus bacaidhean air siubhal mar thoradh air seo.
Tha an stiùireadh a’ gabhail a-steach
- Gun a bhith a’ siubhal ma tha comharraidhean COVID-19 oirbh no ma chaidh iarraidh oirbh cumail air falbh bho dhaoine eile mar thoradh air COVID-19
- A’ leantainn cheuman a thaobh astarachadh corporra
- A bhith a’ cleachdadh stuth-slàinteachaidh làimhe gu cunbhalach agus a’ nighe do làmhan gu tric
- A’ planadh ro-làimh agus a’ faighinn a-mach a bheil gnìomhachasan agus goireasan fosgailte agus a’ cur fàilte air luchd-tadhail mus tèid thu ann
- A bhith mothachail air feumalachdan nan coimhearsnachdan ionadail agus nan stòrasan luachmhor aca
- A’ cumail taic ris a’ ghnìomhachas turasachd ionadail le bhith ag ithe gu h-ionadail, a’ ceannach gu h-ionadail agus a’ faicinn rudan gu h-ionadail
Bidh a’ chomhairle seo a’ dol còmhla ri iomadh cairt is stiùireadh a tha buidhnean san roinn agus buidhnean cinn-ùidhe air cruthachadh - agus iad uile a’ feuchainn ri dhèanamh cinnteach gun tòisich turasachd às ùr ann an dòigh cho ciallach ’s a ghabhas.
Dh’ainmich VisitScotland iomairt margaidheachd ùr an t-seachdain sa chaidh, a bhios a’ brosnachadh Albannaich gus an dùthaich aca fhèin ath-lorg agus a bhith a’ fhaighinn tlachd às na rudan a tha air an stairsnich aca fhèin. Stèidhich an ro-innleachd dòigh-obrach ceum air cheum gus dèanamh cinnteach nach bi coimhearsnachdan, anns a bheil turasachd chudromach, a’ faighinn cus luchd-tadhail gu h-obann, agus aig an aon àm a bhith a’ cur gnìomhachas na turasachd air a chasan a-rithist. Nuair a bhios e iomchaidh, tòisichidh ceuman eile san iomairt gus Alba a bhrosnachadh air feadh na RA agus na h-Èireann.
Thuirt Rùnaire na Turasachd, Fearghas Ewing:“Tha mi toilichte a bhith a’ cur na cairt ùir seo do luchd-tadhail air bhog an-diugh agus sinn a’ faicinn cuid den roinn a’ fosgladh a-rithist. Bidh an stiùireadh seo na inneal cudromach gus luchd-turais a chuideachadh a bhith a’ siubhal gu ciallach agus tha mi a’ brosnachadh a h-uile duine ann an Alba a tha a’ planadh làithean-saora aig baile a bhith a’ cur eòlas air. Tha pàirt againn uile ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gun urrainn do ghnìomhachas na turasachd ath-fhosgladh gu sàbhailte tèarainte agus, aig an àm, a bhith a’ cur bacadh air sgapadh a’ bhìorais.” Thuirt Malcolm Roughhead, Àrd-oifigear VisitScotland“Bidh planadh is rannsachadh cuideachd na phàirt chudromach de shaor-làithean dhaoine agus tha sinn gu mòr airson ’s gum bi fios aig luchd-tadhail ro-làimh nuair a tha iad gu bhith a’ siubhal; a’ faighinn a-mach na tha fosgailte agus a’ clàradh rudan ro-làimh ma bhios feum air.“Le bhith a’ leantainn na comhairle seo agus sinn uile ag obair còmhla, is urrainn dhuinn piseach a thoirt air turasachd na h-Alba ann an dòigh shàbhailte agus chiallach.”Airson barrachd fiosrachaidh mu bhith a’ siubhal taobh a-staigh na h-Alba, faic visitscotland.com
Airson barrachd fiosrachaidh agus gus cairt an luchd-tadhail fhaicinn, faic: https://www.visitscotland.org/supporting-your-business/advice/coronavirus-recovery/visitor-charter
Tha VisitScotland air cairt ùr fhoillseachadh mu mar a ghabhas daoine tlachd à Alba anns na mìosan ri tighinn, agus cuingealachaidhean COVID-19 gam fuasgladh is turasachd na h-Alba ag ullachadh gus ath-fhosgladh air 15 Iuchar.