Wir verwenden Cookies
Wir verwenden Cookies, um Ihre Erfahrung auf dieser Website zu verbessern.
Sie können unsere Cookie-Richtlinie akzeptieren oder Ihre Auswahl anpassen.
Bitte lesen Sie unsere Cookie-Richtlinie für weitere Informationen.
Tha VisitScotland, còmhla ri buidhnean turasachd nàiseanta Shasainn, Èireann a Tuath agus na Cuimrigh, air ainmeachadh an-diugh (25 Ògmhios) gun tèid slat-tomhais gnìomhachais airson na RA air fad a chur air bhog, cho math ri comharra do choinsiumairean gus misneachd a thoirt do luchd-tadhail, coimhearsnachdan agus gnìomhachasan turasachd, agus an roinn ag obair a dh’ionnsaidh ath-fhosgladh.
Tha an inbhe gnìomhachais ‘Deiseil is Deònach - We’re Good To Go’ agus an comharra a tha a’ dol còmhla ris a’ ciallachadh gum faod gnothachasan thar gach raon de ghnìomhachas na turasachd ann an Alba sealltainn gu bheil iad a’ cumail ri stiùireadh an Riaghaltais agus stiùireadh a thaobh slàinte a’ phobaill, agus gu bheil iad air measadh cunnairt COVID-19 a dhèanamh gus dèanamh cinnteach gu bheil na pròiseasan agus na protocalan uile a tha a dhìth an gnìomh.
Tha an sgeama an-asgaidh seo a’ dol còmhla ris an stiùireadh a tha Riaghaltas na h-Alba air foillseachadh mar-thà https://www.visitscotland.org/supporting-your-business/advice/coronavirus
Thuirt Rùnaire Turasachd Riaghaltas na h-Alba, Fearghas Ewing:“Tha Deiseil is Deònach / Good to Go na dheagh iomairt, a chaidh a chruthachadh leis na ceithir buidhnean luchd-tadhail air feadh na RA, a nì cinnteach gum bi an roinn cho deiseil ’s a ghabhas gus fàilte a chur air luchd-tadhail a-rithist. Tha mi toilichte gun deach an sgeama fèin-theisteanais seo a stèidheachadh air feadh na RA a bheir cothrom do ghnìomhachasan sealltainn gu bheil iad deiseil gus fosgladh a-rithist agus gus misneachd a thoirt do luchd-tadhail agus coimhearsnachdan gun urrainn do thurasachd tòiseachadh a-rithist.” Thuirt Malcolm Roughead, Àrd-oifigear VisitScotland:Gus an comharra fhaighinn feumaidh gnìomhachasan fèin-mheasadh a dhèanamh tron ùrlar air-loidhne, www.goodtogoscotland.com, a’ gabhail a-steach liosta gus dearbhadh a bheil iad air na pròiseasan riatanach a chur an sàs mus fhaigh iad teisteanas agus an comharra ‘Deiseil is Deònach / We’re Good To Go’ airson taisbeanadh san togalach aca agus air-loidhne.
Bidh gnìomhachasan air feadh na RA a’ dèanamh fèin-mheasadh a rèir nan stiùiridhean nàiseanta fa leth, a’ gabhail a-steach nam protocalan air astaradh corporra agus glainead a dh’fheumas a bhith aca.
Ann an Alba, leanaidh gnìomhachasan Stiùireadh Riaghaltas na h-Alba air Eaconamaidh an Luchd-tadhail a thaobh COVID-19. Tha siostam ‘rabhaidh’ a’ dèanamh cinnteach gun cuirear fios gu gnìomhachasan a tha air an ainm a chur ris an slat-tomhais ma tha atharrachaidhean anns an stiùireadh oifigeil. Bheir seirbheis làimhseachaidh-ghairmean taic seachad agus bidh comhairlichean cuideachd a’ dèanamh ghairmean taic gnìomhachais air thuaiream gus dèanamh cinnteach gu bheil gnìomhachasan a’ tuigsinn agus a’ cumail ris an stiùireadh.
Chaidh an sgeama a chruthachadh ann an com-pàirteachas le Turasachd Èireann a Tuath, VisitEngland agus Croeso Cymru gus dèanamh cinnteach gu bheil an aon dòigh-obrach ann air feadh na RA le beachdan air a chur ris bho chòrr is 40 buidhnean sa ghnìomhachas a’ gabhail a-steach the Association of Scottish Visitor Attractions, the Association of Scotland’s Self Caterers, Wild Scotland and Sail Scotland, British Holiday & Home Parks Association agus the National Caravan Council.
Tha am pròiseas fèin-mheasaidh ceangailte ri stiùiridhean sònraichte airson diofar roinnean a’ gabhail a-steach àiteachan-fuirich, àiteachan turasachd, taighean-bìdh is taighean-seinnse, ionadan co-labhairt gnìomhachais agus tachartasan, agus companaidhean tursan agus choidsichean le ceanglaichean gu stiùireadh gnìomhachais agus comainn malairt a bharrachd mar as iomchaidh.
Bidh VisitScotland ag ùrachadh visitscotland.org leis an stiùireadh nàiseanta is roinneil as ùire.
Tha VisitScotland, còmhla ri buidhnean turasachd nàiseanta Shasainn, Èireann a Tuath agus na Cuimrigh, air ainmeachadh an-diugh (25 Ògmhios) gun tèid slat-tomhais gnìomhachais airson na RA air fad a chur air bhog, cho math ri comharra do choinsiumairean gus misneachd a thoirt do luchd-tadhail, coimhearsnachdan agus gnìomhachasan turasachd, agus an roinn ag obair a dh’ionnsaidh ath-fhosgladh.