VisitScotland Business Events Travel Trade Corporate Media Toolkit

We use cookies

We use Cookies to improve your experience on this site.

You can accept our cookies policy or customise your choices.

Please refer to our Cookies Policy for more information.

Manage cookies settings

VisitScotland ann an com-pàirteachas le buidhnean turasachd nàiseanta gus slat-tomhais gnìomhachais a chur air bhog airson turasachd na RA

Proxy

Tha VisitScotland, còmhla ri buidhnean turasachd nàiseanta Shasainn, Èireann a Tuath agus na Cuimrigh, air ainmeachadh an-diugh (25 Ògmhios) gun tèid slat-tomhais gnìomhachais airson na RA air fad a chur air bhog, cho math ri comharra do choinsiumairean gus misneachd a thoirt do luchd-tadhail, coimhearsnachdan agus gnìomhachasan turasachd, agus an roinn ag obair a dh’ionnsaidh ath-fhosgladh. 

Tha an inbhe gnìomhachais ‘Deiseil is Deònach - We’re Good To Go’ agus an comharra a tha a’ dol còmhla ris a’ ciallachadh gum faod gnothachasan thar gach raon de ghnìomhachas na turasachd ann an Alba sealltainn gu bheil iad a’ cumail ri stiùireadh an Riaghaltais agus stiùireadh a thaobh slàinte a’ phobaill, agus gu bheil iad air measadh cunnairt COVID-19 a dhèanamh gus dèanamh cinnteach gu bheil na pròiseasan agus na protocalan uile a tha a dhìth an gnìomh.  

Tha an sgeama an-asgaidh seo a’ dol còmhla ris an stiùireadh a tha Riaghaltas na h-Alba air foillseachadh mar-thà https://www.visitscotland.org/supporting-your-business/advice/coronavirus

Thuirt Rùnaire Turasachd Riaghaltas na h-Alba, Fearghas Ewing:“Tha Deiseil is Deònach / Good to Go na dheagh iomairt, a chaidh a chruthachadh leis na ceithir buidhnean luchd-tadhail air feadh na RA, a nì cinnteach gum bi an roinn cho deiseil ’s a ghabhas gus fàilte a chur air luchd-tadhail a-rithist. Tha mi toilichte gun deach an sgeama fèin-theisteanais seo a stèidheachadh air feadh na RA a bheir cothrom do ghnìomhachasan sealltainn gu bheil iad deiseil gus fosgladh a-rithist agus gus misneachd a thoirt do luchd-tadhail agus coimhearsnachdan gun urrainn do thurasachd tòiseachadh a-rithist.”  Thuirt Malcolm Roughead, Àrd-oifigear VisitScotland:

Gus an comharra fhaighinn feumaidh gnìomhachasan fèin-mheasadh a dhèanamh tron ùrlar air-loidhne, www.goodtogoscotland.com, a’ gabhail a-steach liosta gus dearbhadh a bheil iad air na pròiseasan riatanach a chur an sàs mus fhaigh iad teisteanas agus an comharra ‘Deiseil is Deònach / We’re Good To Go’ airson taisbeanadh san togalach aca agus air-loidhne.  

Bidh gnìomhachasan air feadh na RA a’ dèanamh fèin-mheasadh a rèir nan stiùiridhean nàiseanta fa leth, a’ gabhail a-steach nam protocalan air astaradh corporra agus glainead a dh’fheumas a bhith aca.  

Ann an Alba, leanaidh gnìomhachasan Stiùireadh Riaghaltas na h-Alba air Eaconamaidh an Luchd-tadhail a thaobh COVID-19. Tha siostam ‘rabhaidh’ a’ dèanamh cinnteach gun cuirear fios gu gnìomhachasan a tha air an ainm a chur ris an slat-tomhais ma tha atharrachaidhean anns an stiùireadh oifigeil. Bheir seirbheis làimhseachaidh-ghairmean taic seachad agus bidh comhairlichean cuideachd a’ dèanamh ghairmean taic gnìomhachais air thuaiream gus dèanamh cinnteach gu bheil gnìomhachasan a’ tuigsinn agus a’ cumail ris an stiùireadh.  

Chaidh an sgeama a chruthachadh ann an com-pàirteachas le Turasachd Èireann a Tuath, VisitEngland agus Croeso Cymru gus dèanamh cinnteach gu bheil an aon dòigh-obrach ann air feadh na RA le beachdan air a chur ris bho chòrr is 40 buidhnean sa ghnìomhachas a’ gabhail a-steach the Association of Scottish Visitor Attractions, the Association of Scotland’s Self Caterers, Wild Scotland and Sail Scotland, British Holiday & Home Parks Association agus the National Caravan Council. 

Tha am pròiseas fèin-mheasaidh ceangailte ri stiùiridhean sònraichte airson diofar roinnean a’ gabhail a-steach àiteachan-fuirich, àiteachan turasachd, taighean-bìdh is taighean-seinnse, ionadan co-labhairt gnìomhachais agus tachartasan, agus companaidhean tursan agus choidsichean le ceanglaichean gu stiùireadh gnìomhachais agus comainn malairt a bharrachd mar as iomchaidh. 

Bidh VisitScotland ag ùrachadh visitscotland.org leis an stiùireadh nàiseanta is roinneil as ùire.

Save Download

VisitScotland ann an com-pàirteachas le buidhnean turasachd nàiseanta gus slat-tomhais gnìomhachais a chur air bhog airson turasachd na RA

Tha VisitScotland, còmhla ri buidhnean turasachd nàiseanta Shasainn, Èireann a Tuath agus na Cuimrigh, air ainmeachadh an-diugh (25 Ògmhios) gun tèid slat-tomhais gnìomhachais airson na RA air fad a chur air bhog, cho math ri comharra do choinsiumairean gus misneachd a thoirt do luchd-tadhail, coimhearsnachdan agus gnìomhachasan turasachd, agus an roinn ag obair a dh’ionnsaidh ath-fhosgladh.

Asset type post
ID 111478
Word count 811 words

Licence

Licence Editorial A Licence to use assets for editorial purposes, which is, to illustrate an event or story in an article but not commercially such as marketing a product or print ad. An Editorial asset may show a brand, a trademarked logo or product, a public personality, or recognisable people, without a signed release or with limited releases. When you use VisitScotland Editorial content you do so to illustrate Scottish tourism in a positive way.
Expiry No expiry date
Released
Usage Editorial content can be published in a variety of formats ranging from print or digital to online. In print content can be featured in *newspapers *magazines *brochures. Online content can be published in a *blog *website *article or *social media. Regardless of the format this content should always promote Scotland’s tourism in a positive way.

Tags