iCentre Innse Gall gu bhith air ath-nuadhachadh
Bidh fiosrachadh luchd-tadhail fhathast ga thoirt seachad ann an Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais, nuair a dhùineas ionad fiosrachaidh luchd-tadhail Innse Gall rè ùine air a’ mhìos seo airson obair ath-nuadhachaidh, tha VisitScotland air a ràdh.
Dùnaidh an iCentre aig a’ bhuidhinn thurasachd nàiseanta ann an Sràid Chrombail bho 12 Gearran 2020 fad còig seachdainnean fhad ’s a thathar ga ath-nuadhachadh.
Rè na h-ùine sin, gluaisidh luchd-obrach VisitScotland gu Port-aiseig Steòrnabhaigh far am bi iad a’ tabhann fiosrachadh do luchd-tadhail aig na h-aon uairean obrach ris an iCentre (Diluain agus Dimàirt, Diardaoin gu Disathairne, 10m-4f).
Tha ùrachadh an iCentre mar phàirt den dòigh-obrach ùir gus fiosrachadh luchd-tadhail a neartachadh anns na h-Eileanan Siar, a chaidh fhoillseachadh leis a’ bhuidhinn turasachd nàiseanta an-uiridh.
Tha VisitScotland air a bhith ag obair leis a’ bhuidhinn riaghlaidh ionadail, Turasachd Innse Gall, gus raon farsaing de roghainnean a thabhann do luchd-tadhail do dh’Innse Gall gus fiosrachadh fhaighinn.
Tha an dòigh-obrach seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ cruthachadh lìonra de dh’ochd “Puingean Fàilte”- roghainn de ghnìomhachasan air feadh nan eilean, bho Spòrs Nis, ann an ceann a tuath Leòdhais, gu Talla Bhatarsaigh ann am Barraigh, a bheir fiosrachadh do luchd-tadhail.
Tha na Puingean Fàilte mar phàirt ùr den lìonra nàiseanta aig VisitScotland de Chom-pàirtichean iKnow - measgachadh de dh’ aiteachan ùidheil fa leth, solaraichean àite-fuirich agus taighean-bìdh - a bheir seachad eòlas agus fiosrachadh ionadail do luchd-tadhail ann an Innse Gall.
Thuirt Chris Taylor, Stiùiriche Ceannardais Roinneil aig VisitScotland: