VisitScotland a’ foillseachadh gun deach an Expo a chur dheth
Mar thoradh air àireamh mhòr de dhaoine a’ tarraing a-mach às an tachartas mar thoradh air a’ Chorònabhìoras (Covid-19) tha VisitScotland air an co-dhùnadh duilich a ghabhail gus Expo VisitScotland na bliadhna seo air 1 agus 2 Giblean aig P&J Live ann an Obar Dheathain a chur dheth.
Thuirt Malcolm Roughead, Àrd-oifigear VisitScotland“Tha sinn air a bhith a’ cumail sùil air an t-suidheachadh fad greis ach tha e soilleir gu bheil sinn mu thràth a’ faicinn daoine a’ tarraing às an tachartas bho phrìomh dhùthchannan, a bharrachd air daoine a’ cur ceistean dhraghail oirnn mun tachartas agus luchd-frithealaidh a bhith leisg siubhal. Le àireamh cùisean a’ Chorònabhìorais a’ dol am meud air feadh an t-saoghail, cha robh sinn airson cur ri sgaoileadh a’ bhìorais air feadh na h-Alba agus nas fhaide air falbh. “Leanaidh sinn oirnn a’ ceangal cheannaichean agus gnìomhachas na turasachd agus tha sinn an-dràsta a’ beachdachadh air mar as urrainn dhuinn teicneòlas agus seanalan didseatach a chleachdadh gus na ceanglaichean sin a dhèanamh - ach cha bhi e comasach dhuinn an tachartas a ruith gu fiosaigeach am-bliadhna. Tha sinn mu thràth a’ coimhead air mar as urrainn dhuinn tuilleadh taic a thoirt do ghnìomhachas na turasachd san àm ri teachd agus bidh sinn a’ cumail sùil air an t-suidheachadh gach latha. “Nì sinn aithris a thaobh Expo na h-ath-bhliadhna ann an ùine nach bi ro fhada.”