VisitScotland a’ foillseachadh gun deach an Expo a chur dheth

Proxy

Mar thoradh air àireamh mhòr de dhaoine a’ tarraing a-mach às an tachartas mar thoradh air a’ Chorònabhìoras (Covid-19) tha VisitScotland air an co-dhùnadh duilich a ghabhail gus Expo VisitScotland na bliadhna seo air 1 agus 2 Giblean aig P&J Live ann an Obar Dheathain a chur dheth.   

Thuirt Malcolm Roughead, Àrd-oifigear VisitScotland“Tha sinn air a bhith a’ cumail sùil air an t-suidheachadh fad greis ach tha e soilleir gu bheil sinn mu thràth a’ faicinn daoine a’ tarraing às an tachartas bho phrìomh dhùthchannan, a bharrachd air daoine a’ cur ceistean dhraghail oirnn mun tachartas agus luchd-frithealaidh a bhith leisg siubhal.  Le àireamh cùisean a’ Chorònabhìorais a’ dol am meud air feadh an t-saoghail, cha robh sinn airson cur ri sgaoileadh a’ bhìorais air feadh na h-Alba agus nas fhaide air falbh.  “Leanaidh sinn oirnn a’ ceangal cheannaichean agus gnìomhachas na turasachd agus tha sinn an-dràsta a’ beachdachadh air mar as urrainn dhuinn teicneòlas agus seanalan didseatach a chleachdadh gus na ceanglaichean sin a dhèanamh - ach cha bhi e comasach dhuinn an tachartas a ruith gu fiosaigeach am-bliadhna. Tha sinn mu thràth a’ coimhead air mar as urrainn dhuinn tuilleadh taic a thoirt do ghnìomhachas na turasachd san àm ri teachd agus bidh sinn a’ cumail sùil air an t-suidheachadh gach latha.  “Nì sinn aithris a thaobh Expo na h-ath-bhliadhna ann an ùine nach bi ro fhada.”
Download

VisitScotland a’ foillseachadh gun deach an Expo a chur dheth

Asset type post
ID 111467
Word count 348 words

Licence

Licence Editorial A Licence to use assets for editorial purposes, which is, to illustrate an event or story in an article but not commercially such as marketing a product or print ad. An Editorial asset may show a brand, a trademarked logo or product, a public personality, or recognisable people, without a signed release or with limited releases. When you use VisitScotland Editorial content you do so to illustrate Scottish tourism in a positive way.
Expiry No expiry date
Release date
Added at
Updated at:
Usage Editorial content can be published in a variety of formats ranging from print or digital to online. In print content can be featured in *newspapers *magazines *brochures. Online content can be published in a *blog *website *article or *social media. Regardless of the format this content should always promote Scotland’s tourism in a positive way.

Tags