A h-uile duine air bòrd airson 2020
An-diugh (13 Sultain), chomharraich Rùnaire a’ Chaibineit Fiona
Hyslop gun robh ‘50 latha air fhàgail’ gus am biodh Bliadhna Cladaichean is
Uisgeachan na h-Alba 2020 ann agus dh’ainmich i 30 tachartas a bharrachd a nì
splàis mhòr tron bhliadhna.
Bho
chàrnabhailean canàil gu ealain is opara co-ceangailte ris a’ chosta, fèisean
feamainn agus tachartasan saidheans gu spòrsan dàna agus tursan iomraidh air a’
chosta; cuiridh a’ Bhliadhna Chuspaireil Albannach a tha ri tighinn solas air
prògram fada is farsaing de thachartasan is fèisean tro 2020 air fad.
Am measg
thachartasan a bhios a’ dol air seòl san Earrach 2020 (Am Màrt - An Cèitean) a
fhuair taic tron 2na Cuairt de mhaoin Bliadhna nan Cladaichean is Uisgeachan,
tha: Prògram leudaichte aig StAnza,
Fèis Bàrdachd Eadar-nàiseanta na h-Alba, a’ taisbeanadh bhàrd le obair a tha a’
coimhead air agus a’ comharrachadh uisgeachan bho chostaichean na h-Alba dhan
Artaig; Co-fharpais Bhreatannach agus Albannach an t-Surfaidh ann an Inbhir
Theòrsa; Signal at Dusk - opara agus obair-ealain air a thoirt seachad le
Cryptic, neach-ealain cliùiteach a tha stèidhichte ann an Glaschu; bidh Inneal
Tìm Fèis nan Canàl a’ toirt sgeulachdan bho Chanàl Fhoirthe is Chluaidh beò
tro ealain, ceòl agus cluich bho na Kelpies do Chuibhle na h-Eaglais Brice; tha
Sea Tamagotchi mar phàirt den phrògram fad-bliadhna airson Gaillimh,
Prìomh-bhaile Cultar na h-Eòrpa 2020 agus tha e na phròiseact ealain cànanach a
bhios a’ sireadh agus a’ comharrachadh faclan mara agus ainmean-àite a tha ann
an cunnart a dhol a chuimhne ann an sgìrean faisg air a’ mhuir, le fòcas air na
h-Eileanan an Iar; agus Water for Life - sreath farsaing de thachartasan
agus thaisbeanaidhean mar phàirt de dh’Fhèis Saidheans Dhùn Èideann.
Bidh
cùisean a’ cur thairis ann am mìosan an t-samhraidh (an t-Ògmhios – an
Lùnastal) Bidh Marine
Fest a’ comharrachadh 20 bliadhna bho chaidh Ionad Eun-mara na h-Alba a
stèidheachadh le raon de ghnìomhan a’ gabhail a-steach cruinneachadh chreagan,
cuairtean treòraichte agus taisbeanaidhean saidheans eadar-ghnìomhach; Bidh
Taigh-tasgaidh Iasgach na h-Alba agus Fèis Cala Eanstair a’ co-obrachadh airson
50mh co-latha-breith an taigh-tasgaidh airson Fèis Chala An t-Sruthair - fèis
shònraichte ri taobh na tràghad; bidh prògram nas motha ann am
Portsoy Ahoy! aig Fèis Bhàtaichean Traidiseanta na h-Alba, le fòcas a
bharrachd air an àrainneachd mara againn; bidh Fèis an Eilein Sgitheanaich
air ais le prògram sgoinneil a tha a’ cur fòcas air mar a tha cladaichean is
uisgeachan na h-Alba air leth, a’ togail mothachadh air mar a dh'fheumar an
dìon airson nan ginealachan ri teachd; bidh an fhèis teaghlaich ùr Making
Waves ann an Siorrachd Àir a Tuath a’ comharrachadh traidiseanan beartach
de dhibhearsan ri taobh na tràghad le sealladh an latha an-diugh; ann an
Siorrachd Àir a Deas, bidh Culzean by the Sea aig Urras Nàiseanta na
h-Alba a’ lìbhrigeadh Slighe-coiseachd Beathaichean na Mara, a tha a’ toirt
cothrom do luchd-tadhail na tràighean, lòintean agus coilltean ann an Cuilean
(Culzean) fhaicinn.
Le Fèis
Canàl Ghlaschu bidh Cabhlach Càrnabhail a’ Chanàl, pairèid de bhàtaichean
sgeadaichte le pìosan ealain mòra ann an stoidhle a’ chàrnabhail, a
chomharraicheas iomadachd choimhearsnachdan ioma-chultarach Ghlaschu agus
bòidhchead Canàl Fhoirthe is Chluaidh; Bidh Seachdain Bàtaichean Shealtainn
2020 nas motha agus nas fheàrr na bha e riamh roimhe le measgachadh de
ghnìomhan stèidhichte air an fhearann, am biadh mara ionadail as fheàrr agus
mòran chothroman a bhith a’ dol air an uisge. Bidh Steòrnabhagh air a’
Chuan a’ comharrachadh fosgladh marina ùr Steòrnabhaigh le tachartasan
seòlaidh, bùithtean-obrach, rèisean, agus cèilidhean a tha a’ toirt seachad
deagh shealladh de chultar Innse Gall.
Bith sreath -
no sruth - de thachartasan a’ comharrachadh aibhnichean mòra na h-Alba tron
t-samhradh, a’ gabhail a-steach: Your Tay, Your Adventure aig am bi
prògram làn thachartasan gnìomhach le mòran chothroman a dhol a-mach air an
uisge, a bhios a’ tighinn gu crìch le tachartas mòr spòrs-pleadhag aig Comann
Canù na h-Alba, an Tay Descent a bhios a’ tilleadh aon uair eile. Le Dumbarton 2020 River Town tòisichidh fèis ùr de cheòl is ealainean a tha a’ comharrachadh mar a
thug uisge buaidh mhòr air fàs a’ bhaile eachdraidheil seo bho staileadh gu
togail longan. Air a bhrosnachadh leis a’ Chart Bhàn agus
mar a thug e cumhachd do mhuilnean snàithlean eachdraidheil Phàislig, bidh Colours
of the Cart, mar phàirt de Sma’Shot Day. Bidh taisbeanadh a-muigh agus
taisbeanadh lèirsinneach ann le dannsa, soirceas, ceòl, fuaim agus
taisbeantasan san adhar uile a’ gabhail àite mu choinneamh eas mòr Hamills agus
Muileann ainmeil Anchor.
Bidh am Foghar
(bhon t-Sultain air adhart) air fleod le tachartasan ùra: Fèis Taste of
Orkney a bhios a’ tabhann clàr-bìdh làn de bhiadh is deoch Arcach, an dà
chuid air agus far an uisge; ann an Autumn of Endurance air Loch Ken
bidh sreath de thachartasan seasmhachd aig gach ìre a’ gabhail a-steach snàmh
a-muigh, rèiseadh bhàtaichean dràgoin, kayak, agus triathlon; Bheir Fèis
Feamainn Eilean Mhàrtainn cothrom do luchd-tadhail eòlas fhaighinn air
farsaingeachd de phìosan ealain, ceòl, bùthan-obrach cruthachail agus am facal
labhairteach air a bhrosnachadh le beartas na feamad ; mar phàirt de dh’Fhèis
Northern Lights, bidh fèis solais is ealainean a-muigh air sgèile mhòr a’
comharrachadh Cala Inbhir Ùige agus costa Ghallaibh; agus bidh prògram ùr
inntinneach Source to Sea aig Findhorn Bay Festival a’ cur
cuideam air cultar, dualchas agus cruth-tìre nàdarra nan aibhnichean dealrach
agus costaichean cliùiteach Mhoireibh, a tha air duaisean a bhuannachadh.
Bidh Caisteal Urchadain
na chiste ulaidh de dh’ealainean is cultar Albannach agus bidh sgeulachdan na
mara agus nan lochan a’ tighinn beò le Aiseag bho Àrainneachd
Eachdraidheil Alba. Tro cheàird, ealainean, ceòl, beòthalachd, film agus
solais, bidh am prògram seo de thachartasan ùr-ghnàthach gad bhogadh ann an
turas gus ionnsachadh mu chultar, dualchas agus traidiseanan na Gàidhlig.
Tha grunn
thachartasan agus phròiseactan ann cuideachd a bhios a’ sruthadh thar grunn
mhìosan den bhliadhna chuspaireil a’ gabhail àite ann an grunn àiteachan air
feadh na dùthcha. Ann an gnìomh ùr de
mhaighstireachd meacanaigeach tha Vision Mechanics ann an Dùn Èideann, air STORM
a chruthachadh - pupaid a tha deich meatair a dh’àird a bhios a’ coiseachd air
tìr gus sgeulachdan innse mun mhuir. Bidh i a’ nochdadh airson a’ chiad turais
mar phàirt de Celtic Connections san Fhaoilleach a bharrachd air a bhith a’
nochdadh ann am farsaingeachd de thachartasan agus choimhearsnachdan tron
bhliadhna. Rud eile a bhios a’ nochdadh aig Celtic Connections an
tòiseach, ’s e Launch! On the Sea with Scotland’s Lifeboats, air a
thaisbeanadh le Screen Argyll agus A Kind of Seeing. Bidh e air chuairt chun na
Samhna. Tha an taisbeanadh film beòthail seo air a bhrosnachadh bho
thasglannan an RNLI agus e a’ coimhead air na ceanglaichean domhainn againn ris
a’ chosta.
Bidh Doon
the Watter, bho Street Level Photoworks a’ taisbeanadh slighe
dealbhadaireachd fad bliadhna a tha a’ ceangal choimhearsnachdan air a’ chosta
an iar agus air a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan; bidh an Coasts and
Waters Tour aig an Travelling Gallery a’ taisbeanadh obair ùr agus
seallaidhean ùra ann an àiteachan ri taobh an uisge air feadh na h-Alba; ann an
Rowaround Scotland bidh co-dhiù 1,000 neach-iomraidh cladaich a’ siubhal
1000 mìle eadar clubaichean aig Comann Iomraidh Costa na h-Alba ann an turas
ioma-stèidse. Bidh Nevis Water Stories, air an taisbeanadh le
Nevis Ensemble, ag obair le coimhearsnachdan air a’ chladach gus ceòl orcastra
ùr a chruthachadh a thèid a chluich ann an grunn àiteachan a’ gabhail a-steach
tràighean, calaidhean, caistealan agus sgoiltean.
Thuirt Fiona
Hyslop, Rùnaire a’ Chaibineit airson Cultar, Turasachd agus Cùisean an Taoibh
a-Muigh:
“Tha
bliadhna fìor mhath romhainn a’ comharrachadh iomadachd chostaichean, chanàlan,
aibhnichean agus lochan na h-Alba. Tha prògram Bliadhna Cladaichean agus
Uisgeachan 2020 làn chuairtean agus taisbeanaidhean; deagh thachartasan,
thaisbeantasan cultarach, tachartasan agus fèisean coimhearsnachdan, a fhuair
maoineachadh de chòrr is £770,000 bho Riaghaltas na h-Alba. Bidh na tachartasan
seo a’ gabhail àite ann an Sealtainn, Dùn Phrìs is Gall-Ghaidhealaibh, sna
h-Eileanan Siar, ann am Fìobha agus ann an cridhe nam bailtean mòra againn.
“Tha
sinn cuideachd ag obair tro Riaghaltas na h-Alba gus grunn gheallaidhean anns
a’ Phrògram Riaghlaidh a lìbhrigeadh tro Bhliadhna nan Cladaichean is
Uisgeachan, a’ gabhail a-steach maoineachadh airson Drochaid-coise Tràigh an
Ear Inbhir Losaidh, a’ toirt seachad £1,000,000 airson a bhith a’ càradh
bàta-smùid Waverley, a’ cur £ 400,000 a bharrachd ris a’ phròiseact ‘Còig’ ann
an Siorrachd Àir a Tuath, a’ cur air bhog Cead-siubhail ùr nan Eilean ann an
2020 agus a’ suidheachadh Alba mar phrìomh cheann-uidhe airson gnìomhan dànachd
air feadh na cruinne.
“Tha
Bliadhnaichean Cuspaireil na h-Alba air a bhith a’ ruith bho 2009 agus tha fios
againn gu bheil iad nan dòighean dearbhte dhuinn uile airson a bhith ag obair
còmhla gus cothroman a chruthachadh gus an tairgse turasachd againn a dhèanamh
nas leatha agus aig an aon àm a bhith a’ brosnachadh Alba mar àite fìor mhath airson
tadhal airson daoine air feadh an t-saoghail.
“Tha
còrr is 60% de na tachartasan a chaidh ainmeachadh an-diugh a’ gabhail a-steach
eileamaid gnìomhach ‘air an uisge’. Chan eil e gu diofar an e saor-làithean air
bàta canàl a th ’ann, no seachdain a’ seòladh timcheall air na h-Eileanan an
Iar, feasgar air kayak no a’ coiseachd ri taobh nan aibhnichean no lochan
againn no air na tràighean, bhrosnaichinn a h-uile duine gus brath a ghabhail
air na cothroman a tha cladaichean is uisgeachan brèagha na h-Alba a’ tabhann.”
Thuirt Malcolm Roughead,
Àrd-oifigear VisitScotland:
“Tha na tachartasan iongantach a tha a’
faighinn maoineachadh airson Bliadhna nan Cladaichean is Uisgeachan nam fìor
dheagh eisimpleirean air mar a bhios Alba a’ deàrrsadh ann an 2020. Cuidichidh
na tachartasan sin le bhith a’ taisbeanadh na bliadhna agus na dùthcha air
feadh na cruinne.
“Tha sinn a’
toirt cuireadh dhan t-saoghal dàibheadh a-steach do na rudan iongantach a tha
rim faicinn is ionnsachadh mu na cladaichean agus na h-uisgeachan againn. Bho
uirsgeulan air am brosnachadh le uisge, calaidhean eachdraidheil, aibhnichean
beartach, canàlan tarraingeach agus costaichean fada air leth, chun na cuid as
fheàrr de dh’uisge-beatha, fiadh-bheatha agus sunnd.
“Bithear a’
comharrachadh cliù air leth na h-Alba airson tràighean gun mhilleadh, dualchas
nàdarra is cultarach beòthail agus tachartasan dànachd tro phrògram
fad-bliadhna a tha làn thachartasan.”
Tha
an sreath de thachartasan a chaidh ainmeachadh an-diugh a’ tighinn às dèidh sia
tachartasan a chaidh ainmeachadh sa Ghiblean 2019 le taic tro phrògram Cuairt 1
airson Bliadhna nan Cladaichean is Uisgeachan. Tha iad seo a’ gabhail
a-steach `Fèis Clydebuilt, Regatta Fhìobha, DolphinFest aig RSPB na h-Alba,
Scotland’s Boat Show - River of Light, Ferry Tales le Tèatar Nàiseanta na
h-Alba agus ‘Film Fest on the Forth’ le Fèis Film Eadar-nàiseanta Dhùn
Èideann.
A bharrachd air
na tachartasan le taic a chaidh ainmeachadh an-diugh, tha grunn thachartasan
com-pàirteach gu bhith a’ gabhail pàirt anns a’ bhliadhna a’ gabhail a-steach Celtic
Connections a bhios a’ taisbeanadh ‘Coastal Connections’- fèis iongantach
aon-uair taobh a-staigh na fèise a’ comharrachadh dualchas beartach agus cultar
eadar-mheasgte cladaichean is uisgeachan na h-Alba; Bidh coimisean mòr ùr aig Fèis
Eadar-nàiseanta Ealain Lèirsinneach Ghlaschu ann an com-pàirteachas le Glasgow
Sculpture Studios leis an neach-ealain Alberta Whittle, a tha stèidhichte ann
an Glaschu, còmhla ri prògram de ghnìomhachd air agus timcheall air a’ chanàl;
agus bidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ comharrachadh na bliadhna le trì
tachartasan inntinneach a’ gabhail a-steach Slighe Cèilidh a’ Chosta, Cuairtean
Coiseachd Gàidhlig ann an Inbhir Nis agus ‘Turas cladaich’ a’ taisbeanadh
uirsgeulan, ceòl agus òrain le trì pìosan ciùil ùra a chaidh a choimiseanadh gu
sònraichte.
Thèid tòrr a bharrachd tachartasan le com-pàirtichean a tha a’
comharrachadh cuspair na bliadhna a chur ris a’ phrògram anns na mìosan a tha
romhainn.
Tòisichidh Bliadhna Cladaichean is Uisgeachan na h-Alba 2020 air 1
Faoilleach 2020 agus thig e gu crìch air 31 Dùbhlachd 2020. Gheibhear
barrachd fiosrachaidh aig visitscotland.com/ycw2020
Gabh pàirt anns a’ chòmhradh leis an taga #YCW2020
Briog an seo gus blasad fhaighinn air Bliadhna
Cladaichean is Uisgeachan na h-Alba 2020 (bhidio 1.52 mionaid).