Wir verwenden Cookies
Wir verwenden Cookies, um Ihre Erfahrung auf dieser Website zu verbessern.
Sie können unsere Cookie-Richtlinie akzeptieren oder Ihre Auswahl anpassen.
Bitte lesen Sie unsere Cookie-Richtlinie für weitere Informationen.
Chaidh ro-innleachd thurasachd ùr a chur air bhog an-diugh gus Gàidhlig adhartachadh agus cothrom oirre a mheudachadh mar phàirt de na dh'fhiosraicheas luchd-turais ann an Alba.
Is i Rùnaire a' Chaibineit airson Cultair, Turasachd is Chùisean A-muigh, Fiona Hyslop, a chuir Ro-innleachd Turasachd na Gàidhlig do dh'Alba 2018-2023 air bhog gu h-oifigeil aig The Scotch Whisky Experience an Dùn Èideann còmhla ri Cathraiche VisitScotland, am Morair Theòrsa, agus Ceannard Bòrd na Gàidhlig, Seòna NicIllinnein.
Tha am plana a' brosnachadh togail aire agus cleachdadh na Gàidhlig am broinn gnìomhachas na turasachd le bhith a' meudachadh conaltradh ri gnothachasan agus luchd-turais.
Tha e a' cur far comhair gu bheil an cànan agus an cultar a bhuineas ris mar shuaicheantas-reice air leth do dh'Alba agus gu bheil cothrom ann turasachd co-cheangailte ri Gàidhlig a leasachadh agus a chur an tairgse ann an dòigh nas èifeachdaiche do luchd-turais.
Leasaich VisitScotland an ro-innleachd ann an co-bhann ri luchd-riochdachaidh bhon roinn phrìobhaidich agus ri compàirtichean, nam measg sin, Riaghaltas na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd ´s nan Eilean agus Àrainneachd Eachdraidheil Alba.
Tha a' Ghàidhlig luaidhte ann am beatha làitheil na h-Alba bho chionn linntean. Mar nì àraidh a bhuineas do dhualchas is cultar na h-Alba, faodaidh Gàidhlig filleadh eile a chur an lùib fìor-bhlas air Alba agus an lùib na tha iomadh neach-turais a' fiosrachadh nuair a thig iad ann. A-rèir Suirbhidh Luchd-turais VisitScotland 2016, às aonais ro-shanasachd sam bith, bha 34% de luchd-freagairt a' faireachdainn, gun do chuir a' Ghàidhlig, mar chànan Albannach, feabhas ris an turas aca agus gum bu toil leotha tuilleadh fios fhaighinn oirre.
Thuirt Rùnaire a’ Chaibineit airson Cultair, Turasachd agus Chuisean Taobh a-muigh, Fiona Hyslop:
"Tha mi toilichte a' chiad Ro-innleachd Turasachd Gàidhlig aig Alba a chur air bhog airson 2018-2023. Tha Gàidhlig freumhaichte ann an cultar is dualchas na h-Alba, an cois ar ceòl, ar n-ainmean-àite, ar bàrdachd, agus barrachd. Tha Riaghaltas na h-Alba an geall air Gàidhlig a dhèanamh tèarainte don àm ri teachd agus tha an ro-innleachd seo a' leigeil cudrom air a' chomas aig Gàidhlig a bhith a' cur ris an fhìor-bhlas a bhios sinn a' toirt don luchd-turais againn.
"Is e turasachd aon de ar prìomh roinnean fàis, agus le bhith a' meudachadh ìomhaigh na Gàidhlig anns a' ghnìomhachas seo, tha sinn a' toirt fìor-bhlas air Alba, agus cuideachd a' toirt buannachd don eaconamaidh, oir tha a' Ghàidhlig a' tarraing fiù ´s barrachd luchd-turais don dùthaich. Tha an ro-innleachd seo ag amas air a' chomas sin a ghleidheadh 's a chur gu feum."
Thuirt Cathraiche VisitScotland, am Morair Theòrsa:"Tha mi ro thoilichte fàilte a chur air Ro-innleachd Turasachd Gàidhlig airson na h-Alba mar phàirt dhen taic leantainneach a tha sinn a' toirt don chànan. Tha i a' toirt cothrom do luchd-turais barrachd rannsachaidh a dhèanamh mu sgeul Alba o shean agus an ama a tha an làthair.
"Tha e deatamach gun tèid aig Alba air blas air leth agus as fhiach cuimhneachadh a thoirt do luchd-turais gus cumail suas ri iarrtasan sìor-atharrachail an luchd-ceannaich. Tha comas aig Gàidhlig, nach deach cleachdadh mòran fhathast, a bhith na prìomh-chungaidh ann an tàth-chuid turasachd is cultar na h-Alba.
"Tha VisitScotland a' coimhead air adhart ri conaltradh le compàirtichean is gnothachasan gus Gàidhlig a leasachadh agus a shanasachadh gu feum na turasachd."
Àite cudromach gu bhith aig a’ chànan ann an turasachd