VisitScotland Business Events Travel Trade Corporate Media Toolkit

We use cookies

We use Cookies to improve your experience on this site.

You can accept our cookies policy or customise your choices.

Please refer to our Cookies Policy for more information.

Manage cookies settings

Foillseachadh Ro-innleachd Turasachd na Gàidhlig

Chaidh ro-innleachd thurasachd ùr a chur air bhog an-diugh gus Gàidhlig adhartachadh agus cothrom oirre a mheudachadh mar phàirt de na dh'fhiosraicheas luchd-turais ann an Alba.

Is i Rùnaire a' Chaibineit airson Cultair, Turasachd is Chùisean A-muigh, Fiona Hyslop, a chuir Ro-innleachd Turasachd na Gàidhlig do dh'Alba 2018-2023 air bhog gu h-oifigeil aig The Scotch Whisky Experience an Dùn Èideann còmhla ri Cathraiche VisitScotland, am Morair Theòrsa, agus Ceannard Bòrd na Gàidhlig, Seòna NicIllinnein.

Tha am plana a' brosnachadh togail aire agus cleachdadh na Gàidhlig am broinn gnìomhachas na turasachd le bhith a' meudachadh conaltradh ri gnothachasan agus luchd-turais.

Tha e a' cur far comhair gu bheil an cànan agus an cultar a bhuineas ris mar shuaicheantas-reice air leth do dh'Alba agus gu bheil cothrom ann turasachd co-cheangailte ri Gàidhlig a leasachadh agus a chur an tairgse ann an dòigh nas èifeachdaiche do luchd-turais.

Leasaich VisitScotland an ro-innleachd ann an co-bhann ri luchd-riochdachaidh bhon roinn phrìobhaidich agus ri compàirtichean, nam measg sin, Riaghaltas na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd ´s nan Eilean agus Àrainneachd Eachdraidheil Alba.

Tha a' Ghàidhlig luaidhte ann am beatha làitheil na h-Alba bho chionn linntean. Mar nì àraidh a bhuineas do dhualchas is cultar na h-Alba, faodaidh Gàidhlig filleadh eile a chur an lùib fìor-bhlas air Alba agus an lùib na tha iomadh neach-turais a' fiosrachadh nuair a thig iad ann. A-rèir Suirbhidh Luchd-turais VisitScotland 2016, às aonais ro-shanasachd sam bith, bha 34% de luchd-freagairt a' faireachdainn, gun do chuir a' Ghàidhlig, mar chànan Albannach, feabhas ris an turas aca agus gum bu toil leotha tuilleadh fios fhaighinn oirre.

Thuirt Rùnaire a’ Chaibineit airson Cultair, Turasachd agus Chuisean Taobh a-muigh, Fiona Hyslop:

"Tha mi toilichte a' chiad Ro-innleachd Turasachd Gàidhlig aig Alba a chur air bhog airson 2018-2023. Tha Gàidhlig freumhaichte ann an cultar is dualchas na h-Alba, an cois ar ceòl, ar n-ainmean-àite, ar bàrdachd, agus barrachd. Tha Riaghaltas na h-Alba an geall air Gàidhlig a dhèanamh tèarainte don àm ri teachd agus tha an ro-innleachd seo a' leigeil cudrom air a' chomas aig Gàidhlig a bhith a' cur ris an fhìor-bhlas a bhios sinn a' toirt don luchd-turais againn.

"Is e turasachd aon de ar prìomh roinnean fàis, agus le bhith a' meudachadh ìomhaigh na Gàidhlig anns a' ghnìomhachas seo, tha sinn a' toirt fìor-bhlas air Alba, agus cuideachd a' toirt buannachd don eaconamaidh, oir tha a' Ghàidhlig a' tarraing fiù ´s barrachd luchd-turais don dùthaich. Tha an ro-innleachd seo ag amas air a' chomas sin a ghleidheadh 's a chur gu feum."

Thuirt Cathraiche VisitScotland, am Morair Theòrsa:"Tha mi ro thoilichte fàilte a chur air Ro-innleachd Turasachd Gàidhlig airson na h-Alba mar phàirt dhen taic leantainneach a tha sinn a' toirt don chànan. Tha i a' toirt cothrom do luchd-turais barrachd rannsachaidh a dhèanamh mu sgeul Alba o shean agus an ama a tha an làthair.

"Tha e deatamach gun tèid aig Alba air blas air leth agus as fhiach cuimhneachadh a thoirt do luchd-turais gus cumail suas ri iarrtasan sìor-atharrachail an luchd-ceannaich. Tha comas aig Gàidhlig, nach deach cleachdadh mòran fhathast, a bhith na prìomh-chungaidh ann an tàth-chuid turasachd is cultar na h-Alba.

"Tha VisitScotland a' coimhead air adhart ri conaltradh le compàirtichean is gnothachasan gus Gàidhlig a leasachadh agus a shanasachadh gu feum na turasachd."

  • Thuirt an Stiùiriche Margaidheachd aig The Scotch Whisky Experience, Dùn Èideann, Julie Trevisan-Hunter:"Bidh an luchd-turais againn ag ionnsachadh na Beurla air "bun na h-aibhne", "Caol Ìle" agus mar sin air adhart. Mun àm a dh'ionnsaicheas tu ciall ainmean nan taighean-staile Ìleach, tha tuairisgeul coileanta agad dhen eilean fhèin...tha na h-ainmean Gàidhlig air clàr-tìre na h-Alba a' dèanamh cuimhneachan air brìgh an àite nach biodh ann às an aonais.
  • "Ma dh'ionnsaicheas na h-aoighean againn an t-ainm gun a chiall Ghàidhlig fhaighinn a-mach, caillidh iad an dealbh riochdail agus an dìleab. Tha sinn an dòchas gun tèid am misneachadh leis na chunnaic agus na dh'ionnsaich iad againne gus siubhal nas fhaide thall an dèidh dhaibh toirt fa-near gu bheil fada a bharrachd ri lorg."
  • Shona NicIllinnein, Bòrd na Gàidhlig Chief Executive, Fiona Hyslop, Cabinet Secretary for Tourism, Culture and External Affairs and Lord Thurso, VisitScotland Chairman. 
Save Download

Foillseachadh Ro-innleachd Turasachd na Gàidhlig

Àite cudromach gu bhith aig a’ chànan ann an turasachd

Asset type post
ID 111333
Word count 839 words

Licence

Licence Editorial A Licence to use assets for editorial purposes, which is, to illustrate an event or story in an article but not commercially such as marketing a product or print ad. An Editorial asset may show a brand, a trademarked logo or product, a public personality, or recognisable people, without a signed release or with limited releases. When you use VisitScotland Editorial content you do so to illustrate Scottish tourism in a positive way.
Expiry No expiry date
Released
Usage Editorial content can be published in a variety of formats ranging from print or digital to online. In print content can be featured in *newspapers *magazines *brochures. Online content can be published in a *blog *website *article or *social media. Regardless of the format this content should always promote Scotland’s tourism in a positive way.

Tags