Am Plana Gàidhlig as ùire air fhoillseachadh
Tha VisitScotland air am Plana Gàidhlig as
ùire aca fhoillseachadh mar phàirt den dealas aca dèanamh cinnteach gum bi a’
Ghàidhlig làidir agus seasmhach ann an Alba san àm ri teachd.
Tha seo a’ tighinn às dèidh bhidio
‘Scottish Gaelic Explained’ a chruthaich a’ bhuidheann turasachd nàiseanta as
t-samhradh agus air a bheil còrr is 95,000 daoine air coimhead, rud a tha a’
sealltainn gu bheil ùidh sa chànan a’ fàs.
Tha am plana ùraichte a’ cur fòcas air na
gnìomhan a bhios a' bhuidheann turasachd nàiseanta a’ dèanamh gus cur ri fàs na
Gàidhlig thairis air na trì bliadhnaichean ri teachd. Tha iad seo a’ gabhail
a-steach a bhith a’ brosnachadh agus a’ toirt taic do bharrachd ghnìomhachasan
turasachd a bhith a’ gabhail ris sa Ghàidhlig agus a bhith a’ clàradh na
feadhna an nì seo, agus cuideachd a bhith a’ togail mothachadh air a’ Ghàidhlig
taobh a-muigh VisitScotland.
Chaidh am plana, a chaidh a chruthachadh
an tòiseach ann an 2012, ullachadh le riochdairean bho air feadh na buidhne
agus chaidh a sgaoileadh airson co-chomhairle phoblach mus deach a
chrìochnachadh.
Tha e na phrìomhachas tòiseachail ann am
plana 2019-2022 a bhith a’ dèanamh sgrùdadh air comasan Gàidhlig luchd-obrach
VisitScotland agus thèid seo a dhèanamh ro dheireadh na bliadhna.
Tha am plana a’ leantainn air a’ chiad
Ro-innleachd Turasachd Gàidhlig a chaidh a chur air bhog ann an 2018, a tha ag
amas air àrdachadh agus ruigsinneachd na Gàidhlig a mheudachadh mar phàirt de
na tursan a bhios aig luchd-tadhail ann an Alba. Tha VisitScotland a’
stiùireadh buileachadh na ro-innleachd agus tha e a’ co-òrdanachadh adhartas
thairis air gach gnìomh is com-pàirtiche a tha an sàs innte.
Tha a’ Ghàidhlig na pàirt làitheil de
bheatha na h-Alba agus tha seo air a bhith fìor fad ghinealachan. Mar phàirt
air leth de chultar agus de dhualchas na h-Alba, faodaidh a’ Ghàidhlig rudeigin
a bharrachd a chur ris an fhìor eòlas a gheibh luchd-tadhail do dh’Alba. Fhuair
Suirbhidh Luchd-tadhail VisitScotland ann an 2016, gun obair bhrosnachaidh ro
làimh, gun robh 34% den luchd-freagairt den bheachd gun robh a’ Ghàidhlig, mar
chànan nàiseanta na h-Alba, a’ cur ris an turas aca agus gun robh iad ag
iarraidh barrachd ionnsachadh mu deidhinn.
Thuirt Malcolm Roughead, Àrd-oifigear
VisitScotland: “Tha am Plana Gàidhlig as ùire aig
VisitScotland a’ daingneachadh nan geallaidhean againn gus cleachdadh a’
chànain a bhrosnachadh air feadh na buidhne, ag amas air prìomh raointean den
obair againn leithid taic a thoirt do ghnìomhachas na turasachd gus gabhail ris
a’ Ghàidhlig, leithid ar dearbh-aithne, soidhnichean, conaltradh leis a’ phoball
agus cleachdadh na Gàidhlig air na làraichean-lìn againn.
“Tha comas aig a’ chànan a bhith na
phrìomh phàirt de thurasachd na h-Alba, a’ cruthachadh thursan sònraichte gun
samhail do luchd-tadhail. Tha àite cudromach aig VisitScotland ann a bhith a’
dèanamh cinnteach gun cuir a’ Ghàidhlig ris na turasan aig na daoine a tha a’
siubhal dhan dùthaich seo.
“Le còrr is 600 luchd-obrach, oifisean
agus ionadan fiosrachaidh air feadh na dùthcha, agus leis a’ chonaltradh uile
againn le luchd-tadhail, tha pàirt chudromach againn ann a bhith a’ dèanamh
cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig seasmhachd san ùine fhada.”
Agus i a’ cur fàilte air a’ phlana, thuirt
Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Shona NicIllInnein: “Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur fàilte air an treas
tionndadh de Phlana Gàidhlig VisitScotland agus tha sinn ag aithneachadh agus
a’ cur luach air an obair chudromaich a bhios VisitScotland a’ dèanamh gus a’
Ghàidhlig adhartachadh ann an Alba agus gu h-eadar-nàiseanta.
“Tha turasachd fìor chudromach do
dh’eaconamaidh na h-Alba agus tha sinn ag aithneachadh a’ chomais mhòir a tha
ann fàs a chur air cleachdadh na Gàidhlig air feadh a’ ghnìomhachais, airson
buannachd nan coimhearsnachdan agus an luchd-tadhail.”
Gheibhear plana Gàidhlig VisitScotland
aig: http://www.visitscotland.org/about_us/our_gaelic_plan.aspx