Cairngorms National Park

Na tha an dàn do thurasachd ann an Alba ann an 2025

Eadar Tursan-gàirdeachais is Làithean-chur-seachadan agus Teicneòlas Slàinte agus Slànachadh air a’ Bhlàr A-muigh, tha VisitScotland air fiosrachadh fhoillseachadh air cuid dhen t-seòrsa thursan a thathar a’ sùileachadh a ghabhas daoine air a’ bhliadhna a tha romhainn.

Tha an aithisg aig a’ bhuidhinn turasachd nàiseanta, a tha a’ tarraing air diofar thùsan fiosrachaidh*, a’ toirt iomradh air an t-seòrsa thursan a bhios daoine a’ gabhail agus air na rudan a bhios a’ tarraing dhaoine a dh’Alba ann an 2025, agus thathar a’ bruidhinn air na cothroman a thig an lùib sin do ghnothachasan turasachd is thachartasan.

Tha na tursan a’ tighinn fo dhà cheann Tursan Togarrach – sin tursan aig a bheil ceangal ri rudan pearsanta sa bheil ùidh aig daoine no tachartas sònraichte leithid turas far a bheil daoine a’ dèanamh gàirdeachas ri tachartas no àm sònraichte – agus Tursan Maithe – tursan a nì feum do mhaith corporra is inntinn dhaoine, b’ iad na h-ochd seòrsaichean turais as motha a bhios a’ toirt buaidh air turasachd ann an Alba ann an 2025:

Tursan Togarrach:

  • Tursan-gàirdeachais – tha iad seo air a bhith a’ dol am meud às dèidh dhan ghalar mhòr-sgaoilte, COVID-19, tighinn gu crìch. Tha na turasan seo – far am bi daoine a’ comharrachadh àm no tachartas sònraichte leithid banais, co-là-breith no ceumnachadh bho oilthigh agus iad air làithean-saora cuideachd – a’ toirt cothrom do dhiofar ghinealach gu bhith a’ tighinn còmhla agus iad a’ cur seachad ùine còmhla air turas sàr-mhath. Bidh leithid a luchd-tadhail a’ sireadh àite-fuirich fa leth dhaibh fhèin, cur-seachadan is cothroman a tha air an cur air dòigh a dh’aona-ghnothach dhaibhsan agus cothroman gus ithe còmhla ann an àiteachan prìobhaideach.
  • Tursan le Cuirmean-ciùil – mar a chunnacas leis a’ Chuirm-chiùil ‘Eras’ aig Taylor Swift ann an Dùn Èideann an-uiridh, chan ann a h-uile latha idir a gheibh daoine cothrom an neach-ciùil as fheàrr leotha fhaicinn agus mar sin bidh daoine a’ cur thursan air dòigh far am faigh iad cothrom a dhol gu cuirm-chiùil no fèis. Tha Oasis, Lana Del Ray agus Kylie Minogue gu bhith a’ cluich is a’ seinn ann an Alba ann an 2025, agus tha sreath math de dh’fhèisean gu bhith ann cuideachd, agus mar sin tha cothrom air leth do ghnothachasan turasachd Albannach buannachdan fhaighinn bho dhaoine a bhios ag iarraidh àite-fuirich is nithean eile a ghleidheadh tràth agus bho bhith a’ tabhann ghoireasan is chothroman co-cheangailte ris an luchd-chiùil, leithid cuairtean le treòraiche agus biadh is deochan a tha a’ dèanamh ceangal ris an luchd-chiùil.
  • Làithean-chur-seachadan – chan ann dìreach a-staigh san taigh aca fhèin a bhios daoine ri cur-seachadan, agus tha daoine nas buailtiche san latha an-diugh a bhith a’ gabhail turas far am faigh iad cothrom na cur-seachadan as fheàrr leotha a dhèanamh. Bidh leithid a luchd-tadhail a’ sireadh àiteachan sònraichte airson fuireach, bùithtean-obrach agus cothroman gus cur ris na sgilean aca, cothroman cruthachail no gus ceangal a thogail ri buidhnean is coimhearsnachdan ionadail.
  • Tursan Sgrion – tha filmichean is prògraman – leithid Braveheart, Fast & Furious, Outlander agus Shetland – air tòrr luchd-turais a tharraing a dh’Alba. Agus leis mar a rinneadh filmeadh ann an Alba o chionn ghoirid airson The Undertow aig Netflix agus Frankenstein, tha a h-uile coltas ann gum faicear tuilleadh luchd-turais sgrion an seo. Bidh an luchd-turais seo a’ sireadh chuairtean le treòraiche agus cothroman gus eòlas a chur air na h-àiteachan, eachdraidh is cultar a chunnaic iad air an sgrion no aig a bheil ceangal ri cuid de na cleasaichean.
  • Molaidhean Buadhmhor – mar a chunnacas bhon rannsachadh a rinn VisitScotland agus gnìomhachas an t-siubhail san fharsaingeachd, tha na meadhanan sòisealta leithid Instagram agus TikTok fhathast nam meadhanan cudromach gus fiosrachadh is molaidhean air siubhal a thoirt seachad. Tha iad a’ ruighinn air luchd-amais bho air feadh an t-saoghail, agus tha cothroman ann do chinn-uidhe is gnothachasan, cothroman leithid chom-pàirteachasan brannd is com-pàirteachasan le luchd-buaidh agus cothroman gus sanasachd a dhèanamh air tachartasan is tursan ionadail, gu h-àraidh an fheadhainn nach eil cho aithnichte no a tha beagan neo-àbhaisteach, oir tha iad sin a’ còrdadh ri luchd-tadhail gu mòr.

Tursan Maithe:

  • Turasachd Cadail – tha “a bhith a’ faighinn air falbh airson fois” am measg nam prìomh adhbharan a bhios aig daoine airson tighinn a dh’Alba air turas agus thathar a’ sìor fhàs nas mothachail air cho cudromach ’s a tha cadal dha ar slàinte is maith, agus bidh luchd-tadhail a’ sireadh ghoireasan is rudan ri dhèanamh a chuidicheas iad le bhith a’ faighinn deagh chadal. Eadar uidheaman sònraichte gus rian a chumail air teothachd is solas, roghainnean airson chluasagan agus daoine gad dhùsgadh às dèidh turas fada air plèana, iòga agus meòrachadh, tha gu leòr ann an Alba a chuidicheas daoine gus fois a ghabhail.
  • Teicneòlas Slàinte – bidh daoine a’ cleachdadh teicneòlas nas trice is nas trice, leithid sgrùdairean-cadail, uidheaman fallaineachd agus apps beathachaidh gus sùil a chumail air agus piseach a thoirt air an slàinte is maith fhèin. Bidh tòrr luchd-tadhail ag iarraidh cumail orra le sin nuair a bhios iad a’ siubhal tro leithid cuideigin a bhith gan dùsgadh no leigheas le uisge fuar, no a’ faighinn cothrom air na goireasan teicneòlais as ùire ann an spa.
  • Slànachadh air a’ Bhlàr A-muigh – thathar a’ gabhail ris gu bheil e math do shlàinte chorporra is inntinn dhaoine a bhith a’ cur seachad ùine a-muigh am measg nàdar, agus mar sin bidh luchd-tadhail a’ sireadh chothroman gus na buannachdan sin fhaighinn agus ùine a chur seachad air a’ bhlàr a-muigh ann an Alba. Eadar sauna a-muigh agus baidhsagalan air mhàl, clasaichean iòga agus a’ gabhail biadh fo na rionnagan, tha gu leòr ri dhèanamh.

Anns an aithisg tha geàrr-iomradh air na thathar a’ sùileachadh airson turasachd, fiosrachadh stèidhichte air dàta agus fios air pàtranan turasachd is a’ bhuaidh a bheir iad air Alba. Cuideachd, tha an aithisg a’ toirt seachad molaidhean practaigeach do ghnothachasan turasachd is thachartasan a thaobh mar as urrainn dhaibh feum a dhèanamh dhen fhiosrachadh seo air na tha dàn do thurasachd air a’ bhliadhna seo. Tha sin a’ gabhail a-steach a bhith ag atharrachadh na tha iad a’ tabhann no a’ tabhann rudan ùra, com-pàirteachasan, cothroman reic is margaidheachd.

Tha e mar phàirt cudromach dhen taic a bheir VisitScotland do ghnothachasan a bhith a’ sgrùdadh is a’ co-phàirteachadh an fhiosrachaidh as ùire air luchd-ceannaich is air a’ ghnìomhachas. Cuidichidh sin na gnothachasan le bhith a’ cruthachadh bathar is chothroman tarraingeach do luchd-tadhail.

Às dèidh a’ ghalair mhòr-sgaoilte, COVID-19, tha ath-nuadhachadh nach beag air tighinn air eaconamaidh na h-Alba, agus chunnacas àireamhan de luchd-tadhail eadar-nàiseanta is ìrean cosg eadar-nàiseanta mar nach fhacas riamh, agus Alba a’ soirbheachadh gu ìre nas àirde na an còrr dhen RA. Ge-tà, ged a tha turasachd eadar-nàiseanta nas soirbheachail na bha e fiù ’s ron ghalar mhòr-sgaoilte, tha cosgaisean bith-beò air buaidh a thoirt air margaidh turasachd na dùthcha seo agus mar a tha sin air a bhith a’ tighinn air adhart.

Thuirt Cat Leaver, Stiùiriche airson Ro-innleachdan is Eòlas Farpais aig VisitScotland: “Ma tha Alba gu bhith fhathast na ceann-uidhe a bhios a’ tarraing uiread luchd-turais bho thall thairis agus bhon RA fhèin, tha e cudromach gum bi tuigse againn air na tha ar luchd-tadhail a’ miannachadh nuair a thig iad an seo.

“Sna beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh, chunnaic sinn atharrachadh le barrachd dhaoine a’ coimhead airson turas le cothroman gus rudan sònraichte fheuchainn, fhaicinn agus a dhèanamh. Tha ar sgrùdadh air na thathar a’ sùileachadh ann an 2025 a’ sealltainn gu bheil na tha daoine a’ miannachadh a’ sìor atharrachadh agus luchd-tadhail a’ sireadh rudan sa bheil ùidh aca gu pearsanta, cothroman gus àm no tachartas sònraichte a chomharrachadh, no cothroman gus taic a thoirt dha ’n slàinte is maith fhèin.

“Tha cothroman am pailteas ann do dh’Alba gus togail air na miannan ùra seo aig luchd-tadhail agus tha sinn an dòchas gum bi an aithisg seo agus na molaidhean practaigeach na cois feumail do ghnothachasan turasachd is thachartasan sa bhliadhna tha romhainn.

“Bidh sinn a’ gabhail ealla ris an fhiosrachadh seo gus ar n-obair fhèin a stiùireadh, agus sinn a’ cruthachadh susbaint bhrosnachail a chuireas ri ìomhaigh na h-Alba mar cheann-uidhe fìor tharraingeach air am bu chòir do dhaoine tadhal air feadh na bliadhna.”

Thuirt Riseard Lochhead, Am Ministear airson Gnothachas aig Riaghaltas na h-Alba: “Seo fiosrachadh feumail a chuidicheas iomadach gnothachas turasachd cruthachail is tionnsgalach ann an Alba.

“Tha roinn na turasachd ann an Alba, tha air stèidh dhaingeann is a’ dol am meud, a’ cur luach cudromach ri eaconamaidh na h-Alba. Mar a bhite an dùil, tha sinn airson lean seo ann an 2025 agus tha sinn a’ toirt £2 mhillean a bharrachd do VisitScotland gus cuideachadh le bhith a’ dèanamh sanasachd air Alba mar cheann-uidhe le iomadh feart is goireas tarraingeach.”

Gus an aithisg iomlan fhaicinn/a luchdachadh a-nuas, tadhlaibh air https://www.visitscotland.org/research-insights/trends/consumer-trends

  • Tha aithisg VisitScotland air Pàtranan 2025 a’ tarraing air diofar thùsan fiosrachaidh leithid Sgrùdadh-bheachd Luchd-tadhail na h-Alba 2023 agus mion-sgrùdaidhean air pàtranan siubhail na cruinne.

Na tha an dàn do thurasachd ann an Alba ann an 2025

Eadar Tursan-gàirdeachais is Làithean-chur-seachadan agus Teicneòlas Slàinte agus Slànachadh air a’ Bhlàr A-muigh, tha VisitScotland air fiosrachadh fhoillseachadh air cuid dhen t-seòrsa thursan a thathar a’ sùileachadh a ghabhas daoine air a’ bhliadhna a tha romhainn.

Asset type post
ID 708021
Wortzahl 1785 Wörter

Lizenz

Lizenz Editorial A Licence to use assets for editorial purposes, which is, to illustrate an event or story in an article but not commercially such as marketing a product or print ad. An Editorial asset may show a brand, a trademarked logo or product, a public personality, or recognisable people, without a signed release or with limited releases. When you use VisitScotland Editorial content you do so to illustrate Scottish tourism in a positive way.
Ablauf Kein Ablaufdatum
Veröffentlicht
Hinzugefügt am
Aktualisiert am:

Schlagwörter

Laden