
Ro-innleachd Turasachd na Gàidhlig ùr do dh’Alba
Chaidh ro-innleachd turasachd ùr fhoillseachadh an-diugh mar phàirt de Sheachdain na Gàidhlig. Tha e na amas san ro-innleachd gum bithear a’ tabhann thursan do luchd-tadhail a bheir blasad ceart dhen dùthaich dhaibh, tursan a mhaireas fada air chuimhne, agus sam bithear a’ togail bratach cultar, dualchas agus cànan nan Gàidheal.
Bha Rob Dickson, Stiùiriche airson Leasachadh a’ Ghnìomhachais agus Cheann-uidhe aig VisitScotland, còmhla ri Joy Dunlop, seinneadair is Stiùiriche Seachdain na Gàidhlig, agus Amina Shah, An Leabharlannaiche Nàiseanta is Àrd-oifigear aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, ann an Dùn Èideann aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba gus Ro-innleachd Turasachd na Gàidhlig do dh’Alba 2024-2029 fhoillseachadh gu h-oifigeil. Tha an taisbeanadh ‘Sgeul’ ri fhaicinn an-dràsta aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, ’s e sin a’ chiad taisbeanadh dà-chànanach aig an leabharlann, taisbeanadh a tha a’ sealltainn cho fìor chudromach ’s a tha sgeulachdan ann an dualchas nan Gàidheal.
Tha am plana ùr a’ sealltainn mar a tha barrachd ùidh aig daoine ann an Gàidhlig agus cultar na Gàidhlig, am measg luchd-tadhail bhon dùthaich seo agus bho dhùthchannan eile, agus mar thoradh air sin tha cothroman ùra a’ nochdadh do ghnothachasan turasachd is thachartasan bho air feadh Alba.
Chruthaich VisitScotland an ro-innleachd còmhla ri riochdairean bho ghnìomhachas turasachd na h-Alba agus luchd-compàirt eile leithid Riaghaltas na h-Alba, Alba Chruthachail agus Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Am measg nam prìomhachasan a chithear san ro-innleachd tha: a’ dèanamh barrachd sanasachd air a’ Ghàidhlig am measg luchd-tadhail; barrachd chothroman aig gnìomhachas na turasachd air goireasan Gàidhlig is air trèanadh Gàidhlig agus gus sgilean Gàidhlig ionnsachadh; agus a’ cuideachadh ghnothachasan gus cothroman a ghabhail agus gus Gàidhlig a chleachdadh nan obair.
Tha Gàidhlig mar phàirt de bheatha làitheil muinntir na h-Alba agus bha o chionn iomadh linn. Tha freumhan Gàidhlig aig tòrr ainmean-àite ann an Alba leithid Dùn Dè is Dùn Phris agus tha cuid de na nithean sònraichte air am bi daoine a’ smaoineachadh nuair a smaoinicheas iad air ìomhaigh nàiseanta na h-Alba a’ buntainn ri cultar na Gàidhlig bho thùs, leithid èideadh Gàidhealach, cèilidhean is uisge-beatha. Tha a’ Ghàidhlig fhathast na pàirt cudromach de ar ceòl is cultar brìoghmhor, agus i a’ nochdadh san t-sreath TBh glè shoirbheachail, Outlander.
Tha ùidh aig barrachd dhaoine sa Ghàidhlig agus cultar na Gàidhlig na làithean seo agus thathar a’ cur barrachd suime annta mar a chaidh sealltainn ann an Suirbhidh Bheachdan Sòisealta na h-Alba ann an 2021, far an robh 79% de dhaoine dhen bheachd gu bheil a’ Ghàidhlig cudromach no glè chudromach do dhualchas na h-Alba.
Tha barrachd is barrachd ùidh aig luchd-tadhail anns a’ Ghàidhlig agus cultar a’ chànain. Eadar 2018 is 2021 thàinig àrdachadh de 72% air an àireimh de luchd-cleachdaidh Visitscotland.com a bha a’ tadhal air susbaint le ceangal ris a’ Ghàidhlig. Thuige seo, chaidh sealltainn air a’ bhidio againn, “Fiosrachadh mun Ghàidhlig”, còrr is 700,000 turas air YouTube.
Tha am plana ùr a’ comharrachadh cuid de na dòighean innleachdach sa bheil gnothachasan is buidhnean bho roinn na turasachd, roinn a’ chultair agus roinn an dualchais a’ cleachdadh na Gàidhlig gus ceangal a thogail ri luchd-tadhail is coimhearsnachdan ionadail.
Mar eisimpleir, air a’ Ghàidhealtachd, tha Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh air Slighe na Camanachd a stèidheachadh gu h-ionadail far am faod luchd-tadhail ionnsachadh mu eachdraidh na spòrs agus mu cho cudromach ’s a bha agus a tha i do na Gàidheil.
’S ann an Glaschu a tha a’ choimhearsnachd Ghàidhlig as motha taobh a-muigh nan Eilean Siar agus tha an làrach-lìn Glaschu.net a’ dèanamh sanasachd air dualchas Gàidhlig diofar phàirtean dhen bhaile agus thathar cuideachd a’ dèanamh luaidh air diofar thaobhan de chultar na Gàidhlig ann an Glaschu agus a’ sealltainn mar as urrainn do dhaoine pàirt a ghabhail sa chultar.
Seo an treas Seachdain na Gàidhlig, a thèid a chumail gach bliadhna, agus bidh an t-seachdain a’ tighinn gu crìch air 25 Gearran 2024 agus thèid prògram le còrr is 100 tachartas is gnìomh a chur air dòigh rè na seachdaine.
Thuirt Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam is Sgilean, Jenny NicIlleRuaidh: “Tha a’ Ghàidhlig mar bhunait do dhualchas na h-Alba, agus tha sinn air cur romhainn mar amas daingeann dèanamh cinnteach gum bi i fhathast na pàirt brìoghmhor de ar beatha san àm ri teachd. Sin carson a tha e cho cudromach gun tèid an cànan a chur air adhart mar phàirt de bheatha chultarach na dùthcha san latha an-diugh, an dà chuid do dhaoine ann an Alba agus do dhaoine ann an dùthchannan eile.
“Tha fios againn gu bheil barrachd is barrachd luchd-tadhail bhon dùthaich seo agus bho thall-thairis ag iarraidh barrachd ionnsachadh mun Ghàidhlig agus mun àite aice ann an sgeulachd na dùthcha, agus cuidichidh an ro-innleachd seo roinn na turasachd le bhith a’ leigeil leotha sin a dhèanamh.”
Thuirt Rob Dickson, Stiùiriche airson Leasachadh a’ Ghnìomhachais agus Cheann-uidhe aig VisitScotland: “Tha fios againn gu bheil àite glè shònraichte aig a’ Ghàidhlig ann an dualchas, bun-aithne is cultar na h-Alba. Faodaidh i cur gu mòr ris an t-seòrsa turais fìor bhrìoghmhor a tha tòrr luchd-tadhail a’ sireadh. Tha an ro-innleachd ùr seo a’ brosnachadh co-obrachadh eadar luchd-compàirt a bhios ag obair còmhla airson Gàidhlig a dhèanamh nas follaisiche agus gus barrachd chothroman a chruthachadh a thaobh turasachd na Gàidhlig.”
Thuirt an seinneadair is Stiùiriche Seachdain na Gàidhlig, Joy Dunlop: “Chaidh Seachdain na Gàidhlig a stèidheachadh gus cur ri ìomhaigh na Gàidhlig tro iomairtean coimhearsnachd, pròiseactan is tachartasan. Thathar a’ toirt cothrom do luchd-labhairt na Gàidhlig agus do dhaoine aig nach eil an cànan pàirt a ghabhail ann an dòigh a fhreagras orra fhèin, ann an Alba agus dùthchanan eile. Bheir an ro-innleachd ùr seo taic dhan amas seo ann an iomadach dòigh, agus i a’ brosnachadh luchd-labhairt, luchd-ionnsachaidh agus luchd-ùidhe gu bhith a’ tighinn còmhla, agus iad a’ faireachdainn mar phàirt de dh’aon choimhearsnachd mhòr, làn moit is misneachd agus Gàidhlig aig cridhe na coimhearsnachd sin. Tha an taic sin riatanach gus dèanamh cinnteach gun tig piseach is fàs air a’ chànan. Cleachd i, no caill i!”
Thuirt Amina Shah, An Leabharlannaiche Nàiseanta is Àrd-oifigear aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba: “Tha sinn a’ cur fàilte air an ro-innleachd lèirsinnich, ùir seo airson Turasachd na Gàidhlig. Tha a’ chiad taisbeanadh dà-chànanach againn, Sgeul, air còrdadh gu mòr ri daoine agus gu h-àradh ri luchd-labhairt na Gàidhlig. Tha ùidh mhòr aig luchd-tadhail eadar-nàiseanta ann an cultar na Gàidhlig agus dualchas làidir nan sgeulachdan aig na Gàidheil.
“Tha an cruinneachadh as motha san t-saoghal againn de làmh-sgrìobhainnean Gàidhlig, agus tha sinn air cur romhainn gum bi pàirt mòr againn san iomairt gus bratach cànan, cultar is dualchas nan Gàidheal a thogail an àird. Mar thoradh air maoineachadh fialaidh bho Bhòrd na Gàidhlig, tha sinn air Curstaidh NicDhòmhnaill fhastadh o chionn ghoirid mar Sgeulaiche Gàidhlig agus bidh sinn a’ foillseachadh an ath Phlana Ghàidhlig againn a dh’aithghearr.”
Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Tha tòrr luchd-tadhail a’ coimhead air a’ Ghàidhlig mar phàirt cudromach dhen turas aca ann an Alba, co-dhiù a tha iad ag iarraidh eòlas a chur air na freumhan is an dualchas aca no a’ sireadh dùthaich sam faigh iad cultar brìoghmhor le cànan mar bhunait dha. Leis an ro-innleachd seo, gheibh gach pàirt de roinn na turasachd buannachdan bhon Ghàidhlig, agus le barrachd chothroman eòlas a chur air a’ Ghàidhlig agus an cànan a’ fàs nas follaisiche bidh a’ Ghàidhlig air a cur fa chomhair an t-sluaigh, am measg choimhearsnachdan ionadail agus luchd-tadhail. Gu cudromach, tha an ro-innleachd cuideachd a’ sealltainn cho cudromach is prìseil ’s a tha a’ Ghàidhlig a thaobh a’ chomainn-shòisealta, cultar agus na h-eaconamaidh agus i gu buannachd dhaoine air feadh Alba agus ann an iomadh àite eile.”
Thuirt Karen Dick, An Ceannard airson Àiteachan, Chom-pàirteachasan is Choimhearsnachdan aig Alba Chruthachail: “Tha sinn a’ cur fàilte air Ro-innleachd Turasachd na Gàidhlig ùr, agus tha sinn mothachail air mar a tha a’ Ghàidhlig agus a cultar a’ cuideachadh le turasachd sheasmhachd agus le bhith a’ togail choimhearsnachdan làidir. Tha a’ Ghàidhlig na pàirt bunaiteach de chultar is ealantas muinntir na h-Alba, agus i a’ toirt cruth is buaidh air ar dùthaich chruthachail. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri luchd-compàirt gus cothroman a chruthachadh a bheir taic do chànan, cultar agus cruthachalachd luchd na Gàidhlig.”
Thuirt Catrìona Mhoireasdan, Manaidsear Poileasaidh Gàidhlig aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba: “Tha àite glè chudromach air a bhith aig a’ Ghàidhlig ann an eachdraidh is dualchas sònraichte na h-Alba agus tha i mar phàirt de bheatha làitheil dhaoine is choimhearsnachdan air feadh Alba san latha an-diugh. Leis an ro-innleachd seo, agus ar Plana Gàidhlig fhèin aig HES a chaidh ùrachadh, tha e na amas sealltainn mar as urrainn turas nas tlachdmhoire is nas inntinniche a bhith aig luchd-tadhail, bhon dùthaich seo agus bho dhùthchannan eile, nuair a tha a’ Ghàidhlig agus cultar na Gàidhlig mar phàirt dhen turas sin.
“Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair ann an com-pàirt ri càch gus an ro-innleachd seo a choileanadh, agus sinn a’ cumail oirnn a’ cur air adhart agus a’ dèanamh sanasachd air a’ Ghàidhlig sna làraich agus san obair againn.”