Atharrachadh na gnàth-shìde fon phrosbaig aig co-labhairt

Bidh atharrachadh na gnàth-shìde am measg nan cuspairean air am bithear a’ beachdachadh aig Co-labhairt Turasachd na Gàidhealtachd am-bliadhna.
Bheir Jamie Brogan, Ceannard Chom-pàirteachasan na Gnàth-shìde aig Ionad Dhùn Èideann airson Atharrachadh na Gnàth-shìde aig Oilthigh Dhùn Èideann, a’ phrìomh òraid seachad aig a’ cho-labhairt bhliadhnail far am bi còrr is 150 neach a tha ag obair ann an gnìomhachas na turasachd is nan tachartasan air a’ Ghàidhealtachd a’ tighinn còmhla.
Bidh e gam brosnachadh gu bhith a’ beachdachadh air a’ bhuaidh a dh’fhaodadh atharrachadh na gnàth-shìde a thoirt air an obair aca agus beachdachadh air gnìomhan a dh’fhaodadh diofar a dhèanamh. Cuideachd, bheir e comhairle do ghnothachasan air nas urrainn dhaibh a dhèanamh agus ciamar a thòisicheas iad air cùisean a leasachadh.
Tha turasachd chunntachail a’ nochdadh gu tric am measg chuspairean na co-labhairt a thèid a chumail an-diugh (28 Samhain) aig Taigh-òsta Kingsmills ann an Inbhir Nis.
Cuideachd, bidh òraidean eile, bùithtean-obrach agus taisbeanaidhean ann aig a’ cho-labhairt bho dhiofar bhuidhnean agus luchd-proifeiseanta bhon ghnìomhachas agus iad a’ toirt brosnachadh, eòlas air a’ mhargaidh agus fuasglaidhean practaigeach seachad a chuidicheas gnothachasan turasachd is thachartasan le bhith a’ gabhail nan iomadh cothrom ùr a th’ ann gus barrachd luchd-turais a thàladh agus gus turas nas fheàrr a thabhann dhaibh.
Am measg nan cuspairean a bhios ann bidh planadh airson ghnìomhan co-cheangailte ris a’ ghnàth-shìde, pàtranan is comhairle fheumail a thaobh turasachd, a’ dèanamh margaidheachd airson a’ ghnothachais agaibh agus turasachd a nì feum dhuinn.
Thuirt Jamie Brogan, Ceannard Chom-pàirteachasan na Gnàth-shìde aig Ionad Dhùn Èideann airson Atharrachadh na Gnàth-shìde: “Tha e a-nis riatanach gun cuidich gnothachasan na turasachd le bhith a’ dèiligeadh ri suidheachadh na gnàth-shìde. Chan e a-mhàin gum feum sibh ur taic a chur ris an iomairt a thaobh staing na gnàth-shìde, ach cuideachd bidh ur luchd-ceannaich, coimhearsnachdan, luchd-maoineachaidh agus luchd-ùidhe eile a’ sùileachadh gum bi sibh ri gnìomhan follaiseach.
“Bu chòir tuigse is misneachd a bhith aig gnothachasan turasachd, beag no mòr, gun urrainn dhaibh cuideachadh le seo – chan ann dìreach le bhith a’ lùghdachadh buaidh a’ ghnothachais aca fhèin air a’ ghnàth-shìde ach cuideachd le bhith a’ beachdachadh air an iomadach dòigh san urrainn do ghnothachasan turasachd cuideachadh: a’ toirt brosnachadh, comhairle is oideachadh do luchd-obrach, luchd-solair agus luchd-ceannaich; a’ toirt stiùir, taic is cuideachadh do choimhearsnachdan seasmhach air feadh na Gàidhealtachd; agus a’ tabhann ghoireasan is turasan ùra far a bheilear a’ cur prìomhachas air seasmhachd. Ma tha sibh am measg nan daoine a tha air ceann na h-iomairt gus cuideachadh leis a’ ghnàth-shìde, bidh e math dhan ghnothachas agaibh, math dhan choimhearsnachd, agus math dhan phlanaid.”
Tha Mgr Brogan air còrr is 20 bliadhna a chur seachad a’ toirt comhairle ro-innleachdail is phractaigeach do ghnothachasan beaga, agus feadhainn a tha a’ fàs, agus tha e a-nis a’ cur a chuid eòlais agus na dòighean-obrach aige gu feum gus cuideachadh le bhith a’ dèiligeadh ris na duilgheadasan toinnte co-cheangailte ri atharrachadh na gnàth-shìde. Tha e am measg nan daoine san RA a tha a’ stiùireadh lìonra gnìomh na gnàth-shìde le fuasglaidhean stèidhichte air àiteachan, lìonra a tha a’ cur dhòighean-obrach innleachdach an sàs gus cuideachadh le bhith a’ dèanamh barrachd adhartais gu h-ionadail a thaobh atharrachadh na gnàth-shìde.
Tha e glè dhealasach a thaobh eaconamaidh is àrainneachd na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus e air siubhal gu fada is farsaing air feadh na sgìre, air chois agus air baidhsagal, agus e air mullach gach Munro is Corbett a ruighinn.
Gheibh gnothachasan bho roinn turasachd is thachartasan na sgìre comhairle phractaigeach mu chothroman co-obrachaidh air feadh na sgìre, agus gheibh iad cothrom ceanglaichean glè fheumail a thogail le càch agus gus bruidhinn air com-pàirteachasan a dh’fhaodadh a bhith aca.
Am measg nan daoine eile a bhios a’ bruidhinn an-diugh tha Irene Roberts, Stiùiriche UKIR airson Mhargaidhean is Stiùireadh aig Expedia, a bhios a’ bruidhinn air pàtranan an-dràsta agus na tha air fàire a thaobh turasachd agus air fianais eile a tha ri faicinn agus Cat Leaver, Ceannard Bhranndaichean is Margaidheachd Chruinneil aig VisitScotland, a bhios a’ bruidhinn air mar a ghabhas sgeulachdan na h-Alba innse dhan t-saoghal mhòr. Bidh i cuideachd a’ bruidhinn air dòighean margaidheachd agus meadhanan gus ùidh a thogail am measg dhaoine, leithid margaidheachd tro luchd-buaidh agus susbaint a chruthaicheas iad.
Bidh cothrom aig muinntir na co-labhairt ceanglaichean a thogail agus pàirt a ghabhail ann an seiseanan le Ceistean is Freagairtean leis an luchd-labhairt, agus frithealadh air bùithtean-obrach còmhla ri daoine is buidhnean eile bhon ghnìomhachas bho air feadh na Gàidhealtachd far am bithear a’ beachdachadh air atharrachadh na gnàth-shìde.
San latha an-diugh, bidh tòrr luchd-ceannaich a’ cleachdadh chompanaidhean taice, mar dhòigh earbsach, gus na làithean-saora aca a ghleidheadh. Nam measg tha leithid làraich-lìn rannsachaidh agus companaidhean-siubhail air-loidhne leithid Booking.com agus Expedia, no bidh iad a’ faotainn taic bho luchd-gleidhidh siubhail leithid Bhuidhnean Stiùiridh Cheann-uidhe, companaidhean-turais no luchd-comhairleachaidh siubhail pearsanta.
Bidh VisitScotland a’ stiùireadh dà bhùth-obrach aig a’ cho-labhairt – aon tè air seirbheisean-gleidhidh airson siubhal is làithean-saora agus tèile air turasachd in-ghabhalach. Tha e a’ sìor fhàs nas cudromaiche, mar a bu chòir, gum bithear a’ beachdachadh air a h-uile duine an lùib sheirbheisean turasachd agus gum bi cothrom aca uile air turas a ghabhail, agus gheibh na daoine a nì cinnteach gu bheil sin fìor mu na seirbheisean aca buannachdan bho luchd-ceannaich dìleas a bhith aca.
Air an fheasgar, bidh diofar ghnothachasan bhon Ghàidhealtachd a tha air duaisean a chosnadh – san earrainn acasan de Dhuaisean Cluarain na Gàidhealtachd nan Eilean (HITA) – ag innse mu mar a tha turasachd air feum a dhèanamh a chum maith dhaoine is na h-àrainneachd an lùib na h-obrach aca.
Nam measg bidh Taigh-òsta Dhuisdeil, a fhuair an duais airson an Taigh-òsta as Fheàrr; Fòram Gnìomh Gheàrrloch is Loch Iù (GALE), a fhuair an duais airson Choimhearsnachdan Soirbheachail agus am Pod-chraoladh Sgeulachdan na h-Alba a thog an duais airson Innleachdas ann an Turasachd.
Thuirt Cory Jones, Cathraiche Bòrd Stiùiridh Fòram Gnìomh Gheàrrloch is Loch Iù (GALE): “’S e urram a th’ ann gun deach iarraidh orm GALE a riochdachadh an seo an-diugh agus a bhith an làthair aig an t-seisean seo gus gnothachasan soirbheachail a thaisbeanadh. Tha e sgoinneil gu bheil cothrom agam ar sgeulachd innse agus tha mi an dòchas gun toir e brosnachadh is misneachd do dhaoine eile.
“Tha GALE gu làidir dhen bheachd gum bu chòir do dhaoine gàirdeachas mòr a dhèanamh ri coimhearsnachdan a tha a’ soirbheachadh, agus tha cothrom ann le Duaisean Cluarain na Gàidhealtachd agus nan Eilean taisbeanadh a dhèanamh air an obair mhìorbhailich a tha ga dèanamh le gnìomhachas turasachd na sgìre. Le bhith a’ gabhail pàirt an-diugh, tha e na amas dhuinn sealltainn do dhaoine eile mar a thug a’ bhuidheann againn buaidh air ar coimhearsnachd agus na daoine sin a bhrosnachadh gu bhith a’ dèanamh an aon rud.
“Le bhith a’ cur a-staigh airson duais, bha cothrom againn beachdachadh air na tha sinn air a choileanadh agus air na buannachdan a thàinig dhan sgìre bhon obair againn. Cuideachd, tha na duaisean air sanasachd a dhèanamh air an obair againn agus air aithne a thoirt dhuinn ann an gnìomhachas na turasachd, agus sin a’ cur ri ar n-ìomhaigh agus a’ tarraing barrachd taice airson na h-obrach againn.
“Ma tha duine sam bith a’ smaoineachadh air cur a-staigh airson HITA, mholainn dhuibh gu mòr sin a dhèanamh. Chan e a-mhàin gu bheil na duaisean seo a’ toirt aithne do shoirbheachas, tha iad cuideachd a’ toirt cothrom do dhaoine adhartas a dhèanamh is rudan ionnsachadh gu pearsanta. Seo cothrom taisbeanadh a dhèanamh air na sibh air a choileanadh, ceangal a dhèanamh ri daoine eile, agus com-pàirteachasan prìseil a chruthachadh le gnothachasan turasachd eile air a’ Ghàidhealtachd. Le bhith a’ gabhail pàirt, bidh sibh a’ cur ri leasachaidhean is soirbheachas na sgìre againn.”
Cluinnidh muinntir na co-labhairt aithrisean brosnachail is pearsanta bho dhaoine air obair innleachdach a thug buaidh mhath air turasachd na sgìre, agus a chuidich na gnothachasan is coimhearsnachdan aca – agus cluinnear mu mar as urrainn do ghnothachasan turasachd is thachartasan eile togail air na deagh eisimpleirean sin.
Thuirt Chris Taylor, Stiùiriche VisitScotland airson Leasachadh Cheann-uidhe: “Tha co-labhairt na bliadhna sa a’ sealltainn mar a bhios sinn a’ toirt taic do roinn na turasachd is nan tachartasan tro fhiosrachadh is comhairle sàr-mhath a bheir ar luchd-labhairt seachad, agus a gheibhear sna seiseanan is bùithtean-obrach fa leth a bhios ann.
“A thuilleadh air na cothroman gus ceanglaichean a thogail le daoine eile, tha sinn airson cothrom a thoirt do ghnothachasan ionnsachadh bho chèile agus a dhol an sàs ann an còmhraidhean air cuid de na cùisean is dùbhlain a tha a’ togail ceann sa ghnìomhachas an-dràsta.
“Tha turasachd chunntachail is sheasmhach cho cudromach ’s a bha i riamh, agus tha barrachd fianaise is tuigse againn a thaobh sin a chuidicheas sinn le bhith a’ tabhann thursan is bathar sònraichte do luchd-tadhail, an dearbh rud a tha iad a’ sireadh nuair a thadhlas iad air a’ Ghàidhealtachd. Ge-tà, feumaidh sinn cuideachd aire a thoirt do na dùbhlain a tha romhainn a thaobh chosgaisean san latha an-diugh.
“’S iomadh buannachd a thig bho thurasachd agus chithear a buaidh fada seachad air crìochan a’ ghnìomhachais fhèin – nì e feum dhan eaconamaidh, do ar coimhearsnachdan agus do ar math fhèin mar dhaoine. Tha VisitScotland air cur romhainn atharraichean a bhrosnachadh a bheir fàs ann an dòigh chunntachail air gnìomhachas luachmhor turasachd is thachartasan na h-Alba agus ann an dòigh far a bheilear a’ toirt spèis do dhaoine agus àiteachan.”
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Cho-labhairt Turasachd na Gàidhealtachd 2023, tadhlaibh air: https://visitscotland.eventsair.com/highland-tourism-conference-2023
DEIREADH
Airson tuilleadh fiosrachaidh cuiribh fios gu:
(Diluain-Diardaoin) Kim Walton Oifigear Naidheachdan Corporra Roinneil Fòn: 07805 802 508 kim.walton@visitscotland.com (Dihaoine) Amelia Whittaker Manaidsear Naidheachdan Corporra – Roinneil Fòn: (01750) 723806 amelia.whittaker@visitscotland.com
Fiosrachadh do Luchd-deasachaidh
· Faighibh fios mur deidhinn air twitter: @visitscotnews
· ’S e a th’ ann an VisitScotland, buidheann turasachd nàiseanta na h-Alba. ’S e as adhbhar dha, modhan-obrach ro-innleachdail agus co-òrdanaichte a chur an sàs gus taic a thoirt dhan iomairt airson eaconamaidh na turasachd a thogail as ùr ann an dòigh chunntachail, agus ann an dòigh a nì cinnteach gun soirbhich le roinn na turasachd.
· Cuidichidh obair na buidhne le bhith a’ coileanadh Ro-innleachd Nàiseanta Riaghaltas na h-Alba airson Cruth-atharrachadh a thoirt air an Eaconamaidh, agus Scotland Outlook 2030, ro-innleachd nàiseanta na turasachd, a tha a’ cur an cèill mar a dh’fhaodas Alba a bhith am measg nan dùthchannan as soirbheachail a thaobh turasachd san 21mh linn.
· Thèid seo a thoirt gu buil le trì bunaitean ro-innleachdail: A’ cruthachadh ìomhaigh airson ceann-uidhe cunntachail, a’ cur taic ri coimhearsnachdan turasachd is thachartasan na h-Alba agus a’ cur taic ri co-obrachadh agus a’ gabhail ri atharraichean mar thaic do dh’eaconamaidh turasachd a tha nas cothromaiche, nas cunntachail agus nas in-ghabhalaich.
· Ro COVID-19, bha na chosgadh luchd-turais ann an Alba a’ cur mu £11 billean ris an eaconamaidh ann an roinn solarachaidh na h-Alba san fharsaingeachd agus bha e a’ cur mu £6 billean ri GDP na h-Alba (a rèir bhun-phrìsean).
· ’S mòr am feum a nì VisitScotland a thaobh turasachd chunntachail, agus sin a’ toirt piseach air Alba mar cheann-uidhe agus mar àite sa bheil daoine a’ fuireach. Tha sinn moiteil às mar a chuir sinn ar n-ainm ri Foirgheall Ghlaschu air Iomairtean a thaobh na Gnàth-shìde ann an Turasachd agus Roinn na Turasachd a’ Gairm Suidheachadh-èiginn a thaobh na Gnàth-shìde.
· Airson brathan-naidheachd VisitScotland tadhlaibh air http://www.visitscotland.org/media_centre.aspx, airson staitistearachd agus ceistean bitheanta a thaobh turasachd, tadhlaibh air http://www.visitscotland.org/
· Airson fiosrachadh mu làithean-saora ann an Alba, tadhlaibh air www.visitscotland.com
Atharrachadh na gnàth-shìde fon phrosbaig aig co-labhairt
Bheir Jamie Brogan, Ceannard Chom-pàirteachasan na Gnàth-shìde aig Ionad Dhùn Èideann airson Atharrachadh na Gnàth-shìde aig Oilthigh Dhùn Èideann, a’ phrìomh òraid seachad aig a’ cho-labhairt bhliadhnail far am bi còrr is 150 neach a tha ag obair ann an gnìomhachas na turasachd is nan tachartasan air a’ Ghàidhealtachd a’ tighinn còmhla.