VisitScotland Business Events Travel Trade Corporate Media Toolkit

We use cookies

We use Cookies to improve your experience on this site.

You can accept our cookies policy or customise your choices.

Please refer to our Cookies Policy for more information.

Manage cookies settings
PW_Launch of Go Rural agritourism map _33 # A’ tadhal air tuathanas, cuairt air croit!

Mapa Thursan Dùthchail na h-Alba ri fhaotainn aig Ionadan-fiosrachaidh VisitScotland

CHA BHEAG na buannachdan a gheibh an t-iomadh tuathanas is croit a tha an sàs ann an turasachd àiteachais ann an Alba mar thoradh air goireas-iùil ùr airson turasachd àiteachais a tha ri fhaotainn ann an Ionadan-fiosrachaidh VisitScotland. Tha am mapa ùr, a tha a’ comharrachadh còrr is 200 de na h-àiteachan as fheàrr ann an Alba a tha an sàs ann an turasachd àiteachais, ri fhaotainn a-nis do luchd-tadhail air feadh nan ionadan-fiosrachaidh a th’ aig a’ bhuidhinn thurasachd nàiseanta.

Chaidh Mapa nan Tursan Dùthchail fhoillseachadh ann am Mìos Turasachd Dhùthchail na h-Alba, a chaidh a chumail airson a’ chiad uair sa Chèitean am-bliadhna. Air a’ mhapa gheibhear fiosrachadh air tuathanasan is croitean far am faod daoine biadh no deochan ionadail a cheannach, latha a chur seachd a’ cur eòlas air an obair aca no fuireach airson làithean-saora. Tha na 217 àiteachan turasachd àiteachais stèidhichte anns gach ceàrnaidh dhen dùthaich agus nam measg tha Long Island Retreats and Larder ann an Uibhist a Deas agus an t-Àite-campachaidh aig Saor-làithean Eileanach Bhaile Raghnaill ann an Uibhist a Tuath. Gheibhear lethbhric dhen mhapa anns gach fear de na 26 Ionadan-fiosrachaidh aig VisitScotland, leithid Ionad-fiosrachaidh Steòrnabhaigh. Cuideachd, gheibhear tionndadh didseatach dhen mhapa aig www.goruralscotland.com

’S e a th’ ann an turasachd àiteachais ann an Alba, turasachd no cur-seachad air tuathanas no croit a tha a’ dèanamh biadh bho thoraidhean na h-obrach àiteachais aca no a tha a’ tabhann chothroman no sheirbheisean do luchd-turais. Sna bliadhnaichean mu dheireadh, gu h-àraidh nuair a bha an galar mòr-sgaoilte ann, tha leudachadh air tighinn air turasachd àiteachais agus luchd-tadhail a’ sireadh chothroman gus eòlas ceart a chur air àiteachan air an dùthaich far an urrainn dhaibh barrachd eòlais a chur air, agus ceangal nas dlùithe a thogail ri, tìr thorrach na h-Alba.

Gus foillseachadh a’ mhapa a chomharrachadh, choinnich Ball a’ Bhùird airson Turasachd Àiteachais, Raibeart MacUilleim bho Wilson’s Farm & Kitchen agus a charaid, Lily a’ bhò Hereford, ri luchd-obrach bho Ionad-fiosrachaidh Jedburgh sna Crìochan. Bha suaip nach beag eadar Lily agus a’ bhò ann an suaicheantas nan Tursan Dùthchail, a bhios ga chleachdadh gus sealltainn gu bheil na cothroman air turasachd àiteachais rim faighinn air tuathanasan no croitean a tha fhathast ri obair an fhearainn.

Thuirt Caroline Millar, am Prìomh Oifigear airson Turasachd Àiteachais:Tha Mapa nan Tursan Dùthchail a’ dèanamh sanasachd air agus a’ moladh nan àiteachan as fheàrr airson turasachd àiteachais ann an sgìrean dùthchail na h-Alba, agus cuideachd, gheibhear fios air àiteachan far am faigh sibh biadh is deochan blasta a chaidh a dhèanamh le toraidhean an tuathanais no na croite fhèin. “Tha fios againn gu bheil daoine airson am mapa a chleachdadh gus tadhal air iomadh tuathanas is croit ann an Alba agus tha e fìor mhath a bhith a’ foillseachadh a’ ghoireis-iùil air leth feumail seo a bhios ri fhaotainn anns gach Ionad-fiosrachaidh aig VisitScotland agus sna tuathanasan a tha fo bhrataich na h-iomairt, Tursan Dùthchail. Nuair a chì luchd-tadhail bò nan Tursan Dùthchail, faodaidh iad a bhith cinnteach gun cuirear fàilte chridheil orra agus gum faigh iad blasad ceart dhen dùthaich a mhaireas fada air chuimhne.”

Thuirt Ceannard nan Seirbheisean Fiosrachaidh aig VisitScotland Tracey Beveridge: “Eadar a’ buain mheasan, a’ fuireach air tuathanas, spòrs air a’ bhlàr a-muigh agus cuideachadh leis na h-uain, tha am mapa seo a’ sealltainn mar a tha iomadh cothrom mìorbhaileach ann air feadh na h-Alba do luchd-tadhail agus muinntir an àite a dhol an sàs ann an turasachd àiteachais. “Tha ar luchd-obrach aig na h-Ionadan-fiosrachaidh a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cleachdadh a’ mhapa gus àiteachan a mholadh do luchd-turais, mar phàirt dhen ghealladh aig VisitScotland gus obrachadh ann an com-pàirt le muinntir na roinne feuch am bi Alba am measg nan dùthchannan as fheàrr airson turasachd àiteachais.”

Download

A’ tadhal air tuathanas, cuairt air croit!

VisitScotland iCentres now offer the Go Rural map, featuring over 200 agritourism experiences across Scotland. This growing travel trend allows visitors to enjoy authentic rural experiences.

Asset type post
ID 170758
Word count 767 words

Licence

Licence Editorial A Licence to use assets for editorial purposes, which is, to illustrate an event or story in an article but not commercially such as marketing a product or print ad. An Editorial asset may show a brand, a trademarked logo or product, a public personality, or recognisable people, without a signed release or with limited releases. When you use VisitScotland Editorial content you do so to illustrate Scottish tourism in a positive way.
Expiry No expiry date
Released
Added at

Tags