We use cookies
We use Cookies to improve your experience on this site.
You can accept our cookies policy or customise your choices.
Please refer to our Cookies Policy for more information.
Tha aithisg ùr a’ dearbhadh gun tàinig buannachdan mòra bho Bhliadhna nan Sgeulachdan 2022 do dh’Alba agus do choimhearsnachdan Albannach.
Am measg prìomh thoraidhean na h-aithisge measaidh, anns a bheil rannsachadh neo-eisimeileach agus beachdan bho luchd-compàirt a chruinnich VisitScotland, tha:
Bha prògram farsaing de thachartasan mar bhunait air a’ bhliadhna, le tachartasan air an cumail anns gach fear de na 32 ùghdarrasan ionadail ann an Alba. Dh’obraich ceudan de bhuidhnean còmhla gus dèanamh cinnteach gun deigheadh taisbeanadh a dhèanamh air an iomadh seòrsa sgeulachd a th’ againn, agus iad cho ealanta is brìoghmhor, am measg sluagh cho mòr ’s as urrainn.
Tron phrògram de thachartasan a fhuair maoineachadh, chaidh £1.33 millean a chosg san roinn, agus rinn na tachartasan sin taisbeanadh air sgeulachdan aithnichte agus ùra agus bha taghadh farsaing de bhuidhnean an sàs annta eadar companaidhean nàiseanta agus buidhnean coimhearsnachd.
Tro Phrògram Coimhearsnachd nan Sgeulachdan, a bha air leth innleachdach, fhuair coimhearsnachdan ionadail an cothrom taisbeanadh a dhèanamh air an cuid sgeulachdan. ’S e com-pàirteachas a th’ ann eadar VisitScotland agus Taighean-tasgaidh is Gailearaidhean na h-Alba le taic bho Mhaoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta agus Riaghaltas na h-Alba. Thug am prògram seo tabhartasan luach £732,000 agus ‘co-thaic’ a bharrachd do 180 buidheann a tha ag obair leis a’ choimhearsnachd gus cothroman a thoirt do choimhearsnachdan gus tighinn còmhla, sgeulachdan a tha cudromach dhaibh innse agus sgilean ionnsachadh agus cothroman agus com-pàirteachasan a chur air dòigh.
Bha cànanan dùthchasach na h-Alba gu mòr am follais san dà phrògram de thachartasan, agus Albais is Gàidhlig mar phàirt de 42% de na tachartasan a fhuair maoineachadh.
Cuideachd, chaidh na sgeulachdan innse ann an tòrr dhiofar dhòighean – eadar apps is susbaint dhidseatach agus tachartasan le daoine an làthair, slighean coiseachd agus taisbeanaidhean. Bha so-ruigsinneachd na pàirt glè mhòr dhen bhliadhna, eadar eadar-theangachadh BSL ann an bhidiothan is aig tachartasan beò agus tiogaidean an-asgaidh no ‘pàigh nas urrainn dhut’ ann aig tòrr thachartasan.
Chuidich am prògram thachartasan gus barrachd dhaoine a bhrosnachadh gu bhith a’ mothachadh dha agus a’ cur sùim ann an sgeulachdan na h-Alba: thuirt 81% de na daoine a bha an làthair aig tachartasan coimhearsnachd gun robh iad na bu mhothachail air beairteas is farsaingeachd sgeulachdan na h-Alba. Bha a’ bhliadhna cuideachd na adhbhar brosnachaidh do dhaoine a thaobh a bhith a’ tadhal air àiteachan – thuirt 75% de na daoine a bha an làthair aig tachartasan coimhearsnachd gum biodh iad nu bu bhuailtiche tadhal air àiteachan le ceangal ri sgeulachdan na h-Alba.
A thuilleadh air prògram mòr de thachartasan, bha cuideachd cothroman an lùib Bliadhna nan Sgeulachdan 2022 dhan ghnìomhachas thurasachd san fharsaingeachd agus do roinnean eaconamach co-cheangailte ris gus na sgeulachdan aca fhèin innse. Bha iomadach eisimpleir ann de ghnothachasan is buidhnean a bha ag obair còmhla gus susbaint, iomairtean agus tachartasan ùra a chruthachadh do choimhearsnachdan is luchd-tadhail.
Thuirt Malcolm Roughead, Ceannard VisitScotland: “Tha na Bliadhnaichean Sònraichte a’ toirt cothrom do dhaoine obrachadh còmhla thar roinnean na turasachd is nan tachartasan agus roinnean eile, agus iad a’ dèanamh feum de neartan na h-Alba gus luchd-tadhail a thàladh bho ar dùthaich fhèin agus bho dhùthchannan eile agus tha iad cuideachd a’ cur ri eaconamaidh na h-Alba. “Tha toraidhean a’ mheasaidh seo a’ sealltainn gun robh coimhearsnachdan gu mòr an sàs ann am Bliadhna nan Sgeulachdan agus gun robh ùidh mhòr aig daoine bho air feadh na dùthcha anns a’ bhliadhna agus gach nì a bha na lùib. Ged a tha a’ bhliadhna seachad a-nis, chan tàinig crìoch air an sgeulachd fhathast. Tha sinn an dòchas gun cùm gnothachasan agus tachartasan orra a’ taisbeanadh an cuid sgeulachdan agus gum bi luchd-tadhail a’ gabhail ùidh agus tlachd sna h-àiteachan, na daoine is na cultaran a bhuineas riutha.”
Thuirt am Ministear airson Cultar, Cairistìona NicShealbhaich: “Tha mi fìor thoilichte gu bheil Bliadhna Sgeulachdan na h-Alba 2022 air buaidh cho math agus maireannach a thoirt air iomadh coimhearsnachd air feadh Alba. “Mar thoradh air an obair chom-pàirteach, bha an taghadh mìorbhaileach de thachartasan a’ toirt brosnachadh do dhaoine gu bhith a’ cruthachadh is ag innse mu dheidhinn an cuid sgeulachdan, dualchais is thursan fhèin. “Chaidh tòrr dhaoine an sàs sa bhliadhna shònraichte seo, agus ri linn sin bidh dìleab mhaireannach ann agus sinn a’ cumail oirnn ag innse sgeulachdan do chàch a chèile mar deidhinn fhìn agus mu na h-àiteachan far a bheil sinn a’ fuireach.”
Thuirt Lucy Casot, Ceannard Taighean-tasgaidh is Gailearaidhean na h-Alba: “Le Maoin Coimhearsnachd nan Sgeulachdan airson Bliadhna nan Sgeulachdan, bha cothrom glè mhath ann taic a thoirt do thòrr dhiofar dhaoine gus pàirt a ghabhail sa bhliadhna shònraichte seo agus tha sinn moiteil à mar a thug sinn an taic sin seachad ann an co-bhuinn ri VisitScotland, le taic bho Mhaoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta agus Riaghaltas na h-Alba. Thug a’ mhaoin taic do dhaoine gus sgeulachdan, sean is ùr, a chur an cèill ann an dòighean cruthachail is ealanta, agus an obair sin a’ toirt cothrom do choimhearsnachdan ionadail agus luchd-tadhail farsaingeachd ghuthan a chluinntinn. “Tha am measadh a’ toirt dearbhadh soilleir dhuinn gun robh buannachdan mòra ann dha na buidhnean a chùm na tachartasan agus dha na coimhearsnachdan air feadh na dùthcha a thàinig còmhla gus na sgeulachdan a chluinntinn is fhaicinn. Tha e iongantach na choilean a h-uile duine a bha an sàs sa bhliadhna agus tha fios againn gu bheil barrachd dhaoine mothachail air agus a’ cur sùim ann an sgeulachdan na h-Alba mar thoradh air prògram na bliadhna agus gu bheil ùidh aca ann a bhith a’ tilleadh air turas eile.”
Thuirt Caroline Clark, Stiùiriche Maoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta ann an Alba: “B’ ann glè fhollaiseach a bha buaidh Bliadhna nan Sgeulachdan air feadh na h-Alba an-uiridh. Bha daoine air feadh na dùthcha a’ dol an sàs ann, mar a tha an aithisg seo a’ sealltainn. “B’ e aon rud bha sònraichte mu Bhliadhna nan Sgeulachdan, mar a bha iomadh seòrsa sgeulachd ann agus iomadh dòigh gus an innse ri linn Prògram Coimhearsnachd nan Sgeulachdan, a fhuair taic bho mhaoineachadh a chaidh a thogail air sàillibh chluicheadairean a’ Chrannchuir Nàiseanta. Bha mac-meanmna dhaoine, choimhearsnachdan is bhuidhnean air a ghluasad gu bhith a’ cnuasachd is a’ cruthachadh, agus a’ bhliadhna a’ toirt cothrom dhaibh an cuid sgeulachdan innse, san dòigh aca fhèin – sgeulachdan muinntir, àiteachan is cultaran na h-Alba.”
Thuirt Dòmhnall Mac a’ Ghobhainn, Stiùiriche Fèis Sgeulachdan Eadar-nàiseanta na h-Alba agus Ealain is Cultar Traidiseanta na h-Alba: “Bha e na thlachd mhòr dhuinn a bhith an sàs anns gach pàirt de Bhliadhna Sgeulachdan na h-Alba. Dhuinne, sheall e mar a bhios Sgioba na h-Alba ag obair còmhla, eadar tachartasan fo stiùir na coimhearsnachd air feadh na dùthcha, tachartasan mòra, agus co-obrachadh eadar na roinnean turasachd is cultair. Agus bha a h-uile duine airson pàirt a ghabhail san sgeulachd!”
Tha na Bliadhnaichean Sònraichte mar mheadhan do thòrr bhuidhnean gus tighinn còmhla agus cur ri buaidh na h-obrach aca tro cho-obrachadh, agus iad a’ togail air an aon chuspair agus a’ cleachdadh branndadh is ghoireasan coitcheann. Thathar a’ toirt sùil an-dràsta air roghainnean is dòighean-obrach airson Bliadhna Shònraichte ùr a dh’fhaodadh a bhith ann ann an 2025, agus thèid barrachd fiosrachaidh mun sin fhoillseachadh ro dheireadh 2023.
Chithear Aithisg Mheasaidh Bliadhna nan Sgeulachdan an seo
Fiosrachadh do Luchd-deasachaidh
Prìomh Fhiosrachadh
Tuilleadh fiosrachaidh air prògram nan tachartasan
Bha trì prògraman thachartasan ann, a dhà a fhuair maoineachadh agus prògram an luchd-chompàirt nach d’ fhuair maoineachadh. Thairis air na trì prògraman chaidh còrr is 350 tachartas/prògram thachartasan a chur air dòigh agus chaidh tachartasan a chumail anns gach fear de na 32 ùghdarrasan ionadail ann an Alba, agus anns gach mìos:
Eisimpleirean de cho-obrachadh sa ghnìomhachas
Ghabh tòrr dhiofar bhuidhnean is ghnothachasan air feadh na h-Alba an cothrom leis a’ Bhliadhna Shònraichte gus na sgeulachdan aca fhèin innse – faicibh Eisimpleirean bho Bhliadhna nan Sgeulachdan airson làn-fhiosrachadh air eisimpleirean de cho-chonaltradh is co-obrachadh sa ghnìomhachas.
Mar eisimpleir:
Mu dheidhinn Maoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta Le bhith a’ cleachdadh airgead a thèid a thogail tron Chrannchur Nàiseanta, bidh sinn a’ cur air adhart, a’ toirt stiùir do agus a’ maoineachadh dualchas na RA gus atharraichean matha is maireannach a chur an sàs do dhaoine agus coimhearsnachdan, san latha an-diugh agus san àm ri teachd. www.HeritageFund.org.uk. Leanaibh @HeritageFundUK air Twitter, Facebook is Instagram agus cleachdaibh #NationalLotteryHeritageFund Leanaibh ar cunntasan Albannach @HeritageFundSCO air Twitter is Facebook Gach seachdain, bidh cluicheadairean a’ Chrannchuir Nàiseanta a’ togail £30 millean airson adhbharan matha air feadh na RA.
VisitScotland released an evaluation report highlighting the success of the Year of Stories 2022. The report shows that over 1.4 million people attended funded events celebrating Scotland’s stories, with 354 events held across all 32 local authorities.