VisitScotland Business Events Travel Trade Corporate Media Toolkit

We use cookies

We use Cookies to improve your experience on this site.

You can accept our cookies policy or customise your choices.

Please refer to our Cookies Policy for more information.

Manage cookies settings

Rionnagan rim faicinn ann an Leòdhas agus sna Hearadh

Proxy

Fhuair dà thaigh-aoigheachd ann an Leòdhas agus sna Hearadh còig rionnagan bho VisitScotland.

Fhuair Broad Bay House air a’ Bhac, Leòdhas agus Ceòl na Mara faisg air an Tairbeart, sna Hearadh còig rionnagan òir agus còig rionnagan bhon bhuidhinn turasachd nàiseanta sa chiad mheasadh a rinneadh orra bho thàinig COVID-19.

Às dèidh dhuinn tadhal orra gus measadh Dearbhachd Càileachd a dhèanamh, chaidh dearbhadh gun robh na gnothachasan a’ tabhann àite-fuirich fìor mhath, agus chunnacas ìrean aoigheachd agus glaineid air leth math.

Chaidh na sgeamaichean Dearbhachd Càileachd aig VisitScotland – a tha am measg na feadhna as fheàrr san t-saoghal – a dhealbh thar an dà fhichead bliadhna a dh’fhalbh ann an com-pàirt ri gnìomhachas na turasachd agus sinn a’ gabhail ealla ri rannsachadh air beachdan luchd-turais. Chaidh an ùrachadh gus freagairt air atharraichean sa ghnìomhachas, agus ann an co-bhuinn ris a’ ghnìomhachas fhèin. Tha iad a’ toirt fiosrachadh earbsach, buntainneach agus cothromach do luchd-tadhail, agus do na gnothachasan a tha an sàs sna sgeamaichean.

A thuilleadh air a bhith a’ faighinn sàr thoraidhean sa mheasadh aca, tha an dà thaigh-aoigheachd nam buill den sgeama Blasad dhen Chuid as Fheàrr aig VisitScotland, sgeama gus daoine ann an gnìomhachas na turasachd a bhrosnachadh gu bhith a’ cleachdadh biadh is deochan Albannach agus a bheir aithne do ghnothachasan a tha a’ tabhann cothrom air biadh is deochan Albannach fìor mhath.

Thuirt Victoria Harvey, Manaidsear Leasachadh Eileanan airson nan Eilean Siar aig VisitScotland:

“Tha na duaisean seo a’ toirt aithne dhan obair chruaidh a rinn na daoine seo agus an cuid dìchill gus ìrean càileachd fìor mhath a chumail suas agus gus bàrr a thoirt orra fhad ’s a bha an galar mòr-sgaoilte COVID-19 ann agus às dèidh sin.

“Le bhith a’ cur romhpa aoigheachd fìor mhath a thabhann a gheibh aithne iomchaidh, tha gnothachasan a’ cur ri ìomhaigh nan Eilean Siar agus na h-Alba mar cheann-uidhe glè tharraingeach. Tha buaidh na turasachd a’ sgaoileadh gu fad is farsaing agus seachad air crìochan a’ ghnìomhachais fhèin – tha buannachdan ann do ghnothachasan eile, a thaobh obraichean eile agus a thaobh na h-eaconamaidh.”

Thuirt Sue Reid, bho Bhroad Bay House:

“Tha e mìorbhaileach gu bheil sinn am measg dìreach 25 taighean-aoigheachd no mar sin bho air feadh Alba a tha air còig rionnagan òir fhaighinn.

“Tha àiteachan-fuirich sàr mhath glè chudromach dhan ath-nuadhachadh a tha a’ tighinn air gnìomhachas na h-aoigheachd. Tha aoighean, a tha ’s dòcha a’ dol air làithean-saora airson a’ chiad turais ann am bliadhna no dhà, a’ sireadh turas sòghail agus àite-fuirich a tha mar dhachaigh eile dhaibh. Tha sòghalachd, cofhurtachd agus na rudan beaga uile a’ cunntadh. Bidh tòrr aoighean a’ tilleadh air sàillibh sin agus air sgàth ’s gun do chòrd an turas riutha uiread, agus bidh iad a’ tilleadh a-rithist agus a-rithist. Tha e math coinneachadh ri daoine ùra, ach tha e cuideachd na adhbhar misneachd a bhith a’ faicinn dhaoine a bh’ againn mu thràth. Ri linn seo uile, tha sinn cha mhòr làn airson an t-seusain seo.”

Thuirt Sìne Loomes bhon Taigh-aoigheachd, Ceòl na Mara:

“Gus seo uile a dhèanamh tha e deatamach gum bi sibh a’ coileanadh nan ìrean as àirde, no a’ toirt bàrr orra fiù ’s, a thaobh gnìomhachas na turasachd. ’S iomadh nì a tha a’ cur ri sàr aoigheachd, leithid sheirbheisean, an t-àite sa bheil sinn, am biadh a bheir sinn seachad tro Bhlasad dhen Chuid as Fheàrr, no dìreach gu bheil e a’ còrdadh rinn gu mòr a bhith a’ ruith L&B.”

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun sgeama Dearbhachd Càileachd, tadhlaibh air: www.visitscotland.org/supporting-your-business/visitor-experience/quality-assurance-ratings

Save Download

Rionnagan rim faicinn ann an Leòdhas agus sna Hearadh

VisitScotland a’ buileachadh còig rionnagan air dà àite-fuirich

Asset type post
ID 118949
Word count 996 words

Licence

Licence Rights Managed - VS Editorial A Licence to use assets for editorial purposes, which is, to illustrate an event or story in an article but not commercially such as marketing a product or print ad. An Editorial asset may show a brand, a trademarked logo or product, a public personality, or recognisable people, without a signed release or with limited releases. When you use VisitScotland Editorial content you do so to illustrate Scottish tourism in a positive way.
Expiry No expiry date
Released
Usage Editorial content can be published in a variety of formats ranging from print or digital to online. In print content can be featured in *newspapers *magazines *brochures. Online content can be published in a *blog *website *article or *social media. Regardless of the format this content should always promote Scotland’s tourism in a positive way.

Tags