VisitScotland Business Events Travel Trade Corporate Media Toolkit

We use cookies

We use Cookies to improve your experience on this site.

You can accept our cookies policy or customise your choices.

Please refer to our Cookies Policy for more information.

Manage cookies settings

A’ togail bratach na Gàidhlig

Proxy

Tha daoine air feadh an t-saoghail a’ comharrachadh Seachdain na Gàidhlig, agus tha VisitScotland airson sealltainn cho cudromach ’s a tha an cànan nàiseanta do ghnìomhachas turasachd is thachartasan na h-Alba agus mar as urrainn do ghnothachasan buannachdan fhaighinn bho mar a tha an ùidh a th’ aig luchd-tadhail sa Ghàidhlig a’ sìor dhol am meud.

Sa bhliadhna a dh’fhalbh, tha a’ bhuidheann turasachd nàiseanta air fhaicinn mar a tha an ùidh a th’ aig daoine sa Ghàidhlig air a dhol am meud gu mòr am measg nan daoine a bhios a’ tadhal air VisitScotland.com. Thàinig àrdachadh de 151 às a’ cheud air an àireimh dhaoine a thadhail air duilleagan le susbaint co-cheangailte ris a’ Ghàidhlig eadar 2021 agus 2022, agus chaidh sealltainn air a’ bhidio aca, ‘Scottish Gaelic Explained’, air YouTube còrr is 660,000 turas.

Tha mar a tha barrachd ùidh aig luchd-tadhail sa chànan a’ ciallachadh gu bheil cothroman ùra ag èirigh do ghnothachasan turasachd is thachartasan air feadh Alba gus Gàidhlig fhighe a-steach dhan obair aca, agus mar thoradh air sin gheibh luchd-tadhail an seòrsa turais a tha iad a’ sireadh far am faigh iad fìor bhlasad den chultar agus den dùthaich.

Mar thaic do ghnothachasan – agus gus gnothachasan a tha ag obair le Gàidhlig mu thràth a bhrosnachadh gu bhith ag innse dhuinn mun obair aca – tha VisitScotland air goireasan Gàidhlig a chruthachadh le taic bhon bhuidhinn nàiseanta ris a bheil e an urra a’ Ghàidhlig a thoirt air adhart, Bòrd na Gàidhlig. Nam measg tha goireasan-taice, fianais air gnothachasan agus air mar a tha Gàidhlig na pàirt dhen obair aca agus molaidhean practaigeach airson an cànan fhighe a-steach do dh’obair ghnothachasan leithid: a’ teagasg beagan Gàidhlig do luchd-obrach, ag eadar-theangachadh ainmean-àite ionadail gus sealltainn na tha a’ Ghàidhlig a’ ciallachadh agus a’ cleachdadh Gàidhlig ann an stuthan margaidheachd.

Tha còrr is 340 de na gnothachasan air VisitScotland.com a-nis ag ràdh gu bheil Gàidhlig mar phàirt de na tha iad a’ tabhann do luchd-tadhail, agus iad stèidhichte air feadh Alba eadar àiteachan leithid Steòrnabhagh is Inbhir Nis aig tuath agus Glaschu agus Newton Stewart aig deas.

A thuilleadh air a bhith a’ cur na Gàidhlig air adhart agus a bhith a’ toirt comhairle do ghnothachasan, tha VisitScotland a’ toirt taic do phrìomh thachartasan nàiseanta leithid Celtic Connections agus am Mòd Nàiseanta Rìoghail, an fhèis eadar-nàiseanta bhliadhnail airson cultar na Gàidhlig, tro EventScotland.

Tha an obair seo uile mar phàirt den amas aig buidheann nàiseanta na turasachd gum bi Alba am measg nan dùthchannan as fheàrr a thaobh turasachd chunntachail, agus seo a’ co-fhreagairt air ro-innleachdan a’ ghnìomhachais agus an riaghaltais. Dùthaich a chuireas dìon air agus a ghlèidheas beairteas sònraichte nàdar is cultar na dùthcha gus piseach a thoirt air Alba mar cheann-uidhe agus mar àite sa bheil daoine a’ fuireach.

Thuirt Lyn Donnelly, Àrd-mhanaidsear airson Turasachd Chunntachail aig VisitScotland:

“Tha mar a tha barrachd ùidh aig daoine sa Ghàidhlig a’ toirt cothrom air leth do ghnothachasan turasachd agus thachartasan air feadh Alba Gàidhlig fhighe a-steach dhan obair aca, feuch am faigh luchd-tadhail cothrom air turas far am faigh iad fìor bhlasad den chultar agus den dùthaich. Tha fios againn gur e sin a tha luchd-turais ag iarraidh agus tha e a’ dèanamh Alba nas tarraingiche mar cheann-uidhe.”

Thuirt Joy Dunlop, Stiùiriche Seachdain na Gàidhlig:

“Tha seo ro fhollaiseach ann an roinn na turasachd agus nan tachartasan, far a bheil Gàidhlig a’ tarraing tòrr dhaoine chun na dùthcha brèagha againne. Tha turasachd a’ cur gu mòr ri eaconamaidh na h-Alba agus tha Gàidhlig aig cridhe na turasachd airson tòrr dhaoine.

“Seo an dàrna bliadhna airson Seachdain na Gàidhlig, agus nach i a dh’fhàs, le còrr is 100 tachartas ann air feadh an t-saoghail. Agus mura b’ e an taic-airgid a bharrachd a fhuair sinn bho Bhòrd na Gàidhlig, cha bhiodh ach glè bheag dhiubh a’ tachairt. Thoiribh sùil air www.seachdainnagaidhlig.scotfar am faic sibh mar as urrainn dhuibh pàirt a ghabhail – tha tìde agaibh fhathast!”

Gnothachasan turasachd Gàidhlig fon phrosbaigAn Taigh Cèilidh – Steòrnabhagh

’S e a th’ anns an Taigh Chèilidh ionad coimhearsnachd is cultair Gàidhlig ùr ann am baile air am bi tòrr luchd-turais a’ tadhal, Steòrnabhagh ann an Leòdhas. Gheibh luchd-tadhail deochan aig prìs nas saoire ma dh’òrdaicheas iad iad ann an Gàidhlig. Dh’fhosgail Magaidh Nic a’ Ghobhainn agus Teàrlach Wilson e nuair a thuig iad gun robh iarrtas ann airson leithid a dh’àite le cànan is cultar nan Gàidheal aig cridhe ghnothaichean, agus an Taigh Cèilidh aca an teis-meadhan baile gu math Gàidhealach.

Tha e follaiseach dhan sgioba san Taigh Chèilidh gu bheil a’ Ghàidhlig gu math tarraingeach do luchd-tadhail agus gu bheil e a’ còrdadh riutha nuair a tha an cànan mar phàirt den turas aca.

Thuirt Teàrlach:

Tha am pròiseact air a bhith a’ còrdadh gu mòr ri muinntir an àite agus luchd-tadhail.

Thuirt Teàrlach

“Ma dh’òrdaicheas tu deoch theth ann an Gàidhlig, gheibh thu 10% far na prìse. Tha abairtean rim faicinn far a bheil thu a’ pàigheadh gus daoine a chuideachadh, agus tha ar luchd-obrach air an trèanadh gus luchd-ceannaich a chuideachadh. Chan fheum daoine a bhith fileanta, no coileanta sa chànan – fhad ’s a tha iad deònach feuchainn! Tha sinn air mothachadh gu bheil tòrr spòrs air a bhith aig luchd-turais le seo agus tha gu leòr dhiubh air tòiseachadh air Duolingo às dèidh dhaibh tadhal oirnn.”

Ionad-gàrraidh Simpsons, Inbhir Nis

Chuir Ionad-gàrraidh Simpsons ann an Inbhir Nis romhpa beagan Gàidhlig fhighe a-steach dhan obair aca is dha na brathan-conaltraidh aca às dèidh dhaibh neach fhastadh a tha fileanta sa chànan.

Sgaoil an sgioba aca sreath de bhidiothan Gàidhlig le abairtean is faclan mu ghàirnealaireachd sna meadhanan sòisealta an-uiridh agus chuir e iongnadh orra mar a chòrd iad ri daoine agus tha an gnothachas air luchd-leantainn ùra a thàladh.

Às dèidh sin, chuir iad soidhnichean Gàidhlig ùra suas agus tha an sgioba aig Simpsons a-nis airson barrachd a dhèanamh gus cothrom a thoirt do mhuinntir a’ bhaile agus do dhaoine a bhios a’ tadhal air Inbhir Nis Gàidhlig a chluinntinn agus fhaicinn.

Thuirt Siobhan NicBheathain, Am Manaidsear Margaidheachd is Conaltraidh aig Simpsons:

“Tha sinne ann an suidheachadh sònraichte, thoradh, ’s urrainn dhuinn Gàidhlig co-cheangailte ris a’ ghnìomhachas againn a chleachdadh agus ’s e cothrom air leth a th’ ann dha na daoine a bhios a’ tighinn a-steach dhan ionad gu cunbhalach, agus dha luchd-tadhail a thig bho àiteachan nas fhaide air falbh, rudan ùra ionnsachadh.

“Faodaidh luchd-turais tòrr ionnsachadh bho na h-abairtean Gàidhlig, agus faodaidh iad nuair a thilleas iad dhachaigh cumail orra ag ionnsachadh ùine fhada às dèidh dhaibh tadhal air ar dùthaich bhòidheach.”

Am measg nam planaichean a th’ aca airson na h-ùine ri thighinn tha: barrachd bhidiothan a chur ris a’ chruinneachadh aca; soidhnichean ùra, spòrsail Gàidhlig a chur suas airson nan taighean-beaga; agus barrachd shoidhnichean dà-chànanach san ionad agus san taigh-bìdh.Experience Lewis’S e companaidh thursan a th’ ann an Experience Lewis, le Gàidhlig mar phàirt de na tha iad a’ tabhann.

Tha e na amas dhaibh cultar brìoghmhor Eilean Leòdhais a ghleidheadh, agus iad a’ toirt cothrom do dh’eileanaich làn spionnaidh is dealais an cuid chur-seachadan is sgilean a thaisbeanadh do dhaoine.

Bidh an sgioba a’ tabhann leasanan a bheir blasad dhen Ghàidhlig do luchd-tadhail far am faigh iad abairtean feumail fhad ’s a bhios iad a’ cur seachad ùine air an socair ann an dòigh gu math Gàidhealach, le srùbag agus briosgaid.

Thuirt an Stiùiriche, Eilidh NicIain:

“Le bhith a’ toirt sùil air dìreach pàirt beag dhen chànan, tha sin a’ cuideachadh luchd-tadhail le bhith a’ cur eòlas air a’ chànan agus faodaidh iad falbh agus iad a’ faireachdainn gun d’ fhuair iad fìor bhlasad dhen chultar. Chan eil dòigh nas fheàrr air càirdeas a thogail ri muinntir an àite, ann an dùthaich sam bith, na bhith a’ feuchainn ri bruidhinn riutha ann an dòigh a thuigeas iad.

“Leis an t-seisean-oideachaidh againn, ‘Eachdraidh nan Òran Gàidhlig’, gheibh thu cothrom eòlas ceart a chur air eachdraidh nan daoine agus am beatha tro na linntean san eilean, agus ’s ann àlainn dha-rìribh agus làn faireachdainn a tha na h-òrain Ghàidhlig.”

Mhìnich Eilidh gu bheil i a’ faireachdainn gu bheil àite cudromach aig a’ Ghàidhlig ann an gnìomhachas turasachd agus thachartasan na h-Alba. 

Thuirt i:
Save Download

A’ togail bratach na Gàidhlig

Cothroman am pailteas a thaobh na Gàidhlig do ghnìomhachas turasachd agus thachartasan na h-Alba a rèir VisitScotland

Asset type post
ID 118719
Word count 2137 words

Licence

Licence Editorial A Licence to use assets for editorial purposes, which is, to illustrate an event or story in an article but not commercially such as marketing a product or print ad. An Editorial asset may show a brand, a trademarked logo or product, a public personality, or recognisable people, without a signed release or with limited releases. When you use VisitScotland Editorial content you do so to illustrate Scottish tourism in a positive way.
Expiry No expiry date
Released
Usage Editorial content can be published in a variety of formats ranging from print or digital to online. In print content can be featured in *newspapers *magazines *brochures. Online content can be published in a *blog *website *article or *social media. Regardless of the format this content should always promote Scotland’s tourism in a positive way.

Tags