VisitScotland Business Events Travel Trade Corporate Media Toolkit

We use cookies

We use Cookies to improve your experience on this site.

You can accept our cookies policy or customise your choices.

Please refer to our Cookies Policy for more information.

Manage cookies settings

Co-labhairt a’ cruthachadh cheanglaichean

Proxy

Bhruidhinn am prìomh neach-labhairt aig Co-labhairt Turasachd na Gàidhealtachd am-bliadhna-sa mu na dùbhlain is cothroman a dh’èirich is na nithean a chaidh ionnsachadh an lùib na h-iomairt gus brannd turasachd sònraichte a stèidheachadh am measg choimhearsnachdan dùthchail na h-Èireann.

Chaidh a’ cho-labhairt – a’ chiad tè bho 2019 – a chur air dòigh le VisitScotland agus Comhairle na Gàidhealtachd agus chaidh a cumail san Taigh-òsta Kingsmills ann an Inbhir Nis an-diugh (Dimàirt, 29 Samhain).

Bha barrachd air 160 neach bho air feadh gnìomhachas na turasachd is nan tachartasan air a’ Ghàidhealtachd an làthair gus èisteachd ri Paddy Mathews, Ceannard Brannd Turasachd Sgìreil na h-Èireann aig Fáilte Ireland – An t-Ùghdarras Leasachadh Turasachd Nàiseanta ann am Poblachd na h-Èireann – agus e ag innse mu mar a chaidh dhaibh agus iad a’ cruthachadh a’ bhrannd sgìreil as ùire aca, na Hidden Heartlands.

San òraid bhrosnachail aige, sheall e do luchd-gnothaich na Gàidhealtachd mar a b’ urrainn dhaibh obair còmhla gus fàs a thoirt air turasachd ann an dòigh a bheir buannachdan do na coimhearsnachdan air am bi luchd-turais gu tric a’ tadhal.

Cuideachd, bhruidhinn Mgr Mathews air na buannachdan a thig bho ‘chruinneachaidhean’ agus mar a ghabhas leudachadh is fàs a thoirt orra, gus an urrainn do ghnothachasan turasan is clàran-ama a chur air dòigh le buill eile den chruinneachadh aca; agus air mar a dh’fhaodas an cruinneachadh fàs nas motha agus mar a ghabhas margaidheachd a dhèanamh air gach gnothachas còmhla agus mar a ghabhas cothroman ùra a chruthachadh do luchd-turais – mar eisimpleir, gnothachas bìdh ag obair ann an com-pàirt ri gnothachas ghnìomhachdan is chur-seachadan.

Chaidh òraidean, bùithtean-obrach agus taisbeanaidhean a thoirt seachad le diofar bhuidhnean agus daoine aig a bheil eòlas air a’ ghnìomhachas, agus iad a’ toirt comhairle agus fhuasglaidhean pragtaigeach seachad do ghnothachasan turasachd gus an cuideachadh le bhith a’ gabhail cuid den liuthad chothroman ùra a th’ ann airson àireamh an luchd-tadhail aca a chur am meud agus piseach a thoirt air na tha iad a’ tabhann dhan luchd-turais.

Chaidh innse do mhuinntir na co-labhairt mu na modhan-planaidh a thaobh ‘àiteachan’, a bheir cothrom do choimhearsnachdan Planaichean Àite Ionadail ullachadh agus pàirt gnìomhach a ghabhail sna planaichean sin a bheir buaidh air na dh’èireas do na coimhearsnachdan aca san àm ri teachd.

Às dèidh sin, bha seisean coimhearsnachd ann le taisbeanaidhean bho thrì buidhnean ionadail a tha nan eisimpleirean fìor mhath do chàch a thaobh mar a tha iad a’ miannachadh àiteachan nas fheàrr a bhith ann do luchd-còmhnaidh agus luchd-tadhail.

Bhruidhinn Dàibhidh MacBhàtair, bho Urras Leasachaidh a’ Chaoil Chataich, air leasachadh bun-structar na turasachd; bhruidhinn Russell Friseal, Turasachd Coimhearsnachd na h-Alba (SCOTO), mu Hub Loch Nis agus thug e geàrr-iomradh air na h-amasan is an obair aig SCOTO; agus bhruidhinn Murray MacFhearghais, Stiùiriche airson Planadh is Àiteachan aig Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh, air a’ phròiseact choimhearsnachd, Badenoch the Storylands, le sgeulachdan agus fìor bhlasad de dhualchas na sgìre.

Cuideachd, bha cothrom aig daoine dol gu bùithtean-obrach mu sho-ruigsinneachd, lùghdachadh carboin tro theicneòlas didseatach, togail lìonraidhean agus turasachd uaine.

Bha Mìcheal Golding, Ceannard Tadhail air Inbhir Nis is Loch Nis, os cionn deasbad agus taisbeanadh turasachd mu Chothromachadh-carboin agus bhruidhinn Rob Dickson, Stiùiriche Leasachadh a’ Ghnìomhachais agus Cheann-uidhe aig VisitScotland, mu bhith a’ coimhead air thoiseach oirnn gu 2030 agus nas fhaide air adhart.

Thuirt Paddy Mathews, Ceannard na h-Obrach airson Hidden Heartlands na h-Èireann:

“Tha am brannd, Hidden Heartlands, caran ùr agus mar cheann-uidhe airson luchd-turais, tha sinn fhathast òg. Mar sin, tha sinn ag amas gu sònraichte air: aire barrachd luchd-tadhail a tharraing chun na sgìre, a bhith a’ cur ris an àireimh de chothroman is goireasan do luchd-turais agus gum bi cothroman is goireasan nas fheàrr ann, com-pàirteachasan daingeann a stèidheachadh sa ghnìomhachas agus a bhith a’ dèanamh cinnteach gun tèid seo uile a dhèanamh ann an dòigh sheasmhach. Tha sinn gu h-àraidh ag amas air turasachd ath-ùrachail far a bheilear ag iarraidh gun tig buannachdan bho thurasachd do choimhearsnachdan ionadail agus nàdar.

“Bha e math dha-rìribh a bhith a’ bruidhinn ri daoine aig a’ cho-labhairt mu na cùisean seo agus a bhith a’ cluinntinn mu na dùbhlain a tha ro ghnìomhachas na turasachd air a’ Ghàidhealtachd ann an Alba agus mu mar a thathar a’ dèiligeadh ris na dùbhlain sin.”

Thuirt Chris Taylor, An Stiùiriche Ceannardais Sgìreil aig VisitScotland:

“Aig co-labhairt na bliadhna-sa, bha sinn ag iarraidh an taic agus am brosnachadh a bhios sinn a’ toirt dhan roinn a dhaingneachadh agus muinntir na co-labhairt a mhisneachadh gu bhith a’ gabhail ceum beag eile air thoiseach leis a’ ghnothachas aca.

“’S iomadh dòigh sa bheil Alba is Èirinn coltach ri chèile – seallaidhean eireachdail, cnuic is abhnaichean, coimhearsnachdan dùthchail agus dùbhlain is cothroman ceudna. Tha am fiosrachadh a thug Paddy dhuinn mu na Hidden Heartlands air sealladh ùr a thoirt dhuinn air mar as urrainn dhuinn am feum as motha a dhèanamh de na cothroman sin.

“Tha sinn fhathast a’ cur cuideam mòr air turasachd chunntachail is turasachd sheasmhach, le barrachd fianais is fiosrachaidh ann mar thaic do na turasan is seòrsaichean bathair sònraichte a tha luchd-tadhail ag iarraidh nuair a bhios iad a’ fuireach air a’ Ghàidhealtachd. Ge-tà, feumar coimhead air seo gu ciallach aig àm nuair a tha dùbhlain ann a thaobh chosgaisean.

“Faodaidh turasachd feum mòr a dhèanamh agus chithear buaidh na turasachd ann an iomadh raon taobh a-muigh a’ ghnìomhachais fhèin – tha buannachdan ann do ar n-eaconamaidh, do ar coimhearsnachdan agus do mhath dhaoine fhèin. Tha VisitScotland a’ brosnachadh atharraichean a chuidicheas le bhith a’ toirt fàs cùramach air gnìomhachas luachmhor turasachd is tachartasan na h-Alba, ann an dòigh sa bheilear a’ toirt spèis do dhaoine agus àiteachan.”

Thuirt an Comhairliche Coinneach Gowans, Cathraiche Comataidh Eaconamaidh is Bun-structair Comhairle na Gàidhealtachd:

“Tha luchd-tadhail a’ sireadh na tha ionadail agus miann aca a bhith a’ faighinn blasad fìor dhen Ghàidhealtachd. Leis a’ chultar bhrìoghmhor a th’ againn air a’ Ghàidhealtachd, na seallaidhean àlainn, Gàidhlig, am biadh agus na deochan, agus daoine is coimhearsnachdan togarrach is inntinneach, chan fhaighear nas fheàrr na th’ againne.

“Tha planadh ro-innleachdail, co-bhanntachdan com-pàirteach agus daoine lèirsinneach uile glè chudromach ma tha sinn airson dèanamh cinnteach gun gabh sinn na cothroman a th’ ann agus gun cùm sinn oirnn a’ soirbheachadh agus a’ toirt stiùireadh do ghnothachasan turasachd na Gàidhealtachd airson an ama ri teachd agus a rèir an amais nàiseanta a bhith nar dùthaich fìor tharraingeach do luchd-turais san 21mh linn.”

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Cho-labhairt Turasachd na Gàidhealtachd 2022, tadhlaibh air: https://visitscotland.eventsair.com/highland-tourism-conference-2022/

Save Download

Co-labhairt a’ cruthachadh cheanglaichean

Asset type post
ID 117838
Word count 1500 words

Licence

Licence Rights Managed - VS Editorial A Licence to use assets for editorial purposes, which is, to illustrate an event or story in an article but not commercially such as marketing a product or print ad. An Editorial asset may show a brand, a trademarked logo or product, a public personality, or recognisable people, without a signed release or with limited releases. When you use VisitScotland Editorial content you do so to illustrate Scottish tourism in a positive way.
Expiry No expiry date
Released
Usage Editorial content can be published in a variety of formats ranging from print or digital to online. In print content can be featured in *newspapers *magazines *brochures. Online content can be published in a *blog *website *article or *social media. Regardless of the format this content should always promote Scotland’s tourism in a positive way.

Tags