VisitScotland Business Events Travel Trade Corporate Media Toolkit

We use cookies

We use Cookies to improve your experience on this site.

You can accept our cookies policy or customise your choices.

Please refer to our Cookies Policy for more information.

Manage cookies settings

Fuasgladh a’ tighinn air an sgeulachd

Proxy

Bidh fèisean leabhraichean, turasan ciùil, na caractaran cartùn as fheàrr leinn agus seallaidhean ùra air a’ chultar agus dualchas againn, mar phàirt de phrògram air leth gus Bliadhna Sgeulachdan na h-Alba 2022 a chomharrachadh.

Chaidh prògram nàiseanta de chòrr is 60 tachartas a thèid a thoirt seachad le farsaingeachd de chom-pàirtichean bho bhuidhnean nàiseanta gu buidhnean coimhearsnachd fhoillseachadh an-diugh (14 Dùbhlachd 2021) mar chomharra air beairteas nan sgeulachdan a tha air am brosnachadh le, no sgrìobhte no air an cruthachadh ann an Alba. Thèid tachartasan a bharrachd a chur ris tro 2022 air fad.Chaidh am prògram a chur air dòigh còmhla ri bhidio sanasachd ùr anns a bheil guth rionnag Game of Thrones James Cosmo. Tha an cleasaiche a rugadh ann am Bruach Chluaidh, a tha ainmeil airson a bhith san t-sreath fantasaidh a bharrachd air grunn phrògraman film is TBh Albannach, a’ cleachdadh a thàlant air leth gus luchd-tadhail agus muinntir an àite a bhrosnachadh gus tursan a ghabhail ann an Alba agus gus Bliadhna nan Sgeulachdan a chomharrachadh.

Tòisichidh an sgeulachd eadar am Faoilleach agus sa Mhàirt le:

  • Bidh Celtic Connections ann an Glaschu a’ lìbhrigeadh ‘Whisper the Song’, sreath de chòig tachartasan ùra a tha a’ comharrachadh traidisean sgeulachdan làidir na h-Alba, le ceòl, òrain agus film cuideachd. 
  • Tha Once Upon a Time in South Ayrshire, a’ tòiseachadh le bhith a’ comharrachadh Burns agus an uair sin a’ cumail sreath de thachartasan is thaisbeanaidhean a bhios a’ ruith tron ​​bhliadhna.
  • Bidh Spectra - Fèis Solais na h-Alba - a’ tilleadh a dh’Obar Dheathain sa Ghearran, a’ comharrachadh àbhachdas, tomadachd agus dànachd sgeulachdan na h-Alba, nam measg ‘Writ Large’, a bhios a’ pròiseactadh rosg is bàrdachd nan sgeulaichean co-aimsireil as fheàrr na ann am pròiseactaidhean mòr agus neon.
  • Bidh StAnza, Fèis Bàrdachd Eadar-nàiseanta na h-Alba a’ toirt seachad Sgeulachdan mar àiteachan tòiseachaidh, a’ coimhead air an àite aig sgeulachdan ann am bàrdachd agus a’ toirt a-steach iomairt bàrdachd ùr nam Makar Òga. 
  • Bidh An Lanntair ann an Steòrnabhagh a’ lìbhrigeadh Seanchas, sreath de thachartasan, filmean agus coimiseanan sònraichte a’ comharrachadh sgeulachdan bho na h-Eileanan Siar - fìor is fionn-sgeul san latha an-diugh agus bho chionn fhada. 
  • Bidh Fèis Leabhraichean nan Crìochan a’ tilleadh gu Maol Rois le prògram sònraichte a’ comharrachadh agus a’ coimhead air sgeulachdan air cuspairean bho Walter Scott gu Tapastraidh Mòr na h-Alba;
  • Bidh pròiseact  Wire Women a’ tachairt mar phàirt de Bhliadhna nan Sgeulachdan ann am Peairt is Ceann Rois, le buidhnean coimhearsnachd, luchd-cruthachail agus buidhnean cultarach a’ co-roinn sgeulachdan bhoireannaich, agus iad uile co-cheangailte tro nithean ann an Taigh-tasgaidh Ùr Talla a’ Bhalla; 
  • A’ comharrachadh an 75mh ceann-bliadhna aige, bheir Fèis Film Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann Scotland’s Stories On Screen gu àiteachan inntinneach;
  • Bidh Dundee Summer (Bash) Street Festival a’ comharrachadh Dùn Dè mar dachaigh nan comaig, a’ comharrachadh a charactaran, sgeulachdan, eachdraidh agus tàlant ùr. Thèid a’ chathair-bhaile ainmeachadh mar BEANOTOWN, le taigh-tasgaidh comaig pop-up, bùithtean-obrach, òraidean, sgrìonaidhean film, spòrs air an t-sràid agus cothroman air clàran eadar-nàiseanta a bhriseadh.
  • Bidh Fèis Leabhraichean Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann, a tha ainmeil air feadh an t-saoghail, a’ taisbeanadh Scotland’s Stories Now– a’ dearbhadh gu bheil sgeulachd aig a h-uile duine ri innse le sgeulachdan a chaidh a chruinneachadh bho air feadh na dùthcha agus thèid a cho-roinn aig an tachartas ainmeil.
  • Anns an Eilean Sgitheanach, bidh SEALL agus an seinneadair Gàidhlig Anna Mhàrtainn a’ stiùireadh An Tinne, cruinneachadh de dh’òrain, sgeulachdan agus nithean bho air feadh nan linntean a tha a’ coimhead air a’ cheangail dhomhainn agus inntinneach eadar Alba agus Astràilia
  • Bidh Fèis Bàgh Inbhir Èireann ann am Moireibh a’ toirt seachad turas ionnsachaidh, a’ comharrachadh dualchas, cruth-tìre is muinntir na sgìre
  • Bidh Fèis Leabhraichean Wigtown ann am Baile Nàiseanta nan Leabhraichean a’ toirt dà choimisean seachad, Into the Nicht, turas Speuran Dorcha drùidhteach, agus Walter in Wonderland, turas dràmadach tro eachdraidh litreachais na nàisein
  • Tha Fèis Sgeulachdan a’ Chinn a Tuath, a tha air a stiùireadh le Ionad Ealain Lyth ann an Gallaibh gu bhith a’ comharrachadh sgeulachdan a’ Chinn a Tuath ann an dòigh air leth.
  • Bheir Transgressive North dhuinn Mapa de Sgeulachdan – ann an com-pàirteachas leis an Fhèis Sgeulachdan Eadar-nàiseanta - tachartasan ‘ceilidh film’ a’ comharrachadh nan guthan as suaicheanta à traidiseanan seanchais na h-Alba a bhios gar toirt do na h-àiteachas às an tàinig iad.
  • Thèid Sgeulachdan às a’ Chaisteal a chumail ann an Caisteal Shruighlea, tachartas oidhche a dh’fhosglas na dorsan do sgeulachdan gun samhail agus a bheir air turas tro chànan agus tìm thu. 
  • Bidh Scotland’s Stories – Community Campfires, air a stiùireadh le Urras Leabhraichean na h-Alba, a’ gabhail àite air feadh na dùthcha, a’ co-obrachadh le coimhearsnachdan agus a’ taisbeanadh sgeulachdan aig daoine bho am beathannan fhèin - a’ gabhail a-steach Luke Winter’s Story Wagon agus a’ tighinn gu crìch aig Seachdain nan Leabhraichean san t-Samhain.
  • Cumaidh Gàraidhean Lusan Dhùn Èideann, Beinn Mhòir, Logan agus Dawyck tachartas Of Scotland’s Soils and Soul- turas a bhios a’ brosnachadh nan ciad-fàthan agus a’ comharrachadh sgeulachdan co-cheangailte ri saoghal lusan eadar-mheasgte agus beartach na h-Alba.
  • Bidh Ionad Sgeulachdan na h-Alba agus Urras Cathair-bhaile Litreachais UNESCO Dhùn Èideann a’ toirt seachad Figures of Speech le daoine ainmeil agus tàlantan ùra a’ freagairt air na sgeulachdan suaicheanta againn agus a’ smaoineachadh orra às ùr, a’ brosnachadh còmhraidhean agus smaointean ùra.
  • Bheir an RSNO dhuinn Yoyo and the Little Auk, sgeulachd ùr a’ tha a’ comharrachadh nan cultaran eadar-mheasgte againn airson luchd-èisteachd sna Tràth-bhliadhnaichean le dealbhan beò agus cluich beò aig tachartasan agus fèisean air feadh na h-Alba.
  • Thèid Òrain bhon Duilleig mu Dheireadh bho Chamber Music Scotland a chumail aig fèisean leabhraichean, leabharlannan, agus àiteachan coimhearsnachd agus cruthaichidh iad òrain ùra bho na loidhnichean mu dheireadh san fhicsean as fheàrr leinn: a’ dèanamh toiseach tòiseachaidh de chrìch.

Bho 2022 bidh sreath ùr ann - prògram de thachartasan. Chaidh Maoin nan Sgeulachdan Coimhearsnachd a dhealbhadh gus taic a chumail ri buidhnean is comainn coimhearsnachd gus pàirt a ghabhail sa bhliadhna agus gus a comharrachadh, a’ taisbeanadh nan sgeulachdan sònraichte a tha cudromach dhaibh. Tha a’ mhaoin ga thoirt seachad ann an com-pàirteachas eadar VisitScotland agus Taighean-tasgaidh is Gailearaidhean Alba le taic bho Mhaoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta, taing do na daoine a bhios a’ cluich a’ Chrannchuir Nàiseanta.

Thèid taic a chumail ri mu 100 tachartasan tro Mhaoin nan Sgeulachdan Coimhearsnachd:
  • Ann an Weaving with words: the magic of Highland Storytelling at Hugh Miller’s Birthplace Museum bidh sreath de chuairtean sgeulachdan treòraichte ann an Cromba eadar an Giblean agus an Dàmhair, air am brosnachadh le beatha agus obair an eòlaiche-chreagan, neach beul-aithris agus neach-iomairt ceartas sòisealta bhon 19mh linn. 
  • Anns a’ Mhàrt thèid an sgeulachd shònraichte aig an Taigh Sear a cho-roinn ann an Mining seams and drawing wells: a living archive for Easterhouse, air a stiùireadh le Companaidh Ealain Ghlaschu an Ear le luchd-còmhnaidh ionadail.
  • Bidh A Yarn Worth Spinning air a stiùireadh le Tapastraidh Mòr na h-Alba ag innse sgeulachd mu eachdraidh agus cultar obair aodaich ann an Crìochan na h-Alba bhon Ghiblean chun Ògmhios, a’ gabhail a-steach taisbeanadh agus show fasain.
  • Bidh pròiseact tar-ghinealach air a stiùireadh le Companaidh Taigh-cluiche Catherine Wheels, A Yarn Worth Spinning, a’ tachairt san Lùnastal le gu leòr sgeulachdan, cuimhneachain agus ceòl. 
Thuirt Ministear a’ Chultair Jenny Gilruth

“Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil na sgeulachdan againn ann an Alba air an gleidheadh agus air an comharrachadh. Bidh rudeigin ann do gach duine ann an 2022 bho cuid de na tachartasan cultarach as motha den bhliadhna a bhios a’ gabhail àite aig fèisean Dhùn Èideann, gu fèisean beaga coimhearsnachd sna bailtean beaga againn.

“Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ comharrachadh nan tàlantan seanchais as fheàrr ann an Alba tro 2022 - rud a tha ro-chudromach airson ar ath-shlànachadh cultarach.”

Thuirt Malcolm Roughead, Àrd-oifigear VisitScotland:

“Tha sinn a’ toirt cuireadh dhan t-saoghal a dhol ​​a-steach do na saoghalan iongantach a chruthaicheas na sgeulachdan againn. Bho dhaoine shuaicheanta ann an litreachas gu sgeulachdan ionadail, brosnaichidh a’ bhliadhna muinntir an àite agus luchd-tadhail gus diofar ghuthan a chluinntinn, gus pàirt a ghabhail ann an tachartasan agus gus ionnsachadh mu na h-àiteachan, daoine is cultaran co-cheangailte ri gach seòrsa sgeulachd, san àm seo agus san àm ri teachd.

“Agus tha e cudromach ar guth a thogail mu na sgeulachdan ùra aig Alba nach deach innse fhathast.  Bidh Bliadhna nan Sgeulachdan 2022 a’ cur fòcas air tàlant ùr lèirsinneach a tha a’ tighinn am bàrr, a’ coimhead gu sònraichte air daoine tionnsgalach a bhriseas sìos crìochan thar gach seòrsa de sheanchas.

“Leis gu bheil an gnìomhachas turasachd is tachartasan luachmhor againn fhathast ag ath-thogail às dèidh buaidh galar lèir-sgaoilte COVID-19, bheir a’ bhliadhna seo dhuinn caibideil inntinneach ùr agus bheir e seachad deagh chothroman do luchd-ealain, luchd-cruthachail agus do luchd-èisteachd cuideachd.”

Thuirt an cleasaiche James Cosmo:

“Tha làn fhios agam fhèin air a’ bhuaidh a thug sgeulachdan ar nàisein air an t-saoghal agus mar sin, tha e mìorbhaileach gu bheil làn-bhliadhna gu bhith againn gu sònraichte airson a bhith a’ co-roinn sgeulachdan bho gach oisean de dh’Alba.

“Tha mi air mo dhòigh a bhith a’ faicinn mar a tha a’ bhliadhna a’ dol air adhart leis na tachartasan seo. Tha e cudromach gun inns sinn carson a tha sgeulachdan na h-Alba sa h-uile cruth, a’ dèanamh ar dùthcha cho sònraichte.”

Thèid tòrr a bharrachd tachartasan le com-pàirtichean a tha a’ comharrachadh cuspair na bliadhna a chur ris a’ phrògram anns na mìosan a tha romhainn.

Tòisichidh Bliadhna Sgeulachdan na h-Alba 2022 air 1 Faoilleach 2022 agus thig e gu crìch air 31 Dùbhlachd 2022.  Airson barrachd fiosrachaidh, faic: www.visitscotland.com/year-of-stories

Gabh pàirt sa chòmhradh aig #YS2022 agus #TalesOfScotland

Briog an seo gus blasad fhaighinn air Bliadhna Sgeulachdan na h-Alba 2022 (bhidio 1:19 mionaid).

Save Download

Fuasgladh a’ tighinn air an sgeulachd

Bidh Bliadhna Sgeulachdan na h-Alba 2022 ag innse seanchas na nàisein le tachartasan comharrachaidh air an ainmeachadh

Asset type post
ID 111659
Word count 2415 words

Licence

Licence Editorial A Licence to use assets for editorial purposes, which is, to illustrate an event or story in an article but not commercially such as marketing a product or print ad. An Editorial asset may show a brand, a trademarked logo or product, a public personality, or recognisable people, without a signed release or with limited releases. When you use VisitScotland Editorial content you do so to illustrate Scottish tourism in a positive way.
Expiry No expiry date
Released
Usage Editorial content can be published in a variety of formats ranging from print or digital to online. In print content can be featured in *newspapers *magazines *brochures. Online content can be published in a *blog *website *article or *social media. Regardless of the format this content should always promote Scotland’s tourism in a positive way.

Tags