VisitScotland Business Events Travel Trade Corporate Media Toolkit

We use cookies

We use Cookies to improve your experience on this site.

You can accept our cookies policy or customise your choices.

Please refer to our Cookies Policy for more information.

Manage cookies settings

VisitScotland a’ cur iomairt ùr air bhog gus turasachd ath-thòiseachadh ann an Alba

Proxy

Tha VisitScotland an-diugh (Diardaoin 25 Ògmhios) air ro-innleachd margaidheachd ùr ainmeachadh a bhios ag amas air turasachd ath-thòiseachadh agus gnìomhachasan ag amas air ceann-latha fosglaidh air 15 Iuchar.

Bidh an ro-innleachd, a bhios a’ gabhail a-steach sanasachd craolaidh agus didseataich ag amas air margaidh dachaigheil na h-Alba an toiseach, mus leudaich i chun a’ chòrr den RA agus e a’ gabhail a-steach gnìomhachd air ùrlaran siubhail mòr-chòrdte leithid TripAdvisor agus Expedia.

Tha luach de chòrr is £11.5 billean aig turasachd do dh’eaconamaidh na h-Alba, agus i a’ cumail taic ri 1 a-mach às gach 12 obraichean. Chaidh droch chron a dhèanamh air an roinn leis a’ ghalair lèir-sgaoilte Covid-19 agus leis a’ ghlasadh-sìos agus bacaidhean air siubhal a bh’ ann mar thoradh air seo. 

Tòisichidh an obair margaidheachd le ìre ‘ath-shuidheachaidh’ a’ cleachdadh mìosan saor-làithean na sgoile gus margaidheachd a dhèanamh do theaghlaichean, a’ brosnachadh nan diofar sheòrsaichean saor-làithean agus làithean air falbh air feadh na dùthcha agus a’ brosnachadh Albannaich a bhith a’ siubhal ann an Alba, ag iarraidh orra fìor eadar-dhealachadh a dhèanamh do ghnìomhachas na turasachd agus tlachd fhaighinn bho na tha air an stairsnich aca fhèin.

Bidh a’ phrìomh fhòcas aig an ro-innleachd, a tha ag amas air a’ mhargaidh ann an Alba, air film leis an teachdaireachd ‘Chan fheum sibh a dhol ro fhada’, a’ cur an cuimhne nan Albannach gu bheil tòrr ri fhaicinn aig baile a bheir deagh bhuaidh air an slàinte is sunnd às dèidh dhaibh a bhith aig an taigh fad greis, agus gun dèan seo diofar mòr do dh’Alba. Bidh am film a’ coimhead air earrainnean de ghnìomhachas na turasachd bho air feadh na dùthcha, a’ riochdachadh nan diofar roinnean a’ gabhail a-steach ionadan luchd-siubhail, gnìomhachdan, biadh is deoch is àiteachan-còmhnaidh.

Tha an ro-innleachd a’ stèidheachadh dòigh-obrach ceum air cheum gus dèanamh cinnteach nach bi coimhearsnachdan, anns a bheil turasachd cudromach, a’ faighinn cus luchd-tadhail gu h-obann, agus aig an aon àm a tha a’ cur gnìomhachas na turasachd air a chasan a-rithist.   Nuair a bhios e iomchaidh, tòisichidh ceuman eile san iomairt gus Alba a bhrosnachadh air feadh na RA agus na h-Èireann agus gus dèanamh cinnteach gun cuimhnichear air Alba as t-foghar agus sa gheamhradh cuideachd.  Bidh leudachadh seusan na turasachd na phrìomh phàirt den dòigh-obrach seo.

Thuirt Stiùiriche Margaidheachd VisitScotland, Vicki Miller:Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ brosnachadh Albannaich gus an dùthaich aca fhèin a lorg às ùr, a’ toirt taic do ghnìomhachasan agus iad ag ullachadh airson nan atharrachaidhean a dh’fheumas a bhith ann sna dòighean obrach aca agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil coimhearsnachdan a’ faireachdainn comhfhurtail agus comasach fàilte a chur air luchd-tadhail ann an dòigh shàbhailte.  “Cha bhi an aon dòigh-obrach freagarrach airson a h-uile àite, ge-tà, agus feumaidh sinn gluasad aig astar a bhios iomchaidh airson gach pàirt de dh’Alba, a’ crochadh air deamografaig gach sgìre agus mar a thug an galar mòr-sgaoilte buaidh orra.”Thuirt Rùnaire na Turasachd, Fearghas Ewing:“Le bhith a’ gabhail nan ciad ceumannan beaga air slighe turasachd na h-Alba a-rithist, is urrainn dhuinn uile tòiseachadh air tlachd fhaighinn às na buannachdan uile a tha an dùthaich iongantach againn a’ tabhann - is fios againn gum bi sinn a’ cuideachadh chan e a-mhàin ar sunnd fhèin, ach sunnd roinn na turasachd againn.”
Save Download

VisitScotland a’ cur iomairt ùr air bhog gus turasachd ath-thòiseachadh ann an Alba

Tha VisitScotland an-diugh (Diardaoin 25 Ògmhios) air ro-innleachd margaidheachd ùr ainmeachadh a bhios ag amas air turasachd ath-thòiseachadh agus gnìomhachasan ag amas air ceann-latha fosglaidh air 15 Iuchar.

Asset type post
ID 111639
Word count 825 words

Licence

Licence Editorial A Licence to use assets for editorial purposes, which is, to illustrate an event or story in an article but not commercially such as marketing a product or print ad. An Editorial asset may show a brand, a trademarked logo or product, a public personality, or recognisable people, without a signed release or with limited releases. When you use VisitScotland Editorial content you do so to illustrate Scottish tourism in a positive way.
Expiry No expiry date
Released
Usage Editorial content can be published in a variety of formats ranging from print or digital to online. In print content can be featured in *newspapers *magazines *brochures. Online content can be published in a *blog *website *article or *social media. Regardless of the format this content should always promote Scotland’s tourism in a positive way.

Tags