Cuireadh cruinneil gus Eòlas a chur air Alba

Proxy

Faodaidh gnìomhachasan turasachd is tachartasan* an t-àite aca a ghlèidheadh ​​gus ceangal a dhèanamh ri luchd-turais agus riochdairean siubhail bho phrìomh mhargaidhean eadar-nàiseanta an ath-bhliadhna.

Bidh clàradh fosgailte airson an tachartas bhiortail aig Buidheann Nàiseanta na Turasachd Discover Scotland: Reconnect 2022 a’ fosgladh air 1 Dùbhlachd, a’  cruthachadh cothrom air leth do ghnìomhachasan na h-Alba a bhith a’ brosnachadh Alba mar cheann-uidhe agus gus am bathar aca a thaisbeanadh.

Tha an cunntas-beachd as ùire aig choinsiumairean a’ sealltainn gu bheil turasachd cunntachail cudromach do mhòran luchd-siubhail air feadh an t-saoghail, le faisg air dà thrian de luchd-tadhail ag ràdh gun robh iad a’ beachdachadh air seasmhachd agus buaidh àrainneachdail nuair a bhios iad a’ planadh saor-làithean san àm ri teachd. Bha an fheadhainn a bha ag ràdh gun robh iad cofhurtail a’ cleachdadh còmhdhail phoblach taobh a-staigh a’ chinn-uidhe, mar eisimpleir, air a dhol suas 10% gu 61%, eadar an Dùbhlachd 2020 agus an t-Sultain 2021.[i]

Bidh program nan tachartas bhiortail aig VisitScotland a’ gabhail àite air 5-7 Giblean 2022 agus bidh measgachadh de choinneamhan ro-chlàraichte agus coinneamhan ad hoc eadar luchd-taisbeanaidh Albannach agus luchd-ceannaich eadar-nàiseanta, susbaint air iarrtas agus susbaint bhiortail ann.

Bidh fòcas aig an tachartas air leasachadh bathair cunntachail ùr le bhith a’ leigeil le gnìomhachasan na h-Alba an dealas a thaisbeanadh gus Alba a dhèanamh na phrìomh cheann-uidhe airson turasachd sheasmhach, ruigsinneach agus in-ghabhalach.

Gus cur ris an fhòcas seo, bidh prògram an tachartais a’ gabhail a-steach còmhraidhean pannail bùird-cruinn - a’ bruidhinn mu na cothroman agus na dùbhlain a tha an lùib turasachd chunntachail, a’ brosnachadh bathar seasmhach agus a’ brosnachadh leasachadh bathair cunntachail.

Bidh an tachartas bhiortail freagarrach airson diofar roinnean-tìde, is mar sin, bidh coinneamhan gnìomhachais le luchd-ceannaich bho mhargaidhean eadar-nàiseanta gu math ruigsinneach.

Tha luchd-tadhail eadar-nàiseanta fìor chudromach do thurasachd na h-Alba agus ann an 2019, chuir luchd-tadhail eadar-nàiseanta còrr is 3.5 millean oidhche seachad ann an Alba, a’ cosg £2.5 billean, sin 43% den airgead air fad a chaidh a chosg air cuid-oidhche ann an Alba.

Thuirt Malcolm Roughead, Àrd-oifigear VisitScotland:

A-rithist, bidh turasachd na h-Alba nas soirbheachaile aig an ìre chruinneil na bhiodhte an dùil bho dhùthaich de a meud agus feumaidh sinn an cliù seo a chleachdadh gus tasgadh ùr, tachartasan ùra, slighean adhair ùra agus luchd-tadhail ùra a thoirt a-steach gus cuideachadh le ath-shlànachadh is fàs a’ ghnìomhachais às dèidh buaidh a’ ghalair lèir-sgaoilte.

Tha turasachd adhartach agus tha e a’ dèanamh Alba nas beartaiche gu h-eaconamach agus gu sòisealta, agus às a h-aonais, bhiodh Alba tòrr na bu bhochda.””

*Bu chòir gnìomhachasan a dhol gu www.visitscotland.com/discoverscotland 

agus sùil a thoirt air na ceistean cumanta nuair a tha iad a’  beachdachadh air clàradh, no faodaidh iad fios a chur gu discoverscotland@visitscotland.com gus bruidhinn air ion-roghnachd agus cothroman leasachaidh eile.

 

[i]Cunntas-fhaireachdainn air beachdan air COVID aig daoine a tha a’ beachdachadh air tighinn a-steach dhan dùthaich, VisitBritain ann an com-pàirteachas le Visit Wales, VisitScotland agus London & Partners, Ìrean 1-3 Dùbhlachd 2020 gu Sultain 2021https://www.visitbritain.org/inbound-covid-19-sentiment-tracker 

Download

Cuireadh cruinneil gus Eòlas a chur air Alba

Faodaidh gnìomhachasan turasachd clàradh airson tachartas bhiortail VisitScotland a-nis

Asset type post
ID 111632
Word count 673 words

Licence

Licence Editorial A Licence to use assets for editorial purposes, which is, to illustrate an event or story in an article but not commercially such as marketing a product or print ad. An Editorial asset may show a brand, a trademarked logo or product, a public personality, or recognisable people, without a signed release or with limited releases. When you use VisitScotland Editorial content you do so to illustrate Scottish tourism in a positive way.
Expiry No expiry date
Release date
Added at
Updated at:
Usage Editorial content can be published in a variety of formats ranging from print or digital to online. In print content can be featured in *newspapers *magazines *brochures. Online content can be published in a *blog *website *article or *social media. Regardless of the format this content should always promote Scotland’s tourism in a positive way.

Tags