Wir verwenden Cookies
Wir verwenden Cookies, um Ihre Erfahrung auf dieser Website zu verbessern.
Sie können unsere Cookie-Richtlinie akzeptieren oder Ihre Auswahl anpassen.
Bitte lesen Sie unsere Cookie-Richtlinie für weitere Informationen.
Agus turasachd ag ullachadh gus fosgladh a-rithist agus lasachadh a’ tighinn air cuingealachaidhean COVID-19, tha VisitScotland ag iarraidh air Albannaich tighinn còmhla gus taic a chumail ris an roinn, a’ cumail taic ri a h-ath-bheothachadh eaconamach tro shaor-làithean goirid, làithean a-muigh agus saor-làithean san dachaigh ann an Alba.
Le planadh agus rannsachadh mar phàirt chudromach de shaor-làithean às dèidh a’ ghalair lèir-sgaoilte, tha a’ bhuidheann turasachd nàiseanta cuideachd a’ cur an cuimhne luchd-tadhail cho cudromach ’s a tha e ‘a bhith fiosraichte mus falbh thu’.
Thuirt Malcolm Roughhead, Àrd-oifigear VisitScotland“Leis an taic cheart is urrainn turasachd agus tachartasan ath-bheothachadh eaconamach a stiùireadh agus in-tasgadh a bhrosnachadh far a bheil am feum as motha air, ach gus sin a dhèanamh feumaidh an gnìomhachas taic fhaighinn bho na daoine a tha a’ fuireach ann an Alba an toiseach.
“Tha mòran ghnìomhachasan a’ fosgladh a-rithist às dèidh mìosan gun mhalairt sam bith agus le dùil gum bi fèill mhòr air làithean-saora san dachaigh a-rithist am-bliadhna tha fìor chothrom ann dhuinn uile tighinn còmhla gus ar taic a nochdadh airson turasachd ionadail. Tha mi a’ cur ìmpidh air a h-uile duine, far a bheil e iomchaidh agus a rèir an stiùiridh, tadhal air taighean-bìdh a tha a’ còrdadh riutha, a bhith a’ tadhal air àiteachan turasachd, oidhche air falbh a chur air dòigh, a’ toirt an teaghlaich air falbh air latha a-muigh, a’ lorg àite am badeigin ùr agus a dhol air làithean saora ann an Alba am-bliadhna. Is ann dìreach leis an taic seo as urrainn dhuinn tòiseachadh air turasachd a chuideachadh gus ath-bheothachadh.
“Tha fòcas VisitScotland air ath-bheothachadh a’ ghnìomhachais, a’ togail ceann-uidhe agus gnàth-eòlas luchd-tadhail a leigeas le turasachd agus tachartasan soirbheachadh san latha an-diugh agus san àm ri teachd. Leanaidh sinn oirnn ag obair le, agus a’ toirt taic do ghnìomhachasan gus dèanamh cinnteach gun tèid a’ phàirt ro-chudromach de dh’eaconamaidh na h-Alba ath-thogail.
“Tron mhargaidheachd againn, tro na meadhanan sòisealta agus tro lìonra nan iCentre againn, cumaidh sinn oirnn a’ brosnachadh agus a’ toirt fiosrachadh do luchd-tadhail mu mar a bheir iad urram agus dìon do dh’Alba agus mar a gheibh i tlachd aiste agus às a h-uile càil a th’ aice ri thabhann. Tha sinn gu mòr airson ’s gun lean luchd-tadhail a’ chomhairle ‘bidh fiosraichte mus falbh thu’ nuair a tha iad gu bhith a’ siubhal; a’ faighinn a-mach agus a’ clàradh ro-làimh ma bhios feum air sin. “Le bhith a’ leantainn na comhairle seo agus sinn uile ag obair còmhla, is urrainn dhuinn piseach a thoirt air turasachd na h-Alba ann an dòigh shàbhailte agus chiallach. ”
“Tha turasachd adhartach - a’ cruthachadh luach eaconamach is sòisealta anns gach ceàrnaidh de dh’Alba agus a’ cur ri sunnd gach neach a bhios a’ gabhail pàirt ann. Tha Alba nas beairtiche gu h-eaconamach agus gu sòisealta mar thoradh air turasachd, agus às a h-aonais, bhiodh Alba tòrr na bu bhochda.”
Airson barrachd fiosrachaidh, faic: www.visitscotland.org
Tha VisitScotland a’ cur iompaidh air Albannaich ‘tighinn còmhla gus taic a thoirt’ agus an gnìomhachas a’ fosgladh a-rithist