VisitScotland Business Events Travel Trade Corporate Media Toolkit

We use cookies

We use Cookies to improve your experience on this site.

You can accept our cookies policy or customise your choices.

Please refer to our Cookies Policy for more information.

Manage cookies settings

Turasachd ag ath-cheangal ris an t-saoghal

Proxy

 Tha VisitScotland gu bhith a’ ceangal chompanaidhean turasachd ann an Innse Gall le companaidhean tursan agus riochdairean siubhail bho air feadh an t-saoghail tro thachartas bhiortail ùr-ghnàthach.

Tha còrr is 280 gnìomhachas Albannach gu bhith a’ taisbeanadh gu bhiortail aig Scotland Reconnect 2021 aig VisitScotland, eadar 27-29 Giblean, a tha ag amas air ceangal a thogail agus obair gnothachais a dhèanamh le timcheall air 330 companaidh turais agus riochdair siubhail bho air feadh an t-saoghail.

Bidh an tachartas bùth-obrach air-loidhne seo do gnìomhachas na turasachd a’ brosnachadh Alba agus a’ toirt cothrom do ghnìomhachasan na h-Alba ceangal a dhèanamh ri ceannaichean ann am margaidhean eadar-nàiseanta cudromach, gus luchd-tadhail a thàladh agus cuideachadh gus gnìomhachas turasachd na dùthcha ath-thogail às dèidh galar lèir-sgaoilte Covid-19.

Ann an 2019, chuir luchd-tadhail eadar-nàiseanta còrr is 3.5 millean oidhche seachad ann an Alba, a’ cosg £2.5 billean, sin 43% den airgead air fad a chaidh a chosg air cuid-oidhche[i]. Bha àireamhan an luchd-siubhail a’ tighinn a-steach dhan RA san Iuchair 2020 89% nas lugha, aig 1.3 luchd-siubhail a’ tighinn a-steach, sìos bho 11.1 millean san Iuchair 2019.[ii]

Tha gnìomhachasan na turasachd, Cala Hotels agus Hebridean Adventures, air clàradh airson SR2021 agus bidh iad a’ taisbeanadh nan seirbheisean turasachd aca dhan t-saoghal..Dh’ainmich Hebridean Adventures, companaidhean stèidhichte ann an Steòrnabhagh a ruitheas tursan-mara speisealach airson coimhead air mucan-mara, leumadairean agus fiadh-bheatha gu bheil iad gu bhith nan Com-pàirtiche Carthannais oifigeil do dh’Urras Mhuc-mara nan Eilean (HWDT) bhon t-seusan seo air adhart. Cumaidh e taic ri obair glèidhteachais HWDT cuideachd tro thuras mara bliadhnail ùr gus airgead a thogail (tha e air reic a-mach mar-thà airson an Iuchair 2021 ach thathar a’ clàradh airson 2022 a-nis).

Anns a’ chiad tachartas Scotland Reconnect san t-Samhain an-uiridh bha 5,000 coinneamh ann agus am-bliadhna, bidh ceannaichean bho 26 dùthchannan an làthair, nam measg na Stàitean Aonaichte, Canada, a’ Ghearmailt, an Fhraing, an Eadailt, an Spàinn, an Òlaind, Lochlann, Astràilia, Brasil agus an Ear-Mheadhanach, a bharrachd air companaidhean turasachd a-steach stèidhichte ann an Lunnainn a tha a’ riochdachadh nam margaidhean Iapanach agus Sìneach.  

Bidh riochdairean a’ gabhail pàirt ann an coinneamhan aghaidh-ri-aghaidh, a bharrachd air còmhraidhean bùird cruinn air na cùisean as ùire a tha a’ toirt buaidh air siubhal agus turasachd na cruinne. Bidh cothrom ann cluinntinn mu thairgsean turasachd ùr, gluasadan mar agritourism agus turasachd dànachd agus cluinntinn mu mar a tha VisitScotland a’ gluasad a dh’ionnsaigh turasachd chiallach. 

Bidh còmhradh ann eadar Denise Hill, Ceannard Ceangail VisitScotland, agus Tom Jenkins, Ceannard Comann Companaidhean Turais na h-Eòrpa; agus Joss Croft, Ceannard comann malairt UKinbound, gus beachdachadh air siubhal cruinneil san àm ri teachd. Agus bidh sùil air adhart ri Bliadhna Sgeulachdan na h-Alba ann an 2022, a bhios a’ taisbeanadh litreachas, seanchas, fionn-sgeulan agus beul-aithris na dùthcha.

Leis gu bheil co-obrachadh agus tar-reic deatamach ann a bhith a’ leasachadh na tairgse turasachd as fheàrr, bidh seisean lìonraidh sònraichte ann do ghnìomhachasan na h-Alba air an latha ron tachartas, gus leigeil le gnìomhachasan ceangal ri chèile aon ri aon ann an dòigh neo-fhoirmeil.

Tha tachartasan a’ gabhail a-steach taisbeanadh siubhail Expo bliadhnail VisitScotland agus prògraman de mhiseanan leasachadh gnìomhachais air a bhith nan àrd-ùrlaran ro-chudromach airson nan ceanglaichean sin a thogail bho chionn fhada. Bha e do-dhèanta na tachartasan sin a chumail mar thoradh air Covid-19 is mar sin chaidh àrd-ùrlaran didseatach ùra mar Reconnect a chruthachadh. 

A bharrachd air a bhith a’ cur timcheall air 5,000 coinneamh gnìomhachais an comas, bidh tachartasan bhiortail ann, a’ sealltainn dè as urrainn do dh’Alba a thabhann do luchd-ceannach, nam measg bidh Taigh-staile Deanston, The Real Mary King’s Close, Kitchen Coos & Ewes agus Once Upon a Whisky / Glasgow Distillery. 

Thuirt Chris Taylor, Stiùiriche Ceannardais Roinneil VisitScotland:

“Tha an 12 mhìos a dh’fhalbh air a bhith gu math dùbhlanach dhan h-uile duine, ach bha mòran dhaoine às an sgìre air an tachartas tòiseachaidh san t-Samhain agus bha na fhuaireadh de bheachdan air ais gu math fàbharach. 

“Tha iarrtas a’ fàs air feadh an t-saoghail agus tha ùidh gu math làidir aig daoine sa Ghàidhealtachd. “Tha gnìomhachasan na turasachd air a’ Ghàidhealtachd deiseil is deònach fàilte chridheil a thoirt air an luchd-tadhail eadar-nàiseanta againn a-rithist nuair a bhios an t-àm ceart.

Tha turasachd na h-Alba nas soirbheachaile aig an ìre chruinneil na bhiodhte an dùil bho dhùthaich de a meud agus feumaidh sinn an cliù seo a chleachdadh gus tasgadh ùr, tachartasan ùra, companaidhean-adhair ùra agus luchd-tadhail ùra a thoirt a-steach aon uair is gun urrainn do luchd-tadhail siubhal gu saor a-rithist ann an 2021/22. 

“Gus am bi e comasach Expo a chumail a-rithist gu sàbhailte, tha Scotland Reconnect na dheagh dhòigh gus aire dhaoine a chumail air Alba.”. 

Thuirt Paul Sharman, Manaidsear Leasachaidh Gnìomhachais aig Hebridean Adventures:

“Tha a bhith a’ leantainn air adhart leis an t-seòrsa tachartais seo fiù ’s nuair nach urrainn dhuinn coinneachadh aghaidh ri aghaidh cho cudromach dhuinn mar ghnìomhachas. 

“Le bhith a’ faighinn cothrom ceangal a dhèanamh ri companaidhean siubhail san RA agus thall thairis, is urrainn dhuinn com-pàirteachasan ùra a thogail a chuidicheas sinn le bhith a’ lìonadh nan tursan-mara againn airson nan seusanan a tha romhainn, agus gus luchd-tadhail a thàladh gu Innse Gall far am faigh an eaconamaidh air fad buannachd.

“Bha e doirbh dhuinn uile às dèidh dhuinn a bhith a’ call seusan 2020 cha mhòr gu lèir agus le toiseach anmoch ann an 2021. Ach, tha e ro-chudromach gun urrainn dhuinn coimhead air adhart ri clàraidhean ann an 2022 agus nas fhaide air adhart gus dèanamh cinnteach gum faigh na gnìomhachasan againn air ais dhan àbhaist mu dheireadh thall agus gun urrainn dhuinn soirbheachadh a-rithist. 

“Tha cuid de na cothroman as fheàrr san Roinn Eòrpa a bhith a’ coimhead air mucan-mara agus leumadairean dìreach air an stairsnich againn fhèin ann an Steòrnabhagh agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri seo a thaisbeanadh do chompanaidhean turais bho air feadh an t-saoghail.”

Thuirt Coinneach MacCoinnich, Àrd-oifigear Cala Hotels:

“Tha an tachartas bhiortail seo a’ toirt deagh chothrom dhuinn an dà chuid a dhèanamh. Tha luchd-ceannach aig tachartas na bliadhna seo air ùidh mhòr a nochdadh annainn agus tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri còmhraidhean na h-ath sheachdain.” 

Airson barrachd fiosrachaidh mu fhreagairt VisitScotland do ghalar lèir-sgaoilte Covid-19, rach gu https://www.visitscotland.org/supporting-your-business/advice/coronavirus

[i] Key Facts on Tourism in Scotland 2019 le Roinn na Lèirsinn aig VisitScotland, air fhoillseachadh san t-Samhain 2020 Key Facts on Tourism in Scotland 2019 (visitscotland.org) Dàta API Statistics relating to passenger arrivals since the COVID-19 outbreak, August 2020 - GOV.UK (www.gov.uk)

Save Download

Turasachd ag ath-cheangal ris an t-saoghal

Tha gnothachasan roinneil gu bhith a’ gabhail pàirt ann an tachartas air-loidhne do ghnìomhachas an t-siubhail gus ullachadh airson ath-thilleadh luchd-tadhail eadar-nàiseanta

Asset type post
ID 111623
Word count 1467 words

Licence

Licence Editorial A Licence to use assets for editorial purposes, which is, to illustrate an event or story in an article but not commercially such as marketing a product or print ad. An Editorial asset may show a brand, a trademarked logo or product, a public personality, or recognisable people, without a signed release or with limited releases. When you use VisitScotland Editorial content you do so to illustrate Scottish tourism in a positive way.
Expiry No expiry date
Released
Usage Editorial content can be published in a variety of formats ranging from print or digital to online. In print content can be featured in *newspapers *magazines *brochures. Online content can be published in a *blog *website *article or *social media. Regardless of the format this content should always promote Scotland’s tourism in a positive way.

Tags