Discover Scotland 2022

Proxy

Tha VisitScotland a’ cur air bhog àrd-ùrlar do ghnìomhachais an t-siubhail a leigeas le gnìomhachasan na h-Alba ceangal a dhèanamh ri prìomh luchd-ceannach bho air feadh na cruinne a dh’aindeoin dhùbhlain COVID-19.

Tha Discover Scotland 2022 na shreath thachartasan ùra anns a bheil tachartas gniomhachas-ri-gnìomhachas air-loidhne agus còig taisbeanaidhean sgìreil.

Bidh Discover Scotland: Reconnect 2020 a’ tachairt air-loidhne air 5-7 Giblean 2022.

Thèid na còig taisbeanaidhean sgìreil air a bheil Discover Scotland: Live Showcase, a chumail an uair sinn sa Chèitean agus san t-Sultain 2022.

Còmhla, brosnaichidh na tachartasan seo gnìomhachasan turasachd na h-Alba do phrìomh luchd-ceannach eadar-nàiseanta ann an Alba.

Ann an 2022, thèid a chumail an àite an tachartais bhliadhnail fhad-sheasmhaich VisitScotland Expo le cruth ùr air a dhealbhadh gus dùbhlain a’ ghalair lèir-sgaoilte a lasachadh, gus togail air soirbheachas Scotland Reconnect 20/21 agus gus fàilte a chur air luchd-ceannaich eadar-nàiseanta a thighinn air ais dh’Alba le taisbeanaidhean sgìreil.

Cumaidh Discover Scotland 2022 taic cuideachd ri gealltanas VisitScotland gus an dùthaich a dhèanamh na phrìomh cheann-uidhe airson turasachd chiallach le bhith a’ taisbeanadh bathairean turasachd seasmhach ùra agus làithreach do phrìomh luchd-ceannach eadar-nàiseanta agus san RA gu dìreach.

Mar phàirt de Tourism Declares, tha a’ bhuidheann turasachd nàiseanta air aimneachadh gu poblach gum bi prìomh phàirt aige ann a bhith a’ cur air adhart Alba mar àite turasachd a tha air a h-aithneachadh air feadh an t-saoghail airson turasachd chiallach.

Bhon uair sin, tha VisitScotland air a bhith ag obair le gnìomhachas turasachd agus tachartasan na h-Alba gus ceann-uidhe turasachd seasmhach a chruthachadh a bheir dìon dhan àrainneachd nàdarra agus chultaraich agus a bheir buannachd an dà chuid do luchd-tadhail agus do mhuinntir an àite.

Tha Discover Scotland 2022 a’ leigeil le VisitScotland roghainn chosg-èifeachdach a chur an comas do ghnìomhachasan a tha a’ gabhail pàirt gus ceangal a dhèanamh, planadh air adhart agus gnìomhachas a dhèanamh air-loidhne agus gu pearsanta le luchd-ceannaich - agus is dòcha cuideachd a bhith ag ionnsachadh mun tairgse turasachd chiallach sgìreil dhaibh fhèin.

Thuirt Malcolm Roughhead, Àrd-oifigear VisitScotland:

“Tha sinn air obrachadh le riochdairean gnìomhachas na turasachd gus dèanamh cinnteach gu bheil am prògram seo do ghnìomhachas na turasachd a rèir nam feumalachdan aca ann an 2022 agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil e comasach ceangal a dhèanamh ri ceannaichean eadar-nàiseanta - tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ lìbhrigeadh seo.

“Tha sinn a’ toirt làn thaic do ghnìomhachas turasachd na h-Alba agus tha sinn dealasach a thaobh a bhith a’ cuideachadh ghnìomhachasan gus ath-shlànachadh às dèidh COVID-19, a’ toirt chothroman dhaibh a bhith a’ conaltradh le gnìomhachasan turais agus riochdairean siubhail bho air feadh an t-saoghail, an dà chuid air-loidhne agus san àite.

“Tha na dùbhlain an lùib a’ ghalair lèir-sgaoilte air cothrom a thoirt dhuinn ath-bheachdachadh a dhèanamh air mar a bhios sinn a’ lìbhrigeadh thachartasan; Chaidh Discover Scotland a dhealbhadh gus coinneachadh ri feumalachdan gnìomhachas na turasachd ann an 2022 agus gus dèanamh cinnteach gum bi e comasach ceangal a dhèanamh le luchd-ceannaich tro phrògram gnìomhachd ùr.

“Tha an luchd-tadhail eadar-nàiseanta againn air leth cudromach airson turasachd na h-Alba agus chùm sinn oirnn a’ conaltradh leis na margaidhean sin gu bhiortail aig àm a’ ghalar lèir-sgaoilte, a’ brosnachadh luchd-tadhail gu bhith “ag aisling an-dràsta, a’ siubhal a-rithist. ”

Chaidh Scotland Reconnect a chumail air-loidhne san t-Samhain 2020 agus chaidh seo a dhèanamh gu soirbheachail a-rithist sa Ghiblean 2021 mar dhòigh èifeachdach gus tachartasan a chumail an àite tachartasan beò aig àm a’ ghalair lèir-sgaoilte.

Chaidh còrr is 7,000 coinneamh gnìomhachais a chumail thairis air na trì làithean a bha air an cur air dòigh ro làimh.

Sa Ghiblean 2022, tha VisitScotland an dùil gum bi 300 luchd-ceannaich an làthair gu bhiortail bho chòrr is 20 margaidh agus le còrr is 300 solaraichean Albannach an làthair.

Airson barrachd fiosrachaidh, faic: [weblink]

AN DEIREADH

 Airson barrachd fiosrachaidh, cuir fios gu:

(Diluain-Diardaoin)

Kim Walton

Oifigear Corporra Sgìreil nam Meadhanan

Fòn:

(01224) 269187

Fòn-làimhe:

07805  802 508

kim.walton@visitscotland.com 

(Dihaoine)

Amelia Whittaker

Manaidsear Corporra nam Meadhanan - Roinneil

Fòn:

(01750) 723806

amelia.whittaker@visitscotland.com

Nòtaichean dhan luchd-deasachaidh  

·       Lean air Twitter sinn: @visitscotnews

·       ’S e VisitScotland buidheann turasachd nàiseanta na h-Alba.

·       ’S e am prìomh-adhbhar aige buannachdan eaconamach a chur an làn-mheud do thurasachd na h-Alba.

·       Is e prìomh amas na buidhne cur ri Scotland Outlook 2030, an t-amas ro-innleachd turasachd nàiseanta a bhith a’ cur air adhart clàr turasachd seasmhach agus ciallach.

·       Bidh seo stèidhichte air còig ro-innleachdan mòra:

·       Margaideachd, Tachartasan, Càileachd is Seasmhachd, Turasachd In-ghabhaltach, Com-pàirteachadh Eadar-nàiseanta.

·       Tha na chosgas luchd-turais ann an Alba a’ cruthachadh mu £12 billean de ghnìomhachd eaconamach air feadh sèineachan-solair na h-Alba agus cuiridh e mu £6 billeanan ri làn-thoradh dùthchail na h-Alba (ann am bun-phrìsean).

·       Airson brathan-naidheachd VisitScotland, tadhail air http://www.visitscotland.org/media_centre.aspx, airson stadastaireachd is ceistean cumanta, http://www.visitscotland.org/

·       Ma nithear iarrtas agus ma ghabhas a chur air dòigh, bidh neach-labhairt Gàidhlig againn airson agallamhan craolaidh.

·       Airson fiosrachadh mu làithean-saora ann an Alba, tadhail air www.visitscotland.com

·       Airson fiosrachadh mu ghnìomhachas na turasachd ann an Alba, tadhail air businessevents.visitscotland.com

YCW20/21

·       Thèid Cladaichean is Uisgeachan h-Alba a chomharrachadh tro 2020 agus 2021 le prògram de ghnìomhan a chaidh a dhealbhadh gus taic a chumail ri roinnean turasachd agus tachartasan na h-Alba.

·       Às dèidh beachdan is ais-eòlas bho ghnìomhachas na turasachd is nan tachartasan, bha taic làidir ann gus a’ bhliadhna comharrachaidh a ghluasad air adhart gu 2021 agus dh’aontaich Riaghaltas na h-Alba ri sin a dhèanamh.

·       Tha obair a’ dol air adhart an-dràsta gus am prògram de thachartasan le taic ath-dhealbhadh agus gus cruth ùr a chur air.

·       Bidh a’ bhliadhna, air a stiùireadh le VisitScotland a’ cumail suas agus a’ togail air na Bliadhnaichean Cuspaireil a bh’ ann an Alba roimhe gus na cothroman a th’ ann eòlas fhaighinn air, agus tlachd fhaighinn à, Cladaichean is Uisgeachan air leth na h-Alba a thaisbeanadh, a chomharrachadh agus a chur air adhart, agus a bhith a’ brosnachadh com-pàirteachadh ciallach bho mhuinntir na h-Alba agus bho luchd-tadhail.

·       Cuiridh prògram de ghnìomhan, tachartasan agus beachdan, fòcas air a’ bhuaidh a bh’ aig na h-uisgeachan againn air Alba, bho bhith a’ cruthachadh feartan nàdarra àlainn gu bhith a’ cruthachadh na dighe nàiseanta againn - uisge-beatha.

·       Gabh pàirt anns a’ chòmhradh leis an taga #YCW2021

·       Às dèidh co-chomhairle leis a’ ghnìomhachas, thathar a’ planadh gum bi na Bliadhnaichean Cuspaireil a-nis a’ tachairt gach dàrna bliadhna gus am bi barrachd tìde ann airson planadh agus co-obrachadh.

·       Mar thoradh air buaidh COVID-19, bidh 2021 eadar-dhealaichte, le còmharrachaidhean 2020 air an gluasad air adhart.

·       Ann ann 2022, bithear a’ comharrachadh Bliadhna Sgeulachdan na h-Alba.

·       Bidh an ath bhliadhna cuspaireil ann an uair sin ann an 2024.Follow us on twitter: @visitscotnews

 

Download

Discover Scotland 2022

VisitScotland a’ foillseachadh prògram malairt ùr

Asset type post
ID 111594
Word count 1540 words

Licence

Licence Editorial A Licence to use assets for editorial purposes, which is, to illustrate an event or story in an article but not commercially such as marketing a product or print ad. An Editorial asset may show a brand, a trademarked logo or product, a public personality, or recognisable people, without a signed release or with limited releases. When you use VisitScotland Editorial content you do so to illustrate Scottish tourism in a positive way.
Expiry No expiry date
Release date
Added at
Updated at:
Usage Editorial content can be published in a variety of formats ranging from print or digital to online. In print content can be featured in *newspapers *magazines *brochures. Online content can be published in a *blog *website *article or *social media. Regardless of the format this content should always promote Scotland’s tourism in a positive way.

Tags