Alba a’ gairm

Proxy

Chaidh iomairt margaidheachd chruinneil a chur air bhog leis a’ bhuidhinn turasachd nàiseanta VisitScotland gus Alba a chumail air aire dhaoine a tha a’ dèanamh planaichean siubhail airson an àm ri teachd.

Tha Alba a’ gairm – <em>Scotland is Calling</em> ag amas gu sònraichte air luchd-tadhail thall-thairis, a bhios, a rèir rannsachaidh a’ cur seachad barrachd tìde a’ planadh agus a’ rannsachadh nan tursan aca.

Bidh e na phàirt de sgaoileadh cruinneil ro-innleachdail do phrìomh mhargaidhean – deatamach gus cuideachadh le bhith ag ath-thogail turasachd na h-Alba gu seasmhach – gus taic a thoirt do ghnìomhachas turasachd agus tachartasan na dùthcha ach an ath-shlànaich iad bho bhuaidhean COVID-19 agus bho na cuingealachaidhean às dèidh sin.

Thug an galar lèir-sgaoilte fìor dhroch bhuaidh air an roinn, gu sònraichte call an teachd-a-steach bho mhargaidhean eadar-nàiseanta, a’ gabhail a-steach Ameireaga a Tuath agus an Roinn Eòrpa. Gu cuibheasach, bidh luchd-tadhail nan Stàitean Aonaichte a’ cosg ceithir uiread nas motha na luchd-tadhail na RA, le luchd-tadhail Eòrpach a’ cosg a dhà uimhir *.

Ann an 2019, ron ghalar lèir-sgaoilte, chuir Alba fàilte air 3.5 millean luchd-tadhail eadar-nàiseanta a dh’fhuirich ann an Alba airson cuid oidhche – 43% de na chaidh a chosg air turasachd uile gu lèir air a’ bhliadhna sin **. Tha conaltradh às ùr le luchd-tadhail eadar-nàiseanta a-nis ag amas air buannachd a thoirt do dh’Alba san fharpais le cinn-uidhe eile.

Tha prògram togail iarrtas eadar-nàiseanta air aon de ghrunn mholaidhean airson ath-bheothachadh na turasachd a chaidh a chruthachadh le Buidheann Freagairt Èiginn Turasachd na h-Alba (STERG) agus a chaidh a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba mar fhreagairt air galar lèir-sgaoilte COVID-19.

Thèid Alba a’ gairm a sgaoileadh air feadh na RA cuideachd gus taic a chumail ri ath-bheothachadh na margaidh dachaigheil agus gus seusan an luchd-tadhail a leudachadh tron ​​fhoghar agus tron gheamhradh.

Tha an iomairt ag amas air cridhe agus inntinn daoine a dh’fhaodadh tighinn a dh’Alba san àm ri teachd, a’ toirt cuireadh dhaibh tlachd fhaighinn à biadh is deoch, tachartasan, film agus cultar na h-Alba – a tha uile aig ìre an t-saoghail. Bidh susbaint chuimsichte do luchd-cleachdaidh a’ nochdadh air seanailean didseatach, meadhanan sòisealta agus tro chom-pàirteachasan foillseachaidh.

Bidh VisitScotland cuideachd a’ conaltradh leis na meadhanan siubhail tro ghnìomhachd foghlaim gus an gnìomhachas a chuideachadh gus clàran-siubhail seasmhach agus ciallach a chruthachadh.

Mar phàirt de Alba a’ gairm, chaidh Maoin Gnìomhachaidh is Margaidheachd Turasachd A-steach ùr a chur air bhog gus taic a chumail ri Companaidhean Turasan agus Companaidhean Riaghlaidh Cheann-uidhe a tha ag obair gu h-eadar-nàiseanta gus clàran-siubhail ùra a chruthachadh agus a mhargaidheachd.

Tha an iomairt margaidheachd luach £6.5 millean, còmhla ris a’ mhaoin luach £1.5 millean, a’ cumail taic ri suidheachadh brannd na h-Alba mar dhùthaich aoigheil, in-ghabhalach agus adhartach le susbaint ag innse sgeulachd na h-Alba mar cheann-uidhe far am faod thu fois a ghabhail, d’ anail a leigeil, a bhith a’ faighinn air falbh bho chùisean làitheil agus tlachd fhaighinn bho thurasachd sheasmhach.

Thuirt Ministear na Turasachd, Ivan MacAoidh:“Tha am maoineachadh seo a’ tighinn às dèidh mholaidhean bho Bhuidheann Gnìomha Ath-bheothachadh na Turasachd agus nì e cinnteach gu bheil na gnìomhachasan turasachd againn a tha gu mòr an eisimeil luchd-tadhail eadar-nàiseanta deiseil gus fàilte a chur air aoighean do dh’Alba a-rithist. Tha an uimhir againn ri thabhann, bho uisgeachan glana gorma agus tràighean geala gu beanntan brèagha agus bailtean mòra trang. Tha rudeigin ann airson a h-uile duine agus tha sinn airson gun tòisich luchd-tadhail air smaoineachadh mu dheidhinn tursan a dh’Alba agus am planadh nuair a bhios an t-àm ceart.”Thuirt Vicki Miller, Stiùiriche Margaidheachd is Didseatach aig VisitScotland:“Bheir an iomairt taic do dh’obair chompanaidhean-turais a-steach agus Companaidhean Riaghlaidh Cheann-uidhe a bheir luchd-tadhail àrd-luach a dh’Alba agus a bheir seachad luchd-tadhail air feadh na dùthcha agus air feadh na bliadhna. Cuiridh e cuideachd ris a’ phrìomh obair ath-bheothachaidh sa mhargaidh dhachaigheil againn, le fòcas air leudachadh seusan na turasachd as t-fhoghar agus sa gheamhradh.“Tha fòcas VisitScotland air ath-bheothachadh a’ ghnìomhachais, a’ togail ceann-uidhe agus gnàth-eòlas luchd-tadhail a leigeas le turasachd agus tachartasan soirbheachadh san latha an-diugh agus san àm ri teachd. Leanaidh sinn oirnn ag obair le, agus a’ toirt taic do ghnìomhachasan gus dèanamh cinnteach gun tèid a’ phàirt ro-chudromach de dh’eaconamaidh na h-Alba ath-thogail.”

Coimhead air bhidio iomairt Alba a’ gairm an seo: https://youtu.be/C54F2ztcgjM

Am measg nan gnìomhachasan agus àiteachan sa bhidio, tha:

  • Glamis Castle, Angus
  • Dunnottar Castle, Aberdeenshire
  • E bikes at Corrie Fee, Angus 
  • Johnnie Walker Princes Street, Edinburgh 
  • Edinburgh Castle, Edinburgh 
  • The Ubiquitous Chip, Glasgow 
  • West Sands & Old Course St Andrews, Fife
  • Lobster Shack, North Berwick  
  • Glenapp Castle, Ayrshire

Tha Companaidh Rianachd Cheann-uidhe na gnìomhachas a bhios a’ toirt seachad ‘ionad uile-fhreastail’ airson a h-uile seòrsa bathair siubhail (ach a-mhàin tursan-adhair), a tha ag obair ann am margadh no margaidhean sònraichte eadar-nàiseanta. Cha bhi iad ag a’ reic rudan gu dìreach dhan luchd-caitheimh, bidh iad a’ reic gnìomhachas ri gnìomhachas a-mhàin, i.e. do chompanaidhean tursan, riochdairean siubhail no comhairlichean siubhail.

Tha Companaidh Thursan nan gnìomhachas a tha gu sònraichte a’ cruthachadh prògraman saor-làithean agus clàran-siubhail airson an reic gu dìreach gu cliantan eadar-nàiseanta no gu lìonraidhean riochdairean siubhail eadar-nàiseanta. Faodaidh companaidhean tursan a bhith nan companaidhean coitcheann a tha a’ tabhann pasganan turais air am foillseachadh ann an catalogan agus air an reic tro riochdairean siubhail no faodaidh iad a bhith nan companaidh turas FIT (Flexible Independent Traveller) a bhios a’ reic chuairtean gu dìreach chun a’ chliant eadar-nàiseanta dheireannaich.

Télécharger

Alba a’ gairm

Iomairt gus ùidh nam margaidhean eadar-nàiseanta a ghlacadh

Type d'Asset post
ID 111593
Compteur de mots 1234 mots

Licence

Licence Editorial A Licence to use assets for editorial purposes, which is, to illustrate an event or story in an article but not commercially such as marketing a product or print ad. An Editorial asset may show a brand, a trademarked logo or product, a public personality, or recognisable people, without a signed release or with limited releases. When you use VisitScotland Editorial content you do so to illustrate Scottish tourism in a positive way.
Expiration Pas de date d’expiration
Publié
Ajouté à
Mis à jour le:
Utilisation Editorial content can be published in a variety of formats ranging from print or digital to online. In print content can be featured in *newspapers *magazines *brochures. Online content can be published in a *blog *website *article or *social media. Regardless of the format this content should always promote Scotland’s tourism in a positive way.

Étiquettes