VisitScotland Business Events Travel Trade Corporate Media Toolkit

We use cookies

We use Cookies to improve your experience on this site.

You can accept our cookies policy or customise your choices.

Please refer to our Cookies Policy for more information.

Manage cookies settings

Cothrom eile gus Ath-cheangal

Proxy

Tha cothrom eile gu bhith aig gnìomhachasan turasachd na h-Alba gus ceangal a dhèanamh ri companaidhean turais agus riochdairean siubhail cruinneil gu “bhiortail”.

Tha VisitScotland a’ tuigsinn gum feum gnìomhachasan turasachd na h-Alba conaltradh a chumail ri chèile air feadh àm-Chovid le eadar-mheadhanairean siubhail air feadh na cruinne, agus mar sin tha iad air tachartas Reconnect Scotland 2021 a chur air dòigh, a thèid a chumail air 27-29 Giblean, a’ leantainn tachartas didseatach tòiseachail a chaidh a chumail san t-Samhain an-uiridh agus a bha air leth soirbheachail.

Le cuingealachaidhean leantainneach air siubhal, lìbhrigidh VisitScotland tachartas Scotland Reconnect 2021 an àite tachartas bùth-obrach beò VisitScotland Expo a bhiodh mar as trice na thachartas bliadhnail air mìosachan leasachaidh a’ gnìomhachais airson turasachd ann an Alba.”

B’ e Scotland Reconnect an-uiridh a’ chiad turas a bha a’ bhuidheann turasachd nàiseanta air tachartas gnìomhachais bhiortail cho mòr a lìbhrigeadh. B’ e am fios a fhuaireadh air ais gun robh seo air leth soirbheachail, leis na ceudan de ghnìomhachasan turasachd Albannach bho air feadh na dùthcha a’ gabhail pàirt ann an timcheall air 5,000 coinneamhan leis a’ ghnìomhachas siubhail eadar-nàiseanta bho 23 dùthchannan, a bha ag amas air pasganan turais a chruthachadh airson luchd-tadhail san àm ri teachd. 

Bha na Stàitean Aonaichte, Canada, a’ Ghearmailt, an Fhraing, an Eadailt, an Spàinn, na Tìrean Ìosal, Lochlann, Astràilia agus Brasil uile air an rochdachadh aig an tachartas, a bharrachd air companaidhean turasachd a-steach stèidhichte ann an Lunnainn a tha a’ riochdachadh margaidhean Iapanach agus Sìneach.

Thuirt Malcolm Roughead, Àrd-oifigear VisitScotland:

“Gus an tèid againn air tachartasan gnìomhachais aghaidh-ri-aghaidh a chur air dòigh a-rithist, ’s e tachartasan mar Scotland Reconnect an rud as fheàrr. Tha sinn an dòchas gun toir seo misneachd dhan ghnìomhachas gun toir conaltradh air-loidhne buannachdan do na gnìomhachasan aca.

“Bha fios againn riamh nach robh an t-iarrtas airson Alba air a dhol an lughad aig àm a’ ghalair lèir-sgaoilte ach tha seo a’ dearbhadh na tha an fhaisneis againn air innse dhuinn, gun toir an t-ath-bheothachadh ùine ach gu bheil sinn cho mòr-chòrdte ’s a bha sinn riamh mar cheann-uidhe. 

“Tha conaltradh bhiortail a’ dèanamh dà phrìomh rud: a’ cumail Alba air aire dhaoine nuair a bhios siubhal eadar-nàiseanta ceadaichte; agus a’ cruthachadh comas do ghnìomhachasan clàraidhean a bhrosnachadh airson an àm ri teachd agus sruthan teachd-a-steach ùra a chruthachadh bho ghnàth-eòlasan didseatach.

“Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri tachartas eile, a tha sinn cinnteach a bhios fìor shoirbheachail”.

Thuirt Nick Landy, Manaidsear Dàimh nan Solaraichean aig Brendan Vacations, companaidh tursan a tha stèidhichte sna Stàitean Aonaichte:

“Tha an lìonradh, na seiseanan sgeulachdan, an ceòl, agus na seiseanan ‘Còmhradh le’ uile air an tachartas a neartachadh agus air ar cuideachadh gus ath-cheangal mar ghnìomhachas. Nì sinn air dìcheall gus an teachdaireachd a chur air adhart gu bheil Alba deiseil gus fàilte a chur air ar n-aoighean a-rithist.

Airson barrachd fiosrachaidh mu Scotland Reconnect 2020 faic: https://www.visitscotland.org/news/2020/scotland-reconnect-virtual-success 

Airson barrachd fiosrachaidh mu fhreagairt VisitScotland dhan ghalar-sgaoilte Covid-19 pandemic, rach gu https://www.visitscotland.org/supporting-your-business/advice/coronavirus

Save Download

Cothrom eile gus Ath-cheangal

Tachartas gnìomhachas air-loidhne gu bhith a’ tilleadh as t-earrach

Asset type post
ID 111555
Word count 679 words

Licence

Licence Editorial A Licence to use assets for editorial purposes, which is, to illustrate an event or story in an article but not commercially such as marketing a product or print ad. An Editorial asset may show a brand, a trademarked logo or product, a public personality, or recognisable people, without a signed release or with limited releases. When you use VisitScotland Editorial content you do so to illustrate Scottish tourism in a positive way.
Expiry No expiry date
Released
Usage Editorial content can be published in a variety of formats ranging from print or digital to online. In print content can be featured in *newspapers *magazines *brochures. Online content can be published in a *blog *website *article or *social media. Regardless of the format this content should always promote Scotland’s tourism in a positive way.

Tags