Ionadan Albannach air duais chliùiteach fhaighinn

Proxy

Thuirt Malcolm Roughhead, Àrd-oifigear VisitScotland “Ged a tha na h-ionadan gu math eadar-dhealaichte a thaobh na rudan cultarach a tha iad a’ taisbeanadh, tha Gailearaidh Ealain Obar Dheathain agus Taigh-tasgaidh Ghèarrloch a cheart cho airidh air an urram seo, oir tha iad le chèile air oidhirpean mòra a dhèanamh gus sealltainn - airson adhbharan na duais seo - gu bheil an obair aca air a’ bhliadhna mu dheireadh air a bhith fada air thoiseach air na farpaisich aca. Aig cridhe ath-ghluasad agus ath-fhosgladh Taigh-tasgaidh Gheàrrloch tha oidhirp mhòr air a bhith aig a’ choimhearsnachd bho shaor-thoilich air leth, gus £2.4m de mhaoineachadh fhaighinn gus buncair airm trèigte ath-leasachadh agus atharrachadh gu bhith na àite tarraingeach ùr do luchd-tadhail. Tha seo fìor bhrosnachail airson coimhearsnachd a tha cho beag. “Dh’fhosgail Gailearaidh Ealain Obar Dheathain às ùr san t-Samhain às dèidh ath-leasachadh àrd-amasach luach £34.6m. Chan e a-mhàin gur e togalach brèagha agus ionad ealain aig ìre na cruinne a th’ ann ach tha e cuideachd na àite tarraingeach do luchd-tadhail, a’ measgachadh eachdraidh agus co-aimsireachd. “Bu toil leam meal a naidheachd a chur air an dà àite gu pearsanta airson a bhith a’ cur am follais agus a’ neartachadh na tairgse cultaraich do luchd-tadhail a dh’Alba rè bliadhna a tha air a bhith gu math dùbhlanach do ghnìomhachas na turasachd.”
Download

Ionadan Albannach air duais chliùiteach fhaighinn

Asset type post
ID 111542
Word count 309 words

Licence

Licence Editorial A Licence to use assets for editorial purposes, which is, to illustrate an event or story in an article but not commercially such as marketing a product or print ad. An Editorial asset may show a brand, a trademarked logo or product, a public personality, or recognisable people, without a signed release or with limited releases. When you use VisitScotland Editorial content you do so to illustrate Scottish tourism in a positive way.
Expiry No expiry date
Release date
Added at
Updated at:
Usage Editorial content can be published in a variety of formats ranging from print or digital to online. In print content can be featured in *newspapers *magazines *brochures. Online content can be published in a *blog *website *article or *social media. Regardless of the format this content should always promote Scotland’s tourism in a positive way.

Tags