VisitScotland Business Events Travel Trade Corporate Media Toolkit

We use cookies

We use Cookies to improve your experience on this site.

You can accept our cookies policy or customise your choices.

Please refer to our Cookies Policy for more information.

Manage cookies settings

’S e VisitScotland a’ chiad Bhuidheann Turasachd Nàiseanta a tha a’ gabhail pàirt ann an Iomairt Tourism Declares

Proxy

Tha VisitScotland a’ tighinn còmhla ri Wild Scotland agus Sail Scotland gus àrdachadh a thoirt air dealas na dùthcha a thaobh turasachd chiallach agus dèiligeadh ri atharrachadh na gnàth-shìde, agus ’s iad a’ chiad bhuidheann turasachd nàiseanta san t-saoghal a chuir an ainm ris an iomairt Tourism Declares.

Tron obair aca, tha na trì buidhnean airson prìomh phàirt a bhith aca ann a bhith a’ cur air adhart Alba mar àite turasachd a tha air a h-aithneachadh air feadh an t-saoghail airson turasachd chiallach. Tha iad air gealltainn ceuman a ghabhail gus sgaoilidhean carboin a lùghdachadh agus gus taic a chumail ri gnìomhachasan gus an aon rud a dhèanamh. Le dùbhlain mhòra mu choinneamh gnìomhachas na turasachd mar thoradh air sgaoileadh a’ Chorònabhìorais, tha na planaichean ag aithneachadh cho cudromach ’s a tha e an cothromachadh ceart a bhith ann eadar mairsinneachd ghnothachasan agus ath-bheothachadh ciallach. 

Tha an com-pàirteachas seo a’ tighinn còmhla ri liosta a tha a’ sìor fhàs de chòrr is ceud buidheann siubhail, gnìomhachasan agus daoine fa-leth a tha air ainmeachadh fon bhratach Tourism Declares a Climate Emergency, iomairt a tha ann gus tighinn còmhla gus fuasglaidhean fhaighinn do shuidheachadh èiginneach na gnàth-shìde. Tha an iomairt seo a’ brosnachadh gnìomhan gus cur an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde, gu sònraichte aig àm nuair a tha an roinn a’ feuchainn ri ath-bheothachadh bho COVID-19.   

Mar phàirt den phlana aca, tha a’ bhuidheann turasachd nàiseanta air gealltainn na sgaoilidhean aca fhèin a lughdachadh, ag obair le coimhearsnachdan agus a’ cuimseachadh oidhirpean margaidheachd gus turasachd chiallach a bhrosnachadh, a rèir targaidean Riaghaltas na h-Alba gus a bhith net-zero ro 2045, agus àrd-amas na ro-innleachd turasachd nàiseanta airson fàs ciallach. 

Tha plana VisitScotland cuideachd a’ gabhail a-steach gealltanas fad-ùine gus còmhdhail phoblach agus siubhal gnìomhach a bhrosnachadh barrachd, a’ gabhail a-steach a bhith a’ dèanamh feum cruth-atharrachail bho Cho-fharpaisean Rothaireachd Cruinne an UCI a bhith air an cumail ann an Alba ann an 2023. Le oidhirpean nas fharsainge a thaobh turasachd chiallach, bidh VisitScotland a’ leasachadh conaltradh coimhearsnachd agus riaghladh luchd-tadhail; obair a tha air a bhith a’ dol air adhart gu sònraichte às dèidh a’ chiad ghlasadh-sìos nàiseanta mar thoradh air COVID-19.

Tha grunn ghnìomhan a’ dol air adhart aig VisitScotland mar-thà gus leasachadh ciallach a bhrosnachadh. Tha iad sin a’ gabhail a-steach comhairle do ghnìomhachasan turasachd is thachartasan tron ​​phrògram com-pàirteachaidh gnìomhachais, leithid a bhith a’ brosnachadh cleachdaidhean turasachd uaine agus biadh is deoch ionadail de dh’àrd-chàileachd, gus mìltean bìdh a lùghdachadh Bidh a’ bhuidheann turasachd nàiseanta cuideachd na rianaire airson na Maoin Bun-structair Turasachd Dùthchail a chuidicheas le bhith a’ stiùireadh soirbheachas cinn-uidhe mòr-chòrdte agus a tha a’ ruith iomairtean margaidheachd gus giùlan ciallach a bhrosnachadh am measg luchd-tadhail.  Tha bliadhna Cladaichean is Uisgeachan na h-Alba air a bhith a’ brosnachadh com-pàirteachadh ciallach tron t-sanasachd aice. Agus aig ìre obrachaidh, tha VisitScotland air targaidean soilleir aontachadh airson a bhith a’ lùghdachadh sgaoilidhean carboin is sgudail, agus thathar ag aithris air adhartas le seo gach bliadhna. 

Tha Wild Scotland, mar bhuidheann riochdachaidh gnìomhachas turasachd fiadh-bheatha, dànachd agus gnìomhachd air gealltainn tron ​​ghairm aca fhèin gum bi iad nan tosgairean airson atharrachadh thar gnìomhachas na turasachd. Cruthaichidh a’ bhuidheann Plana Èiginn Gnàth-shìde brìoghmhor anns a’ bhliadhna ri thighinn le fòcas air roinn turasachd dànachd (adventure tourism) le dealas chan e a-mhàin na sgaoilidhean aca fhèin a lughdachadh ach le fòcas làidir air brosnachadh buill, solaraichean agus com-pàirtichean gus ceumannan a ghabhail a dh’ionnsaigh fuasglaidhean ciallach agus seasmhach fhad ’s a bhios iad gam brosnachadh cuideachd gus èiginn gnàth-shìde ainmeachadh agus na planaichean èiginn gnàth-shìde aca fhèin a thoirt gu buil. Tha a’ bhuidheann a’ gabhail cheuman mar-thà gus an Còd Giùlain agus an Stiùireadh aca air Deagh-chleachdadh do bhuill ath-sgrùdadh, a’ dèanamh cinnteach gu bheil brannd Wild Scotland ag aithneachadh agus a’ riochdachadh ghnìomhaichean cunntachail a bheir seachad deagh chleachdadh tro ghnàth-eòlasan seasmhach, de chàileachd àrd.  

Tha Sail Scotland air a bhith ag obair thar na bliadhna a dh’fhalbh le cinn-uidhe seòlaidh agus gnìomhachasan ionadail gus malairt ionadail a bhrosnachadh do shoithichean tadhail tro na h-iomairtean Bùth gu Bàta agus #RespectTheDestination. Dh’fheuch an dà iomairt ri obrachadh taobh a-staigh nam bacaidhean mar thoradh air Covid-19 ach tha iad air a bhith a’ comharrachadh ghnothachasan ionadail, biadh is deoch ionadail agus lùghdachadh ann am mìltean bìdh is sgudal. Tha Sail Scotland a’ gealltainn gun dèan iad sgrùdadh air gnìomhachdan san àm ri teachd a thaobh na buaidh a dh’fhaodadh a bhith aca air a’ ghnàth-shìde agus gum brosnaich iad na prionnsapalan air cùl Tourism Declares thar lìonraidhean ghnìomhachasan a tha ag obair taobh a-staigh roinn na Turasachd Mara.

Tha a’ ghairm seo a’ tighinn nas lugha na bliadhna bho COP26 a bhith air a chumail ann an Glaschu (1-21 Samhain 2021) far an tig dùthchannan còmhla gus sgrùdadh a dhèanamh air gealltanasan agus gus na h-àrd-amasan a rinneadh ann an Aonta Gnàth-thìde Paris a neartachadh.  

Agus e a’ bruidhinn mun ghairm, thuirt Malcolm Roughead, Àrd-oifigear, VisitScotland:

An-diugh tha sinn airson ar lèirsinn airson turasachd chunntachail san àm ri teachd a mhìneachadh agus mar a bhios seasmhachd, in-ghabhalachd agus coimhearsnachdan mar phrìomh fhòcas dhuinn anns na bliadhnaichean ri teachd. Leis a’ ghairm seo, tha sinn a’ daingneachadh gu bheil sinn air aontachadh turasachd chiallach a chur air teas meadhan gach rud a nì sinn aig VisitScotland. Feuchaidh sinn ris an obair againn fhèin a leasachadh gu cunbhalach fhad ’s a tha sinn ag ionnsachadh agus a’ sgaoileadh deagh chleachdadh le daoine eile, ag obair gu dlùth leis a’  ghnìomhachas turasachd agus tachartasan gus a bhith dàna, àrd-amasach agus ùr-ghnàthach.  

“Is e àm air leth dùbhlanach a tha seo do ghnothachasan air feadh na dùthcha agus tron ghalar-sgaoilte, tha ath-bheothachadh ciallach air a bhith aig cridhe a’ ghnothaich. Tha na gairmean aig ar com-pàirtichean gnìomhachais Wild Scotland agus Sail Scotland, agus eòlaichean saor-làithean gnìomhachd Wilderness Scotland romhpa, a’ sealltainn cho làidir ’s a tha an fhaireachdainn choitcheann a tha ann air feadh a’ ghnìomhachais gus ath-thogail gu ciallach agus gus ar dùthaich bhrèagha a dhìon airson ginealaichean ri thighinn. ” 

Thuirt Victoria Brooks, Wild Scotland:

“Tha sinn fìor mhoiteil a bhith a’ tighinn còmhla le VisitScotland agus Sail Scotland gus Suidheachadh-èiginneach na Gnàth-shìde a ghairm.  B’ e bliadhna dhoirbh a bh’ ann ach tha fìor chothrom ann do dh’Alba a bhith air thoiseach air càch a thaobh a bhith ag ath-thogail gnìomhachas turasachd ath-nuadhachail ùr.  Bha Turasachd cunntachail riamh aig cridhe Wild Scotland. Tha a’ bhuidheann a’ riochdachadh roinn a tha an urra ris an àrainneachd nàdarra, feumaidh sinn a bhith ag obair còmhla chan ann a-mhàin gus a glèidheadh ​​ach gus eadar-dhealachadh adhartach a dhèanamh gus am faigh ginealaichean san àm ri teachd tlachd às an t-saoghal nàdarra, gun cuir iad luach ann agus gun gabh iad uallach air a shon.  

“Tha brannd Wild Scotland a’ riochdachadh càileachd, tha na buill againn dealasach mu na tha iad a’ dèanamh agus tha fìor ghaol aca air fiadh-bheatha agus air a’ bhlàr a-muigh agus tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith ag obair còmhla riutha gus atharrachadh a bhrosnachadh air feadh na h-Alba chan ann a-mhàin bho ghnìomhachasan turasachd ach cuideachd bhon a h-uile duine a bhios a’ faighinn buannachd bhon bhlàr a-muigh. ” 

Thuirt Alan Rankin, Àrd-oifigear, Sail Scotland

“Tha roinn Turasachd na Mara gu math mothachail air, agus a’ toirt urram dhan àrainneachd anns a bheil i ag obair. Tha an cunnart cruinneil na chunnart ionadail cuideachd do chuid de na rudan turasachd a nithear ann an cuid de na h-uisgeachan agus cladaichean as àlainne san t-saoghal. Chan eil duine sam bith nas dìcheallaiche a thaobh na h-àrainneachd againn na na daoine a tha a’ cur seachad am beatha ag obair innte agus leatha. Seo an t-àm airson gnìomh a ghabhail agus tha sinn toilichte a bhith an sàs sa ghairm seo còmhla ri Wild Scotland agus VisitScotland.”

Gheibhear an gairm air fad aig https://www.visitscotland.org/supporting-your-business/quality-customer-experience/responsible-tourism/visitscotlands-tourism-plan”>https://www.visitscotland.org/supporting-your-business/quality-customer-experience/responsible-tourism/visitscotlands-tourism-plan

Save Download

’S e VisitScotland a’ chiad Bhuidheann Turasachd Nàiseanta a tha a’ gabhail pàirt ann an Iomairt Tourism Declares

Tha VisitScotland agus com-pàirtichean sa ghnìomhachas a’ foillseachadh phlanaichean airson turasachd chiallach agus dealas a bhith a’ cur aghaidh ri suidheachadh èiginneach na gnàth-shìde

Asset type post
ID 111539
Word count 1617 words

Licence

Licence Editorial A Licence to use assets for editorial purposes, which is, to illustrate an event or story in an article but not commercially such as marketing a product or print ad. An Editorial asset may show a brand, a trademarked logo or product, a public personality, or recognisable people, without a signed release or with limited releases. When you use VisitScotland Editorial content you do so to illustrate Scottish tourism in a positive way.
Expiry No expiry date
Released
Usage Editorial content can be published in a variety of formats ranging from print or digital to online. In print content can be featured in *newspapers *magazines *brochures. Online content can be published in a *blog *website *article or *social media. Regardless of the format this content should always promote Scotland’s tourism in a positive way.

Tags