VisitScotland Business Events Travel Trade Corporate Media Toolkit

We use cookies

We use Cookies to improve your experience on this site.

You can accept our cookies policy or customise your choices.

Please refer to our Cookies Policy for more information.

Manage cookies settings

Ag ath-cheangail Alba ris an t-Saoghal

Proxy

Tha VisitScotland a’ ceangal ghnìomhachasan turasachd na h-Alba ri companaidhean turasachd agus riochdairean-siubhail na cruinne tro phìleat airson tachartas air-loidhne ùr air a bheil Scotland Reconnect 2020.

Bidh Scotland Reconnect 2020, a’ chiad tachartas den leithid a tha buidheann nàiseanta na turasachd air cur air dòigh, a’ tachairt eadar 23-25  Samhain, a’ toirt cothrom do riochdairean-siubhail agus companaidhean thursan, no ‘luchd-ceannach’ a bhith a’ dèanamh ceangal, agus a bhith a’ dol an sàs le solaraichean Albannach air-loidhne. 

Tha tachartasan a’ gabhail a-steach taisbeanadh siubhail Expo bliadhnail aig VisitScotland agus prògraman de mhiseanan leasachadh gnìomhachais air a bhith nan àrd-ùrlaran ro-chudromach airson nan ceanglaichean sin a thogail bho chionn fhada. Bha e do-dhèanta na tachartasan seo a chumail am-bliadhna mar thoradh air cuingealachaidhean Covid is mar sin chaidh àrd-ùrlaran didseatach ùra mar Reconnect a chruthachadh agus bidh timcheall air 200 ceannaiche a’ gabhail pàirt ann an coinneamhan bhiortail le mu 200 companaidhean turasachd Albannach. 

Bidh luchd-ceannach bho na Stàitean Aonaichte, Canada, a’ Ghearmailt, an Fhraing, an Eadailt, an Spàinn, an Òlaind, Lochlann, Astràilia agus Brasil a’ frithealadh Alba Reconnect 2020, a bharrachd air companaidhean turasachd a-steach stèidhichte ann an Lunnainn a tha a’ riochdachadh margaidhean Iapanach agus Sìneach.

A bharrachd air mu 4,000 coinneamh gnìomhachais a chur an comas, bidh co-labhairtean-lìn beò ann, còmhraidhean bùird-cruinn agus seiseanan briseadh-a-mach, co-ionad taisbeanaidh air-loidhne agus tachartasan bhiortail a’ sealltainn dè as urrainn do dh’Alba a thabhann do luchd-ceannach, a’ gabhail a-steach seiseanan ciùil traidiseanta le Gary Innes bhon phrìomh chòmhlan traidiseanta Manran, cothroman blasad uisge-beatha le Taigh-staile Glengoyne agus The Whisky Experience, a bharrachd air seisean sgeulachdan le Mercat Tours. 

Fosglaidh agus dùinidh John Thurso, Cathraiche VisitScotland, Scotland Reconnect 2020 agus bidh cothrom aig com-pàirtichean a tha air an ainm a chur ris an tachartas cluinntinn bho luchd-labhairt turasachd aig ìre na cruinne agus pàirt a ghabhail ann an còmhraidhean bùird-cruinn nuair a bhios Denise Hill, Ceannard Com-pàirteachaidh VisitScotland, ann an còmhradh le Tom Jenkins , Ceannard Comann Companaidhean Chuairtean na h-Eòrpa air buaidh Brexit air margaidhean na Gearmailt agus nan Stàitean Aonaichte; agus Joss Croft, Ceannard UK Inbound, a bhios a’ ro-innse a thaobh 2021 agus a’ bruidhinn air na rudan air am feum gnìomhachasan beachdachadh nuair a tha iad a’ feuchainn ri dèiligeadh ri cùisean agus dùbhlain làithreach ann an turasachd chruinneil.

Bidh Chris Greenwood, Àrd-mhanaidsear Lèirsinn VisitScotland, cuideachd a’ ruith sheiseanan air gluasadan cruinneil agus giùlan luchd-cleachdaidh aig àm Covid. Bidh siubhal ciallach, cuspair a tha a’ sìor fhàs cudromach am measg luchd-siubhail air feadh na cruinne, cuideachd air a’ chlàr-gnothaich, cho math ri bhith a’ brosnachadh iomairtean a’ gabhail a-steach Bliadhna Cladaichean is Uisgeachan na h-Alba 2020.

Thuirt

“Tha bunaitean làidir aig turasachd na h-Alba agus tha beachdan luchd-tadhail a thaobh Alba fhathast gu math fàbharach, agus mar sin tha mi air leth toilichte gun deach Scotland Reconnect 2020 a chruthachadh a’ cleachdadh an àrd-ùrlair air-loidhne ùir againn gus dèanamh cinnteach gun urrainn do ghnìomhachasan cumail orra com-pàirteachadh agus tursan a dh’Alba a bhith ann mar thoradh air an ùidh leantainnich sin. Tha iarrtas a’ fàs agus tha Alba fhathast na prìomhachas airson nam margaidhean eadar-nàiseanta againn.

“Tha sinn an dòchas ceannaichean eadar-nàiseanta ath-cheangal ri solaraichean bho air feadh na h-Alba, gus an toradh turasachd làidir a tha aig an dùthaich seo a thabhann do luchd-tadhail a thaisbeanadh, gus gnìomhachas fhaighinn airson an àm ri teachd agus gus dèanamh cinnteach gun tig piseach air na margaidhean eadar-nàiseanta againn ann an 2021 agus nas fhaide air adhart.” 

Thuirt Liz Aungier, Stiùiriche Dàimh Bathar is Luchd-reic aig Tenon Tours, a tha stèidhichte sna Stàitean Aonaichte:Thuirt Kat Brogan, Stiùiriche Mercat ToursThuirt Jill Hampton, Manaidsear Cunntais airson ScotRailThuirt Gillian Crowther, Manaidsear Reic is Inntrigidh Buidhne, Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba:AN DEIREADH
Save Download

Ag ath-cheangail Alba ris an t-Saoghal

Tachartas bhiortail ùr airson a’ ghnìomhachais siubhail

Asset type post
ID 111530
Word count 1182 words

Licence

Licence Editorial A Licence to use assets for editorial purposes, which is, to illustrate an event or story in an article but not commercially such as marketing a product or print ad. An Editorial asset may show a brand, a trademarked logo or product, a public personality, or recognisable people, without a signed release or with limited releases. When you use VisitScotland Editorial content you do so to illustrate Scottish tourism in a positive way.
Expiry No expiry date
Released
Usage Editorial content can be published in a variety of formats ranging from print or digital to online. In print content can be featured in *newspapers *magazines *brochures. Online content can be published in a *blog *website *article or *social media. Regardless of the format this content should always promote Scotland’s tourism in a positive way.

Tags