A’ comharrachadh soirbheasan Maoin a’ Bhun-structair Dhùthchail

Proxy

Tha trì bliadhna ann bho dh’ainmich Riaghaltas na h-Alba gun cruthaicheadh ​​iad Maoin Bun-structar Turasachd Dùthchail (RTIF) le £6m de thasgadh gus cur ri càileachd turas an luchd-tadhail, sgrìobh Lynn Hamilton, manaidsear RTIF aig VisitScotland.

Anns na trì bliadhna sin, tha gluasadan ann an turasachd agus giùlan luchd-tadhail air atharrachadh agus tha a’ mhaoin air leigeil le VisitScotland freagairt air iarrtasan airson bun-structair a bharrachd agus bun-structar leasaichte air feadh na h-Alba, ag obair còmhla ri ar com-pàirtichean gus fuasglaidhean fhaighinn. 

Tha àireamhan luchd-tadhail a dh’Alba air fàs thar nam bliadhnaichean mu dheireadh airson diofar adhbharan, a’ gabhail a-steach margaidheachd shoirbheachail air slighe dràibhidh an NC500, turasachd film is TBh tro phrògram is filmean a bha soirbheachail air feadh an t-saoghail, leithid Outlander agus Harry Potter, agus an t-àrdachadh ann an àireamhan nan longan cuairt-mara agus fàs ann an roinn nan dachaighean-motair. 

Ann an cuid de dh’àiteachan, tha seo air droch bhuaidh a thoirt an dà chuid air an neach-tadhail agus air coimhearsnachdan ionadail a chionn ’s nach eil am bun-structar comasach air dèiligeadh ri na th’ ann de luchd-tadhail.

Chaidh an RTIF, a tha air a riaghladh le VisitScotland às leth Riaghaltas na h-Alba, a chruthachadh gus càileachd turas an luchd-turais do sgìrean dùthchail na h-Alba a leasachadh far a bheil cuideam air bun-structar mar thoradh air an àrdachadh seo ann an àireamhan an luchd-tadhail. 

Tha e ag amas air a’ bhuaidh aig luchd-tadhail air coimhearsnachdan agus goireasan ionadail a lùghdachadh agus air dòigh-obrach nas co-obrachail agus nas seasmhaiche a chruthachadh a thaobh solar bun-structair agus cumail suas ghoireasan ionadail san fhad-ùine a chum leas nan coimhearsnachdan agus an luchd-tadhail.

Dè a tha air a bhith soirbheachail?

Chaidh seachd tagraidhean deug aontachadh sa chiad chuairt maoineachaidh agus chaidh trì deug a bharrachd aontachadh san dàrna cuairt. Tha an treas cuairt a’ dol air adhart an-dràsta agus thèid na tagraidhean soirbheachail ainmeachadh tràth san Dùbhlachd.

Uile gu lèir, chaidh mu 760 àiteachan-pàircidh ùra a chruthachadh - a’ gabhail a-steach àiteachan far am faod dachaighean-motair pàirceadh fad na h-oidhche - a bharrachd air seachd-deug goireasan sgudail ceimigeach ùra.

Rinn baile beag Hoswick ann an Sealtainn iarrtas airson taic-airgid tron ​​chomhairle ionadail aca gus cuideachadh le bhith a’ cur ri ruigsinneachd airson cuairtean coidse a tha a’ tadhal air trì gnìomhachasan fighe ionadail a tha suidhichte aig ceann rathad aon-shligheach agus a tha ag adhbharachadh dhuilgheadasan dhan bhus ionadail agus do mhuinntir a’ bhaile. Le maoineachadh de £131,660, chaidh pàirc-chàraichean a thogail le 12 àite, a’ gabhail a-steach dà àite ruigsinneach, ochd racaichean baidhsagail agus sia pannalan eadar-mhìneachaidh . 

’S e fìor phròiseact com-pàirteachais a bha seo oir bha a’ choimhearsnachd ionadail air a chùlaibh agus bha fios aca gun leasaicheadh seo am beatha agus thug Comhairle Shealtainn taic air leth dha cuideachd. 

A rèir ais-eòlas a fhuaradh san aithisg adhartais mu dheireadh aig a’ phròiseact: “Tha am pròiseact air buaidh mhòr a thoirt air a’ choimhearsnachd leis a’ phròiseact a’ dèanamh deagh cheangal ri iomairtean eile a chaidh a ghabhail os làimh san sgìre anns na beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh. Tha na gnìomhachasan a tha a’ dèanamh bathar a tha tarraingeach do luchd-tadhail (4), an cafaidh, cuairtean le soidhnichean agus slighe baidhsagal / pàirceadh uile còmhla air an sgìre a dhèanamh nas tarraingiche bho shealladh luchd-tadhail gus an urrainn dhan àite a bhith ga bhrosnachadh fhèin gu misneachail agus gu h-èifeachdach dhan luchd-tadhail gu dìreach agus tro riochdairean turais ionadail mar àite freagarrach agus inntinneach far an cuir luchd-tadhail seachad tìde a’ faighinn tlachd à seallaidhean agus fiadh-bheatha na sgìre. Tha tòrr dòchais ann airson an àm ri teachd mar thoradh air a’ phròiseact seo.

Ann am pròiseact soirbheachail RTIF luach £64,997, chaidh goireasan ùra a chur air dòigh aig bonn Bhlàbheinn san Eilean Sgitheanach gus faothachadh a thoirt a thaobh pàirceadh is taighean-beaga. Chaidh an àireamh de dh’àiteachan pàircidh a leudachadh bho 16 gu 26, le dà thoileat compost, bùird cuirm-chnuic agus bùird mìneachadh luchd-tadhail, a’ cleachdadh dealbhadh a bha iomchaidh sa chruth-tìre. 

Chaidh obair leasachaidh a dhèanamh air trì làraichean ann an Loch Laomainn an Iar - Lus, Tairbeart Loch Laomainn agus Inbhir Dhubhghlais ann am pròiseact luach £281,000 gus na taighean-beaga a leasachadh, àiteachan teàirrdsidh do charbadan dealanach a chruthachadh agus gus ionad-sgudail airson sgudal ceimigeach a thogail ann an Tairbeart Loch Laomainn.  

Tha a’ bhliadhna seo air a bhith air leth dùbhlanach airson turasachd air feadh na h-Alba agus nuair a chaidh cuingealachaidhean a’ ghlasaidh-sìos fhuasgladh, bha mòran aithrisean ann mu dhuilgheadasan pàircidh ann an àiteachan turasachd, gearanan mu dhachaighean-motair a’ lìonadh nan rathaidean, taighean-beaga a bha dùinte no nach robh iomchaidh agus campachadh ‘salach’.

Tha an RTIF air a bhith ro-chudromach ann a bhith a’ cuideachadh le fuasgladh agus lasachadh dhuilgheadasan mar seo ann am mòran sgìrean agus gu ruige seo, tha e air maoineachadh de £5.6m a thoirt do 30 pròiseact air feadh na dùthcha bho 2017 *. Chaidh £2.5m de mhaoineachadh RTIF a chosg air a’ Ghàidhealtachd a-mhàin air pròiseactan gus turas an neach-tadhail a dhèanamh nas taitniche.

’S e àm freagarrach a tha seo do bhuidhnean coimhearsnachd agus buidhnean eile a bhith a’ comharrachadh nam feumalachdan bun-structair ionadail aca agus a bhith ag ullachadh airson tagradh a chur a-steach chun an ùghdarrais ionadail no pàirc nàiseanta aca airson maoineachadh. Tha sinn an dòchas gun tèid am maoineachadh ainmeachadh a dh’aithghearr. 

Airson barrachd fiosrachaidh mun RTIF, faic: <a href=”https://www.visitscotland.org/supporting-your-business/funding/rural-tourism-infrastructure-fund”>https://www.visitscotland.org/supporting-your-business/funding/rural-tourism-infrastructure-fund</a>

AN DEIREADH

*Chan eil am figear seo a’ gabhail a-steach nan trì pròiseactan pìleit a chaidh a mhaoineachadh gu dìreach le Riaghaltas na h-Alba mus deach a’ chiad chuairt den RTIF ainmeachadh sa Mhàirt 2018.

Download

A’ comharrachadh soirbheasan Maoin a’ Bhun-structair Dhùthchail

Tha trì bliadhna ann bho dh’ainmich Riaghaltas na h-Alba gun cruthaicheadh iad Maoin Bun-structar Turasachd Dùthchail (RTIF) le £6m de thasgadh gus cur ri càileachd turas an luchd-tadhail, sgrìobh Lynn Hamilton, manaidsear RTIF aig VisitScotland.

Asset type post
ID 111496
Wortzahl 1134 Wörter

Lizenz

Lizenz Editorial A Licence to use assets for editorial purposes, which is, to illustrate an event or story in an article but not commercially such as marketing a product or print ad. An Editorial asset may show a brand, a trademarked logo or product, a public personality, or recognisable people, without a signed release or with limited releases. When you use VisitScotland Editorial content you do so to illustrate Scottish tourism in a positive way.
Ablauf Kein Ablaufdatum
Veröffentlicht
Hinzugefügt am
Aktualisiert am:
Verwendung Editorial content can be published in a variety of formats ranging from print or digital to online. In print content can be featured in *newspapers *magazines *brochures. Online content can be published in a *blog *website *article or *social media. Regardless of the format this content should always promote Scotland’s tourism in a positive way.

Schlagwörter