Aithris bho Cheannard VisitScotland air buaidh galar mòr-sgaoilte a’ chorònabhìorais
Na tha VisitScotland a’ dèanamh<em></em>
“Tha sinn air prìomh luchd-ùidh sa ghnìomhachas a thoirt còmhla gus beachdachadh air cùisean leantainneach. Bidh a’ bhuidheann STERG (Buidheann Freagairt Èiginneach Turasachd na h-Alba - Scottish Tourism Emergency Response Group) a’ coinneachadh gu cunbhalach gus sùil a thoirt air an t-suidheachadh làithreach agus gus tòiseachadh air planaichean ath-bheothachaidh. “Leanaidh sinn oirnn a’ sgrùdadh a’ ghnìomhachais gu cunbhalach bho seo a-mach agus mar sin leigidh e leinn fiosrachadh a chumail ris an riaghaltas agus gus sùil a chumail air an t-suidheachadh ann an fìor-àm.“Anns an eadar-ama, tha VisitScotland a’ cur stad air gnìomhachd margaidheachd for-ghnìomhach phàighte. Mar a thuigeadh sibh, tha slàinte is sunnd dhaoine nas cudromaiche na rud sam bith eile aig an àm seo agus tha sinn den bheachd gur e seo an t-slighe as fheàrr aig an àm dhùbhlanach seo.“Tha sinn a’ coimhead air stiùiridhean eadar-obrachail a thoirt a-steach gus àiteachan agus gnìomhachasan a bhiodh air a bhith aig Expo a bhrosnachadh. Tha sinn cuideachd a’ cur ri chèile tachartas margaidh bhìortail - bidh àm an tachartais a rèir comasan ceangal. Tha sinn cuideachd airson pàipear fiosrachaidh cunbhalach a chruthachadh le fiosrachadh bho phrìomh chom-pàirtichean mar Riochdairean Siubhail Air-loidhne gus am bi sinn daonnan a’ cumail sùil air gluasadan siubhail gus am faigh sinn fhèin agus an gnìomhachas fios cuin as urrainn dhuinn gnìomhachd ath-thòiseachadh.“Tha an luchd-obrach againn fhèin a-nis ag obair bhon taigh a rèir na comhairle riaghaltais as ùire agus tha sinn air an co-dhùnadh duilich a dhèanamh na h-iCentres againn a dhùnadh gus an dà chuid ar luchd-obrach agus ar custamairean a dhìon. Cha bhi sinn a’ lìbhrigeadh tadhlan Dearbhadh Càileachd no comhairle gnìomhachais nas motha. Cumaidh sinn oirnn a’ freagairt air gnìomhachas na turasachd agus na gnothaichean aca mar as àbhaist tro phost-d agus gairmean. Cumaidh an luchd-obrach air fad conaltradh agus taic ri custamairean agus ris an luchd-ùidh aca tron aimhreit seo.“Is urrainn do ghnìomhachasan turasachd an naidheachd as ùire a leantainn tron làraich-lìn againn visitcotland.org agus thèid fiosrachadh a chumail ri luchd-cleachdaidh tron làraich-lìn againn aig visitcotland.com.”