Wir verwenden Cookies
Wir verwenden Cookies, um Ihre Erfahrung auf dieser Website zu verbessern.
Sie können unsere Cookie-Richtlinie akzeptieren oder Ihre Auswahl anpassen.
Bitte lesen Sie unsere Cookie-Richtlinie für weitere Informationen.
Chaidh aire a chur air na daoine agus na gnothachasan a tha ag obair ann an gnìomhachas turasachd na h-Alba a-raoir (Diardaoin 5 Màrt) aig a’ chuairt dheireannach nàiseanta de Dhuaisean Cluaran na h-Alba.
Bha Iomall Fèis Dhùn Èideann 2018, Fèis Shamhainn Phàislig agus Port-adhair Eadar-nàiseanta Obar Dheathain am measg an fheadhainn a fhuair an t-urram as àirde ann an roinn aoigheachd agus turasachd na h-Alba.
Chaidh a’ Chuairt Dheireannach Nàiseanta de Dhuaisean Cluaran na h-Alba a chumail ann an Ionad Co-labhairtean Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann, far an do chruinnich 470 neach gus urram a thoirt do 18 gnìomhachasan, tachartas agus daoine fa leth airson na chuir iad ri roinn na turasachd.
Am measg an fheadhainn a fhuair urram bha am Brigadier David Allfrey a fhuair duais chliùiteach Cluaran Òir aig Johnstons of Elgin.
Tha am Brigadier air a bhith na Cheannard agus na Riochdaire air Tatù Rìoghail Dhùn Èideann airson deich bliadhna agus tha e air cuideachadh le bhith a’ toirt cruth-atharrachadh air an tachartas bhliadhnail mhòr-chòrdte ann an Dùn Èideann a tha a-nis na bhrannd dibhearsain eadar-nàiseanta a tha a’ comharrachadh ceòl agus traidisean armachd a bhios a’ tàladh 220,000 luchd-amhairc gu esplanade Caisteal Dhùn Èideann a bharrachd air 100 millean neach-amhairc telebhisein bho air feadh an t-saoghail. Thuirt britheamhan gun robh e na ‘stiùiriche brosnachail do mhòran sa ghnìomhachas’ agus chaidh a mholadh airson a bhith ‘daonnan deònach tìde a chur seachad le feadhainn eile gus na beachdan aige a cho-roinn agus gus taic a thoirt do dh’iomairtean gus cur ri turasachd de dh’àrd chàileachd ann an Alba.’
Fhuair Iomall Fèis Dhùn Èideann 2018 a’ chiad duais Turasachd In-ghabhaltach, le taic bho Chomann Togail Cumberland. Air a thoirt a-steach airson a’ chiad uair am-bliadhna, tha an duais a’ comharrachadh gnìomhachas a tha a’ brosnachadh àite a tha a’ tabhann seirbheis a tha ruigsinneach dhan a h-uile duine. Bidh Iomall Fèis Dhùn Èideann a’ tàladh nam mìltean de luchd-tadhail eadar-nàiseanta gach bliadhna gus cuirmean beò fhaicinn thar farsaingeachd de chruthan ealain, le còrr is 150 dùthaich air an riochdachadh air agus far an àrd-ùrlair. A bharrachd air a bhith a’ filleadh chleachdaidhean in-ghabhaltach a-steach do na seirbheisean a bhios e a’ toirt seachad, tha an comann cuideachd a’ brosnachadh chom-pàirtichean agus ionadan air an taobh a-muigh gus ruigsinneachd fhilleadh a-steach dhan dòigh-obrach aca le britheamhan a’ moladh na buaidh cruinneil aca.
Fhuair an Taisbeanadh is Co-labhairt All-Energy 2019, a chaidh a chumail ann an Àrainn Tachartais na h-Alba, an duais airson an Tachartas Gnìomhachais as Fheàrr, le taic bho P&J Live, a tha a’ comharrachadh cho cudromach ’s a tha tachartasan gnìomhachais ann a bhith a’ taisbeanadh gu bheil Alba aig ìre na cruinne mar cheann-uidhe airson cho-labhairtean, choinneamhan agus prògraman brosnachaidh bho air feadh an t-saoghail.
Bha duais shònraichte ann airson Cuach Solheim 2019 a chaidh a chumail ann an Gleann Eagas san t-Sultain. Chaidh an duais aithne shònraichte a thogail le Stiùiriche Cupa Solheim na h-Eòrpa airson Turas Eòrpach nam Ban, Polly Clark, agus le Catriona Matthew, a bha na sgiobair air Sgioba na h-Eòrpa a thug buaidh gu dràmadach agus chaidh bhidio a chlàradh ro-làimh agus i a’ togail na duais a chaidh a shealltainn aig cuirm nan duaisean Diardaoin. Chuidich an tachartas, tachartas goilf nam ban leis an àireamh dhaoine as àirde an làthair a chaidh a chlàradh riamh san RA, le bhith a’ taisbeanadh spòrs nam ban do luchd-amhairc ùra a bharrachd air cuideachadh le bhith a’ cur fòcas air Peairt is Ceann Rois agus air Alba mar cheann-uidhe turasachd aig ìre na cruinne a tha ruigsinneach le ìomhaighean bhon tachartas sàr-mhath seo air a chraoladh air feadh an t-saoghail.
Am measg buannaichean duais nàiseanta eile bha Fèis Shamhainn Phàislig (Tachartas no Fèis Chultarach as Fheàrr), The McManus: Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh ealain Dhùn Dè (An Ionad luchd-tadhail as fheàrr le taic bho ScotRail), Seumas Ryan, Ionad Luchd-tadhail Blàr Chùil Lodair, (Gaisgeach Turasachd is Aoigheachd) agus Salomon Skyline Scotland 2018 (Tachartas Spòrs as Fheàrr).
Tha Duaisean Cluaran na h-Alba 2019/20, ann an co-bhonn le Fishers, a’ toirt duais do thaighean-òsta, taighean-bìdh, taighean leabaidh is bracaist, àiteachan turasachd, tachartasan gnìomhachais is luchd-cleachdaidh, agus do dhaoine fa leth a tha a’ dèanamh tuilleadh is còrr gus turas a chruthachadh dhan neach-tadhail air an d’ fhiach bruidhinn mu dheidhinn taobh a-staigh a’ ghnìomhachais turasachd luachmhoir againn.
Bha an neach-comadaidh Craig Hill na Neach an Taighe còmla ri preseantair Heart Radio Jennifer Reoch a bha uair na Miss Alba. Bha ceòl ann bhon t-seinneadair/sgrìobhadair òrain Callum Beattie.
Thuirt Rebecca Brooks, cathraiche Pannal Gnìomhachas Duaisean Cluaran na h-Alba agus ball de Bhòrd VisitScotland: “Bidh Duaisean Cluaran na h-Alba a’ cuideachadh le bhith a’ cur aire air daoine fa leth agus air gnìomhachasan a tha a’ dèanamh an dìcheall gus turas a chruthachadh dhan neach-tadhail air an d’ fhiach bruidhinn mu dheidhinn taobh a-staigh a’ ghnìomhachais turasachd luachmhoir againn.
“Às leth pannal a’ ghnìomhachais, bu mhath leam meal-a-naidheachd a chur air na buannaichean nàiseanta aig Duaisean Cluaran na h-Alba 2019/20. Tha na duaisean sin a-nis stèidhichte gu daingeann mar phàirt de ghnìomhachas na turasachd ann an Alba agus bu chòir do na buannaichean a bhith gu math pròiseil a bhith air an liosta chliùiteach a tha a’ comharrachadh ùr-ghnàthachadh, soirbheachas agus sàr-mhathas ann an roinn aoigheachd agus turasachd na h-Alba.”
Tha Duaisean Cluaran na h-Alba air a stiùireadh le pannal de dh’eòlaichean gnìomhachais bho ghrunn bhuidhnean a’ gabhail a-steach VisitScotland, Duaisean Turasachd Cathair-bhaile agus Siorrachd Obar Dheathain, Duaisean Turasachd na Gàidhealtachd is nan Eilean, Urras Gnìomhachas Aoigheachd na h-Alba, Comann Ionadan Luchd-tadhail na h-Alba, Biadh is Deoch na h-Alba, Caidreachas Turasachd na Alba, Comann Luchd-reic Deoch Làidir na h-Alba, sportscotland agus Wild Scotland.
B’ iad na cuairtean deireannach roinneil: Roinn a’ Mheadhain, Fìobh agus Taobh Tatha; Lodainn agus na Crìochan; an Taobh an Iar, a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan, air a chur air dòigh le Duaisean Turasachd na Gàidhealtachd is nan Eilean; agus Cathair-bhaile agus Siorrachd Obar Dheathain, air a chur air dòigh le Duaisean Turasachd Cathair-bhaile agus Siorrachd Obar Dheathain.
Airson barrachd fios mu na buannaichean, tadhail air: <a href=”http://www.scottishthistleawards.co.uk”>www.scottishthistleawards.co.uk</a>