VisitScotland Business Events Travel Trade Corporate Media Toolkit

We use cookies

We use Cookies to improve your experience on this site.

You can accept our cookies policy or customise your choices.

Please refer to our Cookies Policy for more information.

Manage cookies settings

A’ Co-roinn an t-Soirbheachais

Proxy

B’ e cuspair co-labhairt turasachd na Gàidhealtachd am-bliadhna a bhith a’ brosnachadh luchd-tadhail a bhith a’ siubhal far na slighe àbhaistich agus a bhith a’ tadhal taobh a-muigh seusan àbhaisteach na turasachd.

Air a chumail ann an Taigh-òsta Kingsmills ann an Inbhir Nis an-diugh (Diciadain 27 Samhain) agus air a chur air dòigh le VisitScotland ann an com-pàirteachas le Comhairle na Gàidhealtachd, chuir tachartas na bliadhna seo fòcas air mar as urrainn do ghnìomhachas na turasachd a bhith a’ stiùireadh soirbheas na Gàidhealtachd còmhla. 

Tha an sgìre seo fhathast a’ còrdadh gu mòr ri luchd-tadhail eadar-nàiseanta, a’ cruthachadh eaconamaidh turasachd làidir gu h-ionadail. Choimhead a’ cho-labhairt air mar a tha seo a’ toirt buaidh air seasmhachd na turasachd air feadh na Gàidhealtachd agus air dè as urrainn do riochdairean dèanamh mar ghnìomhachas gus bòidhchead agus tarraing na sgìre seo a chumail freagarrach airson an àm ri teachd, a’ dèanamh cinnteach gu bheil i fhathast na ceann-uidhe tarraingeach do luchd-tadhail do dh’Alba fad iomadh bliadhna ri teachd.

Mhìnich am prìomh neach-labhairt Jóhannes Þór Skúlason, bho Chomann Gnìomhachas Siubhail Innis Tìle do na 150 riochdairean a bha an làthair mar a bha iad a’ feuchainn ris an luchd-tadhail aca a bhrosnachadh gus a dhol ‘Taobh a-muigh a’ Chearcaill Òir’ (slighe turasachd mòr-chòrdte ann an Innis Tìle a Deas) gus turasachd a sgaoileadh do na roinnean agus gus na dùbhlain bun-structair co-cheangailte ri turasachd a lùghdachadh.

Thuirt e:

“Bha e na urram dhomh cuireadh fhaighinn innse dhuibh ma na ionnsaich sinn bho thurasachd Innis Tìle ann an Co-labhairt Turasachd na Gàidhealtachd am-bliadhna. Tha turasachd Innis Tìle air ionnsachadh bho chleachdaidhean agus beachdan à Alba thairis air na beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh agus tha mi toilichte gun urrainn dhomh beagan a thoirt air ais. Tha co-roinn fiosrachadh eadar an dà dhùthaich againn cudromach agus tha mi an dòchas gum bi luach anns na chanas mi an-diugh do ghnìomhachasan turasachd air a’ Ghàidhealtachd.”

Am measg luchd-labhairt eile an-diugh, bha Laura Hamlet bho Biosphere Taobh Siar Rois, a bhruidhinn mu dheidhinn Sgìrean Dualchais Seasmhach: Com-pàirteachasan airson Eco-turasachd agus Clea Warner agus Kevin Frediani aig Urras Nàiseanta na h-Alba a bhruidhinn ris na riochdairean mu bhith A’ toirt fàs air daoine is àiteachan ann an Inbhir Iùbh

 

Às deidh lòn, bhruidhinn Vicki Miller, Stiùiriche Margaidheachd aig VisitScotland, mu dheidhinn Margaidheachd na Gàidhealtachd agus mun  iomairt chruinneil as ùire gus ar dùthaich a dhèanamh na ceann-uidhe fìor tharraingeach do luchd-tadhail air feadh an t-saoghail tro bhith a’ soilleireachadh nan nithean sònraichte a tha sinn a’ tabhann nach fhaighear ach ann an Alba a-mhàin.

 

Bhruidhinn Marc Crothall, Àrd-oifigear Caidreachas Turasachd na h-Alba mu: Ar Lèirsinn agus Ar Misean airson an àm ri teachd às dèidh 2020. Chaidh an ro-innleachd turasachd nàiseanta làithreach againn, Turasachd Alba 2020, a chur air bhog ann an 2012 leis an targaid a bhith a’ fàs caiteachas luchd-tadhail le £1 billean (gu £5.5 billean gu h-iomlan) ro 2020. Chan fhada a-nis gus am bi 2020 ann agus bhruidhinn Marc mu na tha an dàn do ghnìomhachas turasachd na h-Alba, a’ co-roinn bheachdan air an t-slighe air adhart le sùil as ùr air na cothroman fàis is air na dùbhlain a tha fa chomhair na roinne san àm ri teachd.

 

Bha bùithtean-obrach aig a’ cho-labhairt do riochdairean air cuspairean a’ gabhail a-steach seasmhachd agus a’ riaghladh do chliù air-loidhne; a bharrachd air deasbad panail fosgailte mu bhith a’ riaghladh soirbheachas air a’ Ghàidhealtachd, far an robh cothrom aca ceistean a chur air an luchd-labhairt agus bha an latha ag amas air seiseanan, susbaint agus bùthan-obrach practaigeach agus smaoineachail a lìbhrigeadh. 

Thuirt Chris Taylor, Stiùiriche Ceannardais Roinneil VisitScotland:

“Tha sinn ag aithneachadh gu bheil turasachd air fàs gu luath air a’ Ghàidhealtachd agus gum feumar a riaghladh gu faiceallach agus gu seasmhach gus a h-àite a chumail mar cheann-uidhe “feumar-fhaicinn”, “feumar-tilleadh”. Mar a chaidh coimhead air agus sgrùdadh an-diugh, tha sinn gu math dòchasach mun àm ri teachd agus tha sinn àrd-amasach airson turasachd air a’ Ghàidhealtachd. Tha cothroman mòra air thoiseach oirnn gus gnìomhachas seasmhach a chruthachadh a sgaoileas buannachdan bho thurasachd air feadh na Gàidhealtachd agus tron bhliadhna air fad.

“Tha cliù aig an sgìre seo air feadh na cruinne agus feumaidh sinn dèanamh cinnteach gum bi fìor dheagh thuras aig a h-uile duine nuair a thig iad an seo. Gus seo a thoirt gu buil, feumaidh tasgadh agus ùr-ghnàthachadh leantainneach a bhith ann bhon ghnìomhachas gus cumail oirnn le bhith a’ dèanamh nas fheàrr na thathar an dùil. ”

 Thuirt Stuart Black, Stiùiriche Leasachaidh agus Bun-structair aig Comhairle na Gàidhealtachd:

“Tha coltas gun robh 2019 na bliadhna shoirbheachail eile ach feumaidh sinn togail air seo. Mar sin tha fòcas tachartas na bliadhna seo air ‘riaghladh soirbheachas’ oir tha e cudromach gun cùm sinn oirnn a bhith a’ toirt seachad nan cothroman turasachd a thug cliù dhan Ghàidhealtachd air feadh an t-saoghail. ” 

Save Download

A’ Co-roinn an t-Soirbheachais

Tha riochdairean aig co-labhairt a’ cluinntinn mu bhith a’ stiùireadh soirbheachas turasachd

Asset type post
ID 111473
Word count 1198 words

Licence

Licence Editorial A Licence to use assets for editorial purposes, which is, to illustrate an event or story in an article but not commercially such as marketing a product or print ad. An Editorial asset may show a brand, a trademarked logo or product, a public personality, or recognisable people, without a signed release or with limited releases. When you use VisitScotland Editorial content you do so to illustrate Scottish tourism in a positive way.
Expiry No expiry date
Released
Usage Editorial content can be published in a variety of formats ranging from print or digital to online. In print content can be featured in *newspapers *magazines *brochures. Online content can be published in a *blog *website *article or *social media. Regardless of the format this content should always promote Scotland’s tourism in a positive way.

Tags