Com-pàirteachas turasachd tionnsgalach airson nan Eilean Siar

Tha VisitScotland ann an com-pàirteachas le Turasachd nan Eilean Siar, air dòigh-obrach ùr ainmeachadh airson a bhith a’ toirt seachad fiosrachadh do luchd-turais anns na h-Eileanan Siar.

Chaidh aonta foirmeil a ruighinn a nì cinnteach gu bheil farsaingeachd de sheanailean eadar-dhealaichte, ruigsinneach agus co-òrdanaichte aig luchd-tadhail do na h-Eileanan Siar gus fiosrachadh fhaighinn - gam brosnachadh gus fuireach nas fhaide, a bhith a’ cosg barrachd agus a bhith a’ sgaoileadh bhuannachdan na turasachd air feadh nan Eilean Siar fad na bliadhna.

Ann an co-obrachadh le Turasachd nan Eilean Siar agus com-pàirtichean eile, tha planaichean a-nis gan cur an sàs gus: an iCentre làithreach ann an Steòrnabhagh a leasachadh; gus com-pàirteachas fiosrachaidh ùr fad na bliadhna a chruthachadh anns an Tairbeart le bùth; a’ cruthachadh chom-pàirteachasan fiosrachaidh ùra agus leasaichte ann an Uibhist, le taic bho neach-obrach sònraichte stèidhichte ann am fear de na h-ionadan com-pàirteachais rè seusan na turasachd; agus a’ togail làthaireachd nas treasa ann am Barraigh còmhla ris a’ ghnìomhachas turasachd ionadail airson seusan 2019.

Tha seo a’ leantainn air ath-sgrùdadh ro-innleachdail air solar fiosrachaidh do luchd-tadhail anns na h-Eileanan Siar aig an àm seo, ann an co-chomhairle dlùth le Turasachd nan Eilean Siar agus le luchd-ùidh, gus freagairt ris na h-atharrachaidhean leantainneach anns na dòighean anns am bi luchd-tadhail a’ sireadh fiosrachadh, agus iad ag aithneachadh cuideachd nàdar agus cruinn-eòlas sònraichte nan eilean. Chaidh an lèirmheas seo a dhèanamh mar phàirt den iomairt a dh’ainmich VisitScotland an-uiridh air atharrachaidhean air solar fiosrachaidh air feadh na h-Alba.

A rèir a’ phlana gus ceanglaichean a leasachadh do luchd-tadhail, tha Turasachd nan Eilean Siar cuideachd an dòchas Wi-Fi a sgaoileadh ann an diofar àiteachan com-pàirteachais air feadh nan eilean.

A bharrachd air seo, tha an dòigh-obrach ùr a’ feuchainn ri àite iomchaidh a thoirt do na h-Eileanan Siar ann an Ionadan VisitScotland air tìr-mòr leithid Ullapuil, An Òbain, Phort Rìgh agus Inbhir Nis a barrachd air a bhith a’ brosnachadh prògram Com-pàirtiche Luchd-tadhail VisitScotland (Visitor Information Partner - VIP) thairis air na h-eileanan. Tha còrr is 100 tàlaidhean, solaraichean àiteachan-fuirich agus taighean-bìdh anns na h-Eileanan Siar air gabhail anns a’ phrògram VIP mar-thà.

Bidh na ‘Coo Vans’ aig VistScotland agus an sgioba aige de luchd-obrach a-muigh fhathast a’ tadhal air an sgìre cuideachd.

Thuirt Malcolm Roughead, Àrd-oifigear VisitScotland: “Bidh sinn ag obair gu dlùth le coimhearsnachdan, gnìomhachasan agus buidhnean mar thoradh air ar com-pàirteachas leantainneach le Turasachd nan Eilean Siar gus dèanamh cinnteach gu bheil àite fiosrachaidh anns gach ceàrnaidh de na h-Eileanan Siar, a’ taisbeanadh an stòrasan beairteach, neamhnaidean falaichte agus sgeulachdan ionadail.

“’S ann mu roghainn an luchd-cleachdaidh a tha turasachd san latha an-diugh, a’ toirt seachad dhòighean tionnsgalach ùra gus eaconamaidh an luchd-tadhail a leudachadh. Tha fios againn gu bheil mòran den luchd-tadhail againn a-nis ag iarraidh nan rudan traidiseanta do luchd-turais a dhèanamh còmhla ri rudeigin sònraichte a bheir iad air falbh bhon àbhaist, agus a bheir cothrom dhaibh fìor eòlas fhaighinn air Alba nach fhaigheadh iad ann an àiteachan eile.

"Cuidichidh an com-pàirteachas seo, còmhla ris na leasachaidhean air-loidhne agus co-obrachaidhean digiteach leantainneach againn, gus cur ri solar fiosrachaidh do luchd-tadhail agus gus taic a thoirt do na com-pàirtichean turasachd againn ann an sgìrean air feadh na h-Alba.”

Thuirt Ian Fordham, Cathraiche Turasachd nan Eilean Siar: "Tha rannsachadh air sealltainn gu bheil luchd-tadhail a-nis a’ sireadh fiosrachadh air ceann-uidhe nan saor-làithean aca ann an àiteachan cho eadar-dhealaichte ris a’ bhòrd-bhracaist, an taigh-seinnse no air an rathad. An uair sin nuair a tha iad air saor-làithean, bidh iad a’ sireadh fiosrachadh fhad ’s a tha iad a-muigh, mus fhàg iad an t-àite-fuirich aca, no nuair a bhios iad aig ionad do luchd-turais.

"Ach ann an àiteachan mar na h-Eileanan Siar, tha an ceangal pearsanta fhathast cudromach, agus mar sin tha sinn airson dèanamh cinnteach gun urrainn do luchd-tadhail fiosrachadh fhaighinn ann an dòigh ‘cheangailte', tro dhiofar roghainnean ge b’ e far a bheil iad anns na h-Eileanan agus ge b’ e dè an t-àm den bhliadhna a th’ ann.”

Tha làrach-lìn VisitScotland visitscotland.com agus làrach-lìn Turasachd nan Eilean Siar www.visitouterhebrides.co.uk a’ ciallachadh gu bheil comhairle an-còmhnaidh ri faighinn mu na tha ri fhaicinn agus ri dhèanamh anns na h-Eileanan Siar.

An-uiridh, dh’fhoillsich VisitScotland atharrachaidhean air an dòigh anns am bi e a’ toirt seachad fiosrachadh air feadh na h-Alba, an dèidh atharrachaidhean ann an dòigh-ghiùlain aig luchd-tadhail. Tha an ro-innleachd nàiseanta ùr ag amas air a bhith a’ dèiligeadh ri mar a tha na h-àireamhan a tha a’ tadhal air ionadan fiosrachaidh VisitScotland air feadh na dùthcha a’ tuiteam, le dithis às gach triùir de luchd-tadhail a-nis a’ faighinn fiosrachadh air-loidhne, ach aig an aon àm ag aithneachadh gu bheil feum fhathast air seirbheis fiosrachaidh aghaidh ri aghaidh làidir.

Seirbheisean Fiosrachaidh eile aig VisitScotland:

Aig an àm seo tha 7,300 ball aig iKnow, a’ choimhearsnachd chruinneil air-loidhne aig VisitScotland a ruigear tro visitscotland.com agus a tha a’ toirt beò sràidean, caractaran agus cruthan-tìre na dùthcha againn don fheadhainn a tha fìor mheasail air an dùthaich againn. Tha for-ruigheachd digiteach eile a’ toirt a-steach com-pàirtichean ùra le TripAdvisor, Booking.com agus Turasachd Digiteach Alba.

AN DEIREADH

Download

Com-pàirteachas turasachd tionnsgalach airson nan Eilean Siar

Tha VisitScotland ann an com-pàirteachas le Turasachd nan Eilean Siar, air dòigh-obrach ùr ainmeachadh airson a bhith a’ toirt seachad fiosrachadh do luchd-turais anns na h-Eileanan Siar.

Asset type post
ID 111431
Word count 1062 words

Licence

Licence Editorial A Licence to use assets for editorial purposes, which is, to illustrate an event or story in an article but not commercially such as marketing a product or print ad. An Editorial asset may show a brand, a trademarked logo or product, a public personality, or recognisable people, without a signed release or with limited releases. When you use VisitScotland Editorial content you do so to illustrate Scottish tourism in a positive way.
Expiry No expiry date
Release date
Added at
Updated at:
Usage Editorial content can be published in a variety of formats ranging from print or digital to online. In print content can be featured in *newspapers *magazines *brochures. Online content can be published in a *blog *website *article or *social media. Regardless of the format this content should always promote Scotland’s tourism in a positive way.

Tags