Seòladair Oilimpigeach a’ brosnacahdh ghnothachasan gus a dhol air bòrd gus barrachd luchd-tadhail a thàladh

Bha cho cudromach ’s a tha e do ghnothachsan turasachd a bhith a’ dol an sàs ann am margaidh nan cur-seachadan a-muigh am measg nan cuspairean a chaidh a dheasbad aig Co-labhairt Turasachd na Gàidhealtachd am-bliadhna.

Bhrosnaich am prìomh-òraidiche, tè aig a bheil dà bhonn òr Oilimpigeach, Shirley Robertson, na daoine a bha an làthair na cothroman gus togail a thoirt dha na gnothachasan aca a ghabhail, na cothroman le Bliadhna Costa agus Uisgeachan na h-Alba ann an 2020 nam measg sin.

Chaidh an tachartas bliadhnail a chumail ann an Taigh-òsta Dhruim Athaisidh ann an Inbhir Nis an-dè (Dimàirt) agus bha mu 180 neach a bha an sàs ann an turasachd bho air feadh na Gàidhealtachd an làthair gus taisbeanaidhean, susbaint agus bùithean-obrach inntinneach a chluinntinn cho math ri taisbeanaidhean bho fharsaingeachd de bhuidhnean agus proifeiseantaich gnìomhachais le fìor eòlas.

Dh’obraich VisitScotland ann an com-pàirteachas le Comhairle na Gàidhealtachd agus Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus Com-pàirteachas Turasachd na Gàidhealtachd gus co-labhairt na bliadhna-sa a chur air bhonn. B’ e ‘A’ stiùireadh an eòlais a gheibh an luchd-tadhail’ an t-àrd-thèama a bha aig a’ cho-labhairt.

Bho luchd-tadhail a bha ag iarraidh eòlas a chur air pàirt shònraichte dhen mhargaidh leithid seòladh, uisge-beatha, no slighean rothaireachd-beinne, thucasan a bha a’ tighinn gus tadhal air neo gus pàirt a ghabhail ann an tachartasan san sgìre – tha iomadh dòigh ann anns an urrainn do ghnothachasan turasachd leudachadh a thoirt air an fhàilte Albannach sin agus togail a thoirt air an eòlas fa-leth a gheibh luchd-tadhail chun na Gàidhealtachd.

Thàinig co-labhairt na bliadhna-sa goirid an dèidh dhan ùghdarras siubhail Lonely Planet Gàidhealtachd agus Eileanan na h-Alba a thaghadh am measg ‘Best in Travel’ airson 2019 – an aon àite ann an Alba a chaidh a thaghadh.

Thug na bùithean-obrach agus na taisbeanaidhean seallaidhean agus fuasglaidhean practaigeach gus gnothachasan turasachd a chuideachadh gus brath a ghabhail air na cothroman ùra a tha a’ cuideachadh gus àrdachadh a thoirt air àireamhan luchd-tadhail.

Ann a bhith a’ cumail ris na tèaman a thaobh a bhith a’ leudachadh margaidhean dàna-thursan agus Bliadhna Costa agus Uisgeachan na h-Alba, 2020, ’s e buannaiche dà bhonn òr Oilimpigeach agus craoladair airson CNN, Shirley Robertson OBE, a lìbhrig prìomh-òraid na bliadhna-sa.

Tha Shirley aithnichte mar thosgaire airson na h-Alba agus tha farsaingeachd eòlais aice air a bhith a’ leudachadh fàilte na h-Alba agus a bhith a’ dol an sàs le margaidhean chur-seachadan spèisealta.Fhuair ise dha na clàran eachdraidh bhon as i a’ chiad bhoireannach Breatannach a choisinn dà bhonn òr Oilimpigeach aig dà gheamaichean Oilimpigeach sreath a chèile.

Thuirt Shirley:Bha mi air mo dhòigh cuireadh fhaighinn gu Co-labhairt Turasachd na Gàidhealtachd aig àm a tha cho brosnachail airson turasachd san sgìre. Tha a bhith air ainmeachadh am measg nam prìomh dheich ann an ‘Best in Travel’ aig Lonely Planet a’ dearbhadh na bha fhios againn air co-dhiù, gu sònraichte ma tha ùidh agad ann an dàna-thuras air a’ bhlàr a-muigh, gur e a’ Ghàidhealtachd an t-àite anns am bu chòir dhut a bhith.

Ach dhòmhsa, mar chuideigin a tha uabhasach measail air uisge, tha mi buileach air mo dhòigh gun deach 2020 ainmeachadh mar a’ bhliadhna Costa agus Uisgeachan na h-Alba. Abair cothrom air leth airson ar n-oirthir-mara eireachdail a thaisbeanadh, agus gus barrachd dhaoine fhaighinn gu bhith a’ faighinn tlachd bho fhear dhe na h-àiteachan as fheàrr air an t-saoghal airson tursan-mara.”

Rugadh i ann an Dùn Dè, ach ’s ann aig seachd bliadhna a dh’aois a thòisich an t-slighe aice gu ruige bonn òr Oilimpigeach ann an geòla bheag Mirror Miracle, a thog a h-athair anns a’ gharaids anns an dachaigh aca ann an Siorrachd Chlach Mhanainn. An dèidh pàirt a ghabhail anns na Geamaicheam Oilimpigeach ann am Barcelona (1992) agus Atlanta (1996), dhearbh Shirley gun robh i os cionn chàich san roinn aice le bhith a’ buannachadh bonn òr nan Geamaichean Oilimpigeach ann an Sidney 2000. Na b’ fhaide air adhart sa bhliadhna sin, chaidh a bhòtadh mar Ban-sheòladair ISAF na Cruinne, agus chaidh MBE a bhuileachadh oirre airson seirbheisean do Sheòladh Breatannach.

An dèidh a cuid soirbheachais ann an 2000, ghluais Shirley gu roinn ùr Yngling agus, an dèidh ceithir bliadhna de dh’obair chruaidh, bhuinig i an dàrna bonn òr eachdraidheil aice aig Geamaichean Oilimpigeach na h-Àithne ann an 2004. Sa bhliadhna an dèidh sin chaidh OBE a bhuileachadh oirre agus anns an Fhaoilleach 2006, thòisich i na prìomh-phreasaintear airson ‘Mainsail’ aig CNN. Tha i fhathast na preasaintear agus a’ riochdachadh prògram mìosal telebhisean aig CNN, agus bidh i tric ag obair le craoladairean eile leithid am BBC agus BT Sport.

Dh’inns Shirley mun sgeulachd bhrosnachail aice mu bhith a’ dèanamh na bha i a’ miannachadh a dhèanamh, gu bhith a’ faighinn a’ bhuinn as luachmhoire aig na Geamaichean Oilimpigeach. Agus le obair telebhisean ga toirt gu cinn-uidhe airson turasachd-mara air feadh an t-saoghail, tha barrachd fios aice na tha aig a’ chuid as motha air dè dh’fheumas Alba dèanamh gus farpais aig ìre na cruinne.

Am measg an luchd-labhairt eile bha an rothairiche dàna-thurasach Ed Shoote, a bhruidhinn riuthasan a bha an làthair mu bhith a’ dol an sàs le margaidh nan cur-seachadan gnìomhach, Graeme Ambrose, CEO aig VisitInverness Loch Nis a bhruidhinn air LochNess 360 agus Chelsea Charles, Àrd-stiùiriche Conaltraidh airson nam Bliadhnachan Comharraichte aig VisitScotland a thug fiosrachadh mu Bhliadhna Costa agus Uisgeachan na h-Alba 2020.

Bha seiseanan bùithean-obrach ann a’ sealltainn do ghnothachasan turasachd ciamar as urrainn dhaibh obrachadh leis na meadhanan, a’ toirt fàs air cliù seasmhachd gnothachais agus air a bhith a’ dèanamh do mhargaidh nas eadar-nàiseanta.

Thuirt Chris Taylor, Stiùiriche Com-pàirteachasan Sgìreil aig VisitScotland: Thog Co-labhairt Turasachd na Gàidhealtachd am-bliadhna air an t-soirbheachas aig an fheadhainn a bha ann am bliadhnachan eile agus chòrd e rium a bhith a’ cur fàilte air daoine chun an tachartais.

Tha fiosrachadh a chaidh fhaighinn a chionn ghoirid a’ sealltainn gu bheil, anns an 12 bliadhna mu dheireadh, 254 ceann-uidhe ùr air tighinn am bàrr air feadh an t-saoghail. Tha seo ag adhbhrachadh an t-uabhas farpais do ghnìomhachas turasachd na h-Alba anns a bheil luach de £5.2 bn.

Leis an urram gu bheil Gàidhealtachd agus Eileanan na h-Alba ann an liosta Best in Travel 2019 aig Lonely Planet, tha e nas cudromaiche na bha e riamh gum bi gnothachasan agus buidhnean air a’ Ghàidhealtachd ag obrachadh còmhla gus feum a dhèanamh dhen chliù a tha againn mu thràth, cothroman ùra a bhrosnachadh, a dhol an sàs ann am margaidhean ùra, agus gus adhartas a thoirt air an eòlas a tha luchd-tadhail a’ faighinn gus dèanamh cinnteach gum bi an roinn seo a’ fuireach am measg nan sàr àiteachan airson shaor-làithean an dèidh àrdachadh mòr ann an cinn-uidhe air feadh an t-saoghail.”

Thuirt an Comhairliche Ailean MacEanraig, Cathraiche Comataidh Àrainneachd, Leasachadh agus Bun-structar aig Comhairle na Gàidhealtachd:Mar fhear de na prìomh bhuidhnean a tha an sàs ann an turasachd, tha Comhairle na Gàidhealtachd air a bhith an sàs ann a bhith a’ cur taic ri Co-labhairt Turasachd na Gàidhealtachd airson iomadh bliadhna agus chan eil a’ bhliadhna seo eadar-dhealaichte bho sin.

Leis gun deach a chomharrachadh le Lonely Planet bho chionn ghoirid gur e a’ Ghàidhealtachd fear dhe na h-àiteachan as fheàrr anns an t-saoghal gus tadhal air agus na duaisean dhan Ghàidhealtachd bho Mhaoin Bun-structar Turasachd Dùthchail, tha e nas iomchaidhe buileach gun cùm sinn air taic a chur ris a’ ghnìomhachas.”

Thuirt Graeme Ambrose, Cathraiche Com-pàirteachas Turasachd na Gàidhealtachd: Aon uair eile, tha Co-labhairt Turasachd na Gàidhealtachd trang agus fìor mhath air a bhith againn. Tha sin a’ sealltainn gu bheil gnothachasan air a’ Ghàidhealtachd a’ cur luach sa chothrom a bhith a’ tighinn còmhla gach bliadhna, gus lìonraidhean a chruthachadh, gus ionnsachadh bho agus èisteachd ri luchd-labhairt brosnachail leithid Shirley Robertson OBE, a chuala sinn an turas seo.

B’ ann mu dhèidhinn a’ bhlàr a-muigh agus margaidhean dàna-thursan a bha tèaman na bliadhna-sa agus mar a tha sinn ag àrdachadh nan cothroman aig na margaidhean seo, rudeigin a tha sinn uile a’ smaointinn a tha bunaiteach airson gnìomhachas turasachd na Gàidhealtachd nas seasmhaiche.”

Rhona Fraser, head of regional development at HIE’s Inner Moray Firth team, said: “Tha turasachd deatamach do dh’eaconamaidh na h-Alba. Tha roinn turasachd làidir aig a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan le iomadh cothrom airson togail a thoirt air an iomadh neart a th’ aig an sgìre, nam measg sin turasachd air a’ bhlàr-muigh, dualchas agus cultar.

“Tha ar n-aire air a bhith a’ cur taic ris an roinn gus tarbhachd a leasachadh le bhith a’ gabhail brath air na cothroman gus leudachadh a thoirt air seusan na turasachd agus gus cleachdadh sgilean didseatach agus ùr-ghnàthachadh fhilleadh còmhla. “Tha sinn cuideachd airson fàs a thoirt air an fharsaingeachd agus càileachd de dh’eòlasan a tha luchd-tadhail a’ faighinn, a’ tàladh luchd-tadhail le luach nas àirde gus tlachd seasmhach fhaighinn às na tha aig a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan ri thabhann.

Neartaichidh seo uile an roinn, àrdaichidh e buannachd eaconamach agus ciallaichidh e gum bi turasachd na roghainn obrach nas tarraingiche, gu sònraichte do dhaoine òga ann an sgìrean dùthchail.”

Download

Seòladair Oilimpigeach a’ brosnacahdh ghnothachasan gus a dhol air bòrd gus barrachd luchd-tadhail a thàladh

Bha cho cudromach ’s a tha e do ghnothachsan turasachd a bhith a’ dol an sàs ann am margaidh nan cur-seachadan a-muigh am measg nan cuspairean a chaidh a dheasbad aig Co-labhairt Turasachd na Gàidhealtachd am-bliadhna.

Asset type post
ID 111424
Word count 1822 words

Licence

Licence Editorial A Licence to use assets for editorial purposes, which is, to illustrate an event or story in an article but not commercially such as marketing a product or print ad. An Editorial asset may show a brand, a trademarked logo or product, a public personality, or recognisable people, without a signed release or with limited releases. When you use VisitScotland Editorial content you do so to illustrate Scottish tourism in a positive way.
Expiry No expiry date
Release date
Added at
Updated at:
Usage Editorial content can be published in a variety of formats ranging from print or digital to online. In print content can be featured in *newspapers *magazines *brochures. Online content can be published in a *blog *website *article or *social media. Regardless of the format this content should always promote Scotland’s tourism in a positive way.

Tags