Wir verwenden Cookies
Wir verwenden Cookies, um Ihre Erfahrung auf dieser Website zu verbessern.
Sie können unsere Cookie-Richtlinie akzeptieren oder Ihre Auswahl anpassen.
Bitte lesen Sie unsere Cookie-Richtlinie für weitere Informationen.
Aig àm nuair a tha Alba a’ comharrachadh 130 bliadhna bho rugadh "neach-tòiseachaidh an telebhisein" ann an Alba, tha a’ bhuidheann nàiseanta airson turasachd air leabhar-iùil a chur air bhog a tha ag amas air luchd-amhairc telebhisean a tha ri ‘set-jetting’.
Ann an TBh Suidhichte ann an Alba, a rinn VisitScotland, tha mion-fhiosrachadh ann mu chòrr is 60 prògram telebhisein a chaidh a dhèanamh ann an Alba no aig a bheil ceangal ri Alba.
Tha an leabhar 36-duilleig seo coisrigte dhan innliche agus innleadair John Logie Baird a rugadh ann am Baile Eilidh air 13 Lùnastal, 1888 agus thathar ga mheas mar fhear de dh’athraichean an telebhisein agus mar a’ chiad neach a thaisbean dealbhan TBh dhan t-saoghal.
Bidh TBh Suidhichte ann an Alba ri fhaighinn saor ’s an-asgaidh aig àiteachan a tha tarraingeach do luchd-turais agus aig iAonadan VisitScotland air feadh na dùthcha agus gabhaidh e luchdadh a-nuas aig visitscotland.com.
Bhon phrògram aithriseach, Night Mail a bha na chlach-mìle, gu Ordeal by Innocence, stèidhichte air sgeulachd le Agatha Christie, tha an leabhar-iùil a’ coimhead air beothachaidhean, prògraman aithriseach, dràmathan, sit-coms agus siabainn a chaidh fhilmeadh ann an Alba, no a fhuair brosnachadh bho Alba thairis air an 80 bliadhna a dh'fhalbh.
A’ cumail ris an fhòrmat mar 'leabhran TBh', tha taghadh de dh’fhilmichean ann cuideachd agus tha earrannan sònraichte ann mu Outlander, Doctor Who agus caractaran Albannach ainmeil air an sgrìn bheag, nam measg Scrooge McDuck bho DuckTales agus Scotty bho Star Trek.
Am measg nam prìomh nithean, tha:
Ann an ro-ràdh a chaidh a sgrìobhadh gu sònraichte, thuirt Peter May, ùghdar agus co-chruthachair an t-siabainn Ghàidhlig Machair gun robh “seallaidhean do-chreidsinneach na h-Alba” a’ fàgail gu bheil i na "cùis-fharmaid dhan t-saoghal air fad”.
Sgrìobh e: “Bidh filmeadairean is companaidhean TBh a’ tighinn à fad is farsaing air taistealachd a dh’Alba gach bliadhna gus sgrìnichean an cuid luchd-amhairc a lìonadh le ìomhaighean mìorbhaileach de bheanntan còmhdaichte le sneachd, de thràighean airgid agus de mharannan tuirc-ghorm. Tha cruth-tìre agus cultar air leth aig Alba airson nan companaidhean film is TBh sin mar shuidheachadh, chan ann a-mhàin airson prògraman aithriseach ach cuideachd airson dràmathan clasaigeach den ìre as àirde.”
Tha TBh Suidhichte ann an Alba ag amas air togail air an fhasan a tha sìor-fhàs de ‘set-jetting’. Tha rannsachadh a’ sealltainn gun deach an turas aig aonan às gach còignear luchd-tadhail do dh’Alba a bhrosnachadh le bhith a' faicinn àiteachan air an sgrìn mhòr no bheag.
Thuirt Fiona Hyslop, Rùnaire a’ Chaibineit airson Cultair, Turasachd agus Cuisean Taobh a-muigh: “Tha seallaidhean agus dualchas togte na h-Alba, cho math ris a’ chultar bheartach is eadar-mheasgte againn air iomadh filmeadair a tharraing thar nam bliadhnaichean.
“Tha mi a’ cur fàilte air an leabhar-iùil seo a tha a’ mapachadh far an deach cuid de na prògraman TBh sgoinneil a chaidh fhilmeadh ann an Alba a dhèanamh. Brosnaichidh seo luchd-coimhead TBh de gach aois a bhith a’ tighinn an seo gus na h-àiteachan mìorbhaileach a chunnacas air an TBh fhaicinn dhaibh fhèin.”
Thuirt Jenni Steele, Manaidsear Film is Gnìomhachasan Cruthachail aig VisitScotland: ”Chan eil an liosta de phrògraman telebhisein agus àiteachan filmidh ann an TBh Suidhichte ann an Alba iomlan, ach tha an leabhar-iùil spòrsail agus fiosrachail seo, a tha a’ gabhail a-steach rudan a tha mòr-chòrde còmhla ri seudan nach eil cho aithnichte, na thoiseach tòiseachaidh do luchd-tadhail a tha airson rannsachadh a dhèanamh air na h-àiteachan air-sgrìn agus àiteachan tarraingeach eile faisg air làimh.
“Tha a’ bhuaidh a th' aig dèanamh fhilimichean ann an Alba tòrr nas motha na dìreach na thèid a chosg air an fhilmeadh fhèin. ‘S urrainn do dh’Alba luchd-amhairc eadar-nàiseanta ana-mhòr a ruighinn agus, le rannsachadh a’ sealltainn gu bheil aonan a-mach à còignear luchd-tadhail air am brosnachadh gus tighinn an seo às dèidh dhaibh Alba fhaicinn air-sgrìn, tha cothroman ro-mhòr ann do ghnìomhachas na turasachd.”
Tha na figearan as ùire a’ sealltainn gun deach £95 millean a chosg air film is TBh ann an 2017 - an ìre as àirde riamh - agus àrdachadh de £26 millean bhon bhliadhna mu dheireadh. Thairis air an deichead mu dheireadh, tha na chaidh a chosg air a dhol suas còrr is 300%.
Dh’fhoillsich VisitScotland an leabhar, Set in Scotland: A Film Fan’s Odyssey roimhe, aig an robh fòcas air na filmichean a chaidh a dhèanamh san dùthaich.
Airson barrachd mu TBh is filmichean a chaidh a dhèanamh ann an Alba agus gus TV Set in Scotland a luchdadh a-nuas, tadhail air: www.visitscotland.com/film
AN DEIREADH
Leabhar-iùil ùr aig VisitScotland gus luchd-leantainn ‘set-jetting’ TBh a bhrosnachadh